Sign our Guestbook


Ness Historical Society


 
Duilleag Bheachdan
 

 

Do Bheachdan Fhein

 
To reduce unsolicited ‘junk’ entries, we scrutinise Guestbook comments to ensure they are genuine before publication on the website.  We apologise for any inconvenience caused.
<Air Ais

Annie Morrison (Anna Gormal) an aodach munitions  
Bha sinn a’ fuireach co dhiù anns an taigh a bha seo ‘s bha sinn a mothachadh a h-uile seachdain gu robh uamhasach beag againn dha ar pàigheadh seachdainneach.  Bha sinn a’ toirt a steach ar biadh fhèin.  Preas againn leis - agus a dèanamh ar biadh a h-uile latha.  Bhiodh sinn ag obair air an t-Sabaid uaireannan, gu h-àraidh a “night-shift”.  Mhothaich sinn co dhiù gu robh an “bill” againn a h-uile seachdain tòrr na bu daor na bha sinn ag iarraidh.  Nach robh coir aige bhith cho daor ‘s bha rudan air nach robh sinn ag òrdachadh as a bhùth ann.  Agus thàinig ormsa bruidhinn ris a bhoireannach – cha bhruidhneadh an t-eile idir ach na bha i dèanamh a ghàireachdainn.  Ach thàinig ormsa leis man a bha sinn air ar sàrachadh ‘s mo phiuthar shìos pìos a rathad faighinn “treatment” tòrr na b’fheàrr na bha sinn, agus ‘s e boireannach Gàidhealach aig an robh sinn a’ fuireach cuideachd.  Thuirt mi rithe gun deidhinn fhèin sìos a phàigheadh a “bhill” an Disathairne ud agus cha do chord e rithe.  ‘S thuirt mi ri fear na bùth nach robh sinne idir ag “usaigeadh” na bh’air a phàipear a bha seo de “ghrocery”.  Well, cha robh aige san air ach an “grocery” thoirt seachad. 

Dh’fhàg sinne an taigh an uairsin agus chaidh mise dh’fhuireach còmhla ri mo phiuthar a bha shìos bideag a rathad.

Bhiodh cearc a’ tighinn bhon taigh an dràsta ‘s a rithist.  Fhuair a nighean a bha còmhla rium an uair a bha sinn anns an taigh ud – an tè a bhiodh a’ goid oirnn – fhuair i tunnag.  Agus thuirt i rinn gu robh “guest” a gu bhith aice fhèin gu diathad agus gu ròsdadh i fhèin an tunnag dhuinn.  Aig tìde Xmas a bh’ann co dhiù ‘s thàinig i steach a gàireachdainn – laughing bags – le dà thruinnsear thugainn le sgiath air gach truinnsear.  Sheall an dithis againn ri chèile ‘s cha chanadh an t-eile càil.  Toisich i lachannaich ‘s bha sinn “disgusted”.  Sud na fhuair sinn dhan tunnag - tunnag mhòr a chur a màthair thuice.  Ach ‘s ann a bha sinne leis a bheagan a bh’ againn ri chuir dhachaidh.  ‘S an uair a bha mise ‘s mo phiuthar anns an aon “lodgings” bha parsail a’ dol dhachaidh a h-uile seachdain bhon darna tè agus an t-eile not.   Sin man a bha sinn a’ dèanamh, seachain mu seach.  Na dachaighean cho feumach air a not. 

Bha sinn a’ cur a h-uile seòrsa rud dhachaigh nuair a fhuair sinn pàigheadh an ammunition.  Bha am pàigheadh a’ dol an àirde a h-uile car.  Thug sinn ceithir bliadhna mar sin ach fhuair sinne “shift” a Chardonald dhan a factaraidh.  Ach chan ann chun an “inspection dept” a dh’iarr sinn a sin ann ach chun a factaraidh.  ‘S chaidh mise an uairsin a chur gu “machine” sheilichean mòra, mòra.  Bha sinn glè dhòigheil ann a sin agus ‘se “Bays” a chanadh iad ri “foremen” na “machines”.  Bha sinn faisg air na “lodgings” agus ‘s ann as a sin a dh’fhàg sinn.  Nuair a sguir an cogadh bithidh cuimhn’ agam air gu bràth. 

Thàinig mise dhachaigh greiseag an dèidh sin.  A latha sguir an cogadh chaidh sinn suas am baile ‘s bha iad bhon a h-uile àite an sin – am baile cur thairis.  Ag èigheachd ‘s a sgreuchail ‘s a’ gal ‘s a’ rànail.  Ach ‘se bha nighean eile ag ràdh ach “Càit a nis a faigh sin obair?”  Ach bha aon nighean còmhla rinn anns a factaraidh ‘s bha i air a triùir bhràithrean a chall ‘s cha tig dì-chuimhne agam air cho duilich ‘s a bha mi air a son.  Bha i dìreach ann a “hysterics” a’ rànail.  An dèidh a triùir bhràithrean a chall ‘s an cogadh air sguir.

Thàinig mise dhachaigh an uairsin agus bha mi aig an taigh airson mìos no dha agus thill mi air ais - ‘s ann air mhuinntireas a chaidh mi.  Chaidh mi a rithist a steach na mo chòcaire ann am Pollockshields.  Bha mi trì bliadhna anns an taigh sin.  Cha robh mi na bu lugha na trì bliadhna ann an gin a thaigh ach a fear a chaidh mi ann an toiseach.  ‘Se taigh math a bha mi ann an Pollockshields.  Bha ‘n taigh dùint’ fad a’ chogaidh agus a’ chlann-nighean a’ dèanamh “voluntary service” anns a’ chogadh – nursaigeadh ann an ospadail ‘s rudan dhan t-seòrsa sin.  Bha ceathrar nighean ann agus an aon mhac a bh’ aca chaidh a mharbhadh anns na Dardanelles.  Agus bha ‘n athair an dèidh bàsachadh roimh ‘n sin.  ‘S ann air fosgladh an taigh - ‘s ann a chaidh mise ann. 

Bhiodh feadhainn a’ tighinn a chèilidh air an oidhche nach biodh sinn a’ dol a mach cuairt agus a cèilidh air càch a chèile.  Bha sinn dòigheil gu leòr le ar staid an uairsin airson greis.  Bha am pàigheadh na b’fheàrr agus bha ‘n obair a còrdadh rinn glè mhath ach bha obair gu leòr oirnn cuideachd.  Cha robh anns an taigh ach dithis – mi fhèin ‘s nighean à Dumfries.  Leadaidh dha-rìreabh a bh’ innte – Mrs Macleod.


Obair munitions

Dh’fhàg mi sin agus chaidh mi gu Winton Drive gu boireannach eile, Mrs Graham.  Mi-fhèin agus t-eile.  Cha robh barrachd air dithis as an taigh ann an àit anns an robh mi an Glaschu gus an deach mi Lunnainn.  Nuair a dh’fhalbh mi a Winton Drive dh’fhalbh an nighean eile dh’ Ameireagaidh.  Chaidh ise Chanada ‘s chaidh mise Lunnainn.  Agus bha “ladies life” agam ann a Lunnainn an taca ris an obair a bh’ oirnn a slèibhigeadh ann an Glaschu – agus a dhà uiread a phàigheadh.  Cha robh “washing” ‘s cha robh càil ri dhèanamh ann a sin.  Ach an Glaschu bha ‘n còcaire dèanamh a nigheadaireachd ‘s an iarnaigeadh – bhiodh uaireannan uair ‘s a’ mhadainn mas biodh tu deiseal, na bha sin de dh’ aodach.  Cho sgìth air ar casan.  Cha robh càil dhan a sin ann a Lunnainn – chan fhaodadh aodach a dhol a mach ann a sin idir.  Bha basgaid mhòr “square” a’ falbh a h-uile Diluain le aodach na searbhantan ‘s le aodach an taigh gu lèir agus a’ tighinn a rithist Disathairne – cha robh fiù na stocainnean ‘s na dustairean ‘s a h-uile càil nach robh dol dhan a “laundry”.  Ach cha robh sinne idir cur ar stocainnean ann an dèidh sin.  Bha sinne nan tiormachadh air a “bhoiler”.  Bha “life” mhath aig na searbhantan ann a sin. 

Chaidh mi gu “actor” Leslie Faber agus bha e an dèidh a thighinn as a’ chogadh.  Bha mi ann an taigh eile ‘s bha naoinear againn ann agus ‘s e American Jews a bh’annta.  Taigh nach robh ann a Hampstead a leithid – bhiodh na “workmen” a bhiodh a’ tighinn ann a’ dèanamh càil ris na h-uinneagan ag ràdh nach robh leithid ann a Hampstead.  Aig Leslie Faber ‘s a bhean ‘s e taigh beag a bh’ann. 

‘S e Agnes Mhurchaidh Ghuinne a fhuair an àite dhomh agus dh’fhònaig am boireannach Mrs Graham a dh’iarraidh mo “reference”.  ‘S e “actress” a bh’ann am bean Leslie Faber ach ‘s e an darna bean aige bh’ann.  Agus bha ‘n dithis chloinne aige dall.  Bha balach ‘s nighean aige bho ‘n chiad bean ‘s bha iad dall.  ‘S phòs e an “actress” òg seo.  Bha i anns a “theatre” of course.  Bha ‘valet’ aige san agus bha e anns a “theatre” còmhla ris anns an “dressing-room”.  ‘S ann a rinn mise sgonaichean dhaibh latha agus as dèidh sin dh’fheumainn sgonaichean (scotch scones) a dhèanamh dhaibh a h-uile latha cha mhòr a bheireadh e leis - “They so enjoyed the Scotch cooking”. 

Thàinig mi dhachaidh air “holiday” bho Leslie Faber ann a September agus thàinig tè a bha dol a ghabhail an àite gus an tillinn a steach gu “interview” airson a mhìos a bha mise gu bhith air falbh agus bha ‘n creutair cho “dressed” ‘s bha i na bu choltaiche ri “mistress” na ri searbhant.  Agus bha i ag innse dhuinn gu robh i feitheamh ro dol a’ Chanada, ach bha i ‘g innse duan bhreug.  Bha i “dressed” ann a “furs” agus nuair a thill mise air ais ‘s ann a bha ‘n creutair sin ‘s bha fear air a bhith tighinn a steach a shealltainn oir agus ‘sann a bha i an dèidh a bhith “blackmailing” an duine bha seo ann an oifis.  Bha na poilis a cuir stad air a nighean eile bha ‘g obair còmhla rithe ‘s dha “molesteadh” - Olive a bh’air an nighean eile – Chaidh Olive as a ciall airson sin agus report Leslie Faber e agus co dhiù fhuair i “sack”. 

Thill mis air ais ‘s dh’fhàg mi e.  Sin nuair a chaidh mi Hampstead.  Sherman a bh’ orra.  Agus an dèidh sin thàinig mi dhachaigh a phòsadh ann an 1926.

 
          Cuideachd:  Clann-Nighean an Iasgaich