Sign our Guestbook


Ness Historical Society


 
Duilleag Bheachdan
 

 

Do Bheachdan Fhein

 

 
Duileligean
Obair

Bèicearachd

Clann-Nighean an Iasgaich Iasgach Nis
Banaltradh Clann-Nighean an Iasgaich (2)  
 
’S e ath-sgrìobhadh de agallamh a bh’air a chlàradh air teip-claistinn th’anns na leanas agus tha sin follaiseach san dòigh còmhraiteach agus no-fhoirmeil sa bheil e air a sgrìobhadh.
(The following is a transcript of a tape-recorded interview, which is reflected in the informal and conversational nature of the item.)
 
Chirsty Morrison (Ciorstaidh Mhurdaidh), Edgemoor, Lional

Cha robh mi sia deug nuair a dh’fhalbh mi bhon taigh an toiseach.  Dh’fhalbh sinn còmhla ri cairtear aig sia uairean ‘s a mhadainn ‘s cha do ràinig sinn Steòrnabhagh gu seachd uairean a dh’oidhche.  Na rathaidean cho dona, cha robh rathaidean ann ach rathaidean cnapach clachach.  Dh’fhalbh Gormal Sheonaidh còmhla rinn agus ‘se Aonghas an Ghiolais an cairtear.  Ràinig sinn gu math sgìth, tighinn a mach as na leothaidean a’ sàbhaladh an each ‘s a’ feuchainn ri dìreadh air ais dhan a’ chàrn. 

 
Chan fhaigheadh sinn a steamair gu madainn a màireach, an t-Sheila.  Chaidh sinn an uairsin dhan a Chaol.  Bha sin ann a September - thòisich an cogadh ann an August.  Bha na cairtearan a bha tighinn ­à Steòrnabhagh ag èigheachd rinn “Càit a chreutairean bochd a bhei­l sibh dol?  Eil fhios agaibh gu bheil cogadh ann?”  Sin September 1914.  Bha ‘n oidhche againn ri caitheamh ann a Steòrnabhagh gu falbhadh a steamair anns a’ mhadainn.  Chaidh sinn dhan a Chaol ‘s bha againn ri fuireach ann a sin gu madainn a màireach a rithist.  Bha tòrr dha na luinichean dhan dùnadh.  Co dhiù, thachair dithis rinn as a sgìre - fear dha na “regular soldiers” tighinn dhachaidh air “leave” - Dòmhnall Mòr Iain Thormoid tighinn dhachaidh air a cheud “leave” as a Fhraing agus Mac Alasdair Dilear (Polaidh), esan bha e seòladh.  ‘S thug iad sinn gu taigh ris an canadh iad “Taigh Bodach an Iasg Saillt” anns a Chaol ‘s bha sinn ann a sin man a bha sinn.  Bha iad fhèin a’ fuireach ann cuideachd.  Iadsan tighinn dhachaidh gu Steòrnabhagh ‘s sinne dol air adhart. 

Chaidh sinn air bata beag anns a mhadainn, bha nighean eile còmhla rinn bhon Bhac - “yoinig” i sinn as an t-Sheila ‘s cha bu mhotha am bata na tuba, gar toirt a Mhallaig ‘s bha mi smaoineachadh nach cromainn an “gangway” aic gu brath, man àradh chaol, cho domhainn ‘sa bha i.  Ràinig sinn sin co dhiù, ‘s chaidh sinn air an trèana ‘s bha a nighean eile dol a Lunnainn ‘s mise dol a Ghlaschu.  Ràinig sinn Glaschu ‘s bha piuthar mo mhàthair dha mo choinneachadh ann a sin. 

Bha mo bheachd air an trèana math gu leòr ach cha robh mi air trèana fhaicinn a riamh gu sud.  Cha robh mi ann a Steòrnabhagh a riamh gu sud.  A fear a bha pòsda aig piuthar mo mhàthair ‘se an “engineer” a bh’ann nuair a bha iad a togail a “quay” anns a’ Phort.  Bha e fuireach ac ‘s dh’fhalbh iad a dh’fhuireach a Ghlaschu.  Bha mi mìos na dha còmhla ri piuthar mo mhàthair. 

Chaidh mi còmhla rithe gun a “register” agus “registerig” mi airson a dhol air mhuinntireas agus chaidh mi dh’obair a thaigh.  Bha mi glè òg agus air mo latha mach bha m’ fhalt slaodadh rium - ceangailte air cùl mo chinn le ruban agus bhruidhinn am boireannach rium airson sin.  Thuirt i gu saoileadh na nàbaidhean gu robh mi uamhasach òg ‘s gu feumainn m’ fhalt a chur an àrda.  Rinn mi sin gus a saoileadh iad gu robh mi na b’ aosda na bha mi.  Cha robh e furasda faighinn searbhantan an uair ud, bha h-uile duine dol chun “ammunition”. 

Bha chiad tòiseachadh aig a’ chogadh ‘s na searbhantan a fàgail.  ‘Se dà not as a mhìos am pàigheadh a bha mi faighinn, no £2.10/- a rithist trì notaichean man a bha sinn a dol air adhart.  Ag èirigh aig sia uairean ‘s a mhadainn.  Cuir air teintean ‘s a glanadh ‘s a bhracaist.  A h-uile latha le obair fhèin.  Latha nigheadaireachd, latha iarnaigeadh.  A h-obair fhèin aig an tè bh’anns an “dining-room”.  Am biadh aig a’ chòcaire.  Bhithinn a’ còcaireachd agus bhiodh agam ri freagairt an “front door” anns a’ mhadainn agus an “dining room” a ghlanadh.  A bhracaist agam ri dhèanamh cuideachd.  Sin “duties” na madainn.  “Lounge” ri ghlanadh ‘s rumannan eile aig t-eile.  ‘Se rapair ‘s aparan an t-aodach a bhiodh oirnn, rapair “print” ‘s aparan le “bib” agus boineid cruinn ma ‘r ceann.  Bha sin air a h-uile duine.  ‘S nuair a thigeadh a feasgar bha nighean a bha ri freagairt an dorais agus ag obair anns an “dining-room” - bha froca dubh ri dol oir le colair geal agus bha cufaichean geal oirre ‘s boineid.  Sin man a bha a h-uile duine a bh’air mhuinntireas.  A “duties” fhèin aig a h-uile duine.

Bha mi “crowd” mhìosan ann a sin gus na thoisich mi cluinntinn am pàigheadh a bha clann-nighean a bha tighinn bhon taigh a’ faighinn aig an “ammunition”.  Dh’fhàg mi ‘n taigh ud ‘s chaidh mi a thaigh eile.  ‘Sann as an taigh eile dh’fhalbh mi gu ‘n “ammunition”.  Mi-fhèin ‘s nighean eile thàinig bhon taigh ‘s fhuair sinn rum.  Bha na cailleachan a tuigsinn “alright” gu robh barrachd pàigheadh aig an “ammunition” - ach bha e duilich dhaibhsan searbhantan fhaighinn - a h-uile duine fàgail.  Fhuair sinn rum co dhiù, mi fhèin ‘s Catriona Mhurchaidh Ghuinne agus bha sinn glè dhòigheil. 

Thug sinn greiseag gun obair fhaighinn, bha sinn a’ feuchainn faighinn obair faisg air na “lodgings” againn ach ‘sann a fhuair sinn obair ann a Renfrew aig Babcock & Wilcox


Munitions

Cha robh ach triùir ann an sin a Nis ‘70lb shrapnel shells’ a bha iad a’ dèanamh.  Agus ‘s ann air an “inspection dept” chaidh sinne chuir.  ‘S cha robh mòran obair againn ach a “passaigeadh” na seilichean.  Bha “uniform” air a h-uile duine ann a sud ach ‘se “khaki” a bh’air an fheadhainn a bh’anns a “factory” - ach ‘se bh’ oirnne “coat overalls” ghorm agus “arm band” dearg le “inspection dept”. 

Bha sinne staigh dà uair a thìde còmhla ris na “night-shift”.  Bha “day-shift” dheth aig sia uairean ‘s cha robh sinne dol dheth gu ochd ‘s an aon rud as a’ mhadainn.  Bha sgoil againn ri “attendeadh” ann airson ionnsachadh mu na “shells”.  “Drawigeadh” shrapnel shells 70 pounders – ‘s na bha bhullets a dol annta ‘sa h-uile càil a bha sin ‘s bha iad an uairsin a’ dol gu department eile.  Agus gus am “passaigeadh” tu a sgoil chan fhaigheadh tu “trade mark” - cha b’urrainn dhut marcaigeadh na “shells”.  Bha na ceudan mòr ag obair ann, ach cha robh tòrr “inspectors” ann. 

Bhiodh “concerts” againn ann nuair a bhiodh sinn anns a’ chanteen a’ faighinn ar biadh.  Feadhainn a factaraidh fhèin ‘s iad “dressed-up” - ‘s bha iad glè mhath cuideachd.  Cha robh sinne mar “inspectors” pàighte cho math ris an fheadhainn a bha ‘g obair anns a factaraidh aig na “machines” ach bha ‘n “yoba” na b’ aotram.  ‘Sann anns a phost-oifis a bha sinne faighinn ar pàigheadh – government department.  Bha muinntir a factaraidh pàighte aig an doras.  Bha sinn glè dhòigheil ann a sin.

 

Air Adhart>