Sign our Guestbook


Ness Historical Society


View My Guestbook
Sign My Guestbook

 
To reduce unsolicited ‘junk’ entries, we scrutinise Guestbook comments to ensure they are genuine before publication on the website.  We apologise for any inconvenience caused.
 

Mur Deidhinn

 

Dè tha Comunn Eachdraidh Nis air a dhèanamh dhan sgìre bho thòisich e ann an 1977 agus ciamar a tha e air cuideachadh ann a bhith a’ leasachadh cànan agus cultar na Gàidhlig?

Ro-ràdh
Bho chaidh Comunn Eachdraidh Nis (CEN) a stèidheachadh ann a 1977 tha e air tòrr pròiseactan a chuir air chois gus eachdraidh na sgire a chruinneachadh agus gus a’ Ghàidhlig a chumail beò.  Tha e inntinneach faicinn, ann an cunntas-sluaigh 2001, gun robh a Ghàidhlig aig 76.4 sa cheud de shluagh na sgìre – an àireamh as airde san t-saoghal air fad!

Tha an Comunn Eachdraidh air a’ Ghàidhlig a neartachadh anns an sgìre agus tha e air an òigridh a thoirt nas fhaisg air na seann dhaoine a bhuineas dhan sgìre.  Tha e làn fiosrachaidh agus tha a h-uile càil fosgailte dhan luchd turais agus dha muinntir na sgìre.  Tha an stòras a tha seo gu sònraichte prìseil do na daoine a bhuineas don sgìre ach a tha a’ fuireach air falbh.

An Comunn Eachdraidh ann an Tabost, Nis

‘S e an rud as motha a tha air cuideachadh gu bheil an Comunn Eachdraidh air moran cruinneachaidh a dhèanamh air cuspairean sònraichte co-cheangailte ri eachdraidh na sgìre agus tha pasgain de dh’fhiosrachadh mu na cuspairean sin rim faighinn san togalach.  Tha an Comunn Eachdraidh cuideachd air leabhraichean a chur an clò, agus air taisbeanaidhean a chumail air cuspairean, agus air fèisean agus làithean sònraichte a chumail air son dualchas agus cultar na sgire a chuir fa chomhair dhaoine.  Tha na pròiseactan seo air an Comunn Eachdraidh a chumail beo agus air obraichean agus gnìomhachas a chur air adhart anns a’ choimhearsnachd.

Toiseach tòiseachaidh
B’ e seo à chiad chomann eachdraidh a chaidh a chuir air chois agus thachair sin ann an 1977.  On an uair sin tha mòran chomainn eachdraidh air an stèidheachadh air feadh nan Eilean an Iar agus cuideachd sios taobh siar na Gàidhealtachd agus ‘s na h-eileanan nas fhaisg air Tir Mòr.

Tha Comunn Eachdraidh Nis a’ gabhail a-steach a h-uile baile bho Bhaile an Truiseil gu Poirt Nis – oir bhathar a’ faicinn gun robh clann bho na bailtean sin air fad a’ dol gu Sgoil Lìonail air a’ chiad dà bhliadhna den oideachadh san àrd-sgoil agus bhathar den bheachd gun robh e cudthromach gum biodh fiosrachadh ‘sa Chomunn Eachdraidh mu na bailtean aca.  Tha an stòras cuideachd a’ gabhail a-steach eileanan Rònaidh agus Sùlaisgeir, oir tha ceangal sònraichte air a bhith aca sin ris an sgìre ged a tha iad mu dha fhichead mìle air falbh bho Rhubha Rhobhanais.

Chaidh an Comunn Eachdraidh a chuir air chois an uair a bha Pròiseact Muinntir nan Eilean ag obair ann an sgìre Nis.  Thaìnig triùir aig an robh ùidh ann an eachdraidh na sgìre còmhla gus an stòras a chuir air chois san sgìre far am faigheadh daoine fiosrachadh mun àite.  ‘S e am feallsanachd a bha aca gur e cruinneachadh a bhiodh ann a bhiodh air a dhèanamh le muinntir an àite fhèin airson muinntir an àite.

Chaidh iarrtas a chuir a-steach gun Manpower Services Commission airson taic airgid airson an obair seo a dhèanamh agus fhuairear sgioba de shianar dhaoine òga a bha deonach a dhol an sàs sa phròiseact seo.  Cha robh na h-ughdarrasan buileach cinnteach dè a bha fainear dhan phròiseact a bha seo agus cha robh iad ro dheònach cuideachadh a thoirt dha.

Nuair a thoisich CEN cha robh e furasta togalach a lorg a chleachdadh iad agus fhuair iad seòmar bheag ann an talla na sgìre ann an Dail bho Thuath.  Cha robh aca san t-seomar sin ach seann bhòrd canteen a fhuair iad bho Sgoil Chrois, dhà na trì sheathraichean agus ‘filing cabinet’ a thug Pròiseact Muinntir nan Eilean dhaibh.

Thòisich an òigridh a’ falbh air feadh an bailtean ag innse do dhaoine gun robh iad a’ cruinneachadh eachdraidh na sgìre.  Bha gu leòr dha na daoine sin nach robh a’ tuigsinn gu dè a bha sin a’ ciallachadh.  Bha cuid den bheachd nach robh eachdraidh a’ tighinn na b’ fhaisg orra na Blàr Chùil Odair!  B’ ann an uair a thòisich daoine a’ tuigsinn gur e eachdraidh am beatha fhèin pairt de eachdraidh na sgìre , a thòisich am pròiseact dha-riribh.  Thòisich na dealbhan a’ dortadh a-steach .   Mu dheireadh thall thòisich daoine a’bruidhinn air teip, a’ toirt seachad criomagan de bhàrdachd na sgìr, ‘s ag innse ainmean nan àitean.


Clach Ronaidh

B’ ann san Iuchair 1978 a chaidh a’ chiad taisbeanadh a chumail ann an Talla Nis agus b’ ann an uair a chunnaic iad na chaidh a chruinneachadh a thuig a’ mhòr chuid de mhuinntir na sgìre an stuth prìseal a bha a-nis a’ tighinn ri chèile san sgìre aca fhèin.  Stuth a bha leis an sgìre fhèin’s cha b’ ann air a thasgadh suas an an oilthighean fada air falbh air Tir Mòr.

Bha a-nis an seòmar anns an robh iad san talla air fàs fada ro bheag agus chaidh àite a lorg ann an Seann thaidh a’ Mhaighstir-sgoile an Cros.

Cha b’ fhada gus an do dh’fhas sin fhèin ro bheag agus fhuair an Comunn Eachdraidh Seann Sgoil Lìonail bho Chomhairle nan Eilean.  Chuirear seachad beagan bhliadhnachan ann an sin gus an do dh’fhas an togalach sin cho dona agus gum b’ fheudar a dhol a lorg àite eile.  Gu fortanach dhaibhsan bha seann factaraidh ann an Tàbost falamh agus thug Comhairle nan Eilean cead dhan Comunn Eachdraidh gluasad a-steach dhan togalach sin ann an 1992.

Bha an Comunn Eachdraidh a-nis ann an togalach mòr glan, làn ghoireasan agus chaidh tòiseachadh ga chuir air dòigh.  Chaidh aon phìos a chuir air leth mar ‘telecottage’ le goireasan coimpiutaireachd, facs, modem agus ‘photo-copier, goireasan nach robh air a bhith san sgìre airson feumalachdan muinntir an àite gun àm seo.  Chaidh ceàrnaidh eile a chuir air dòigh mar thaigh-tasgaidh agus pìos eile mar àite-bidhe, àite-taisbeanaidh agus bùth.

Ged a bha an Comunn Eachdraidh air a stèidheachadh o thus le comataidh agus le inbhe carthannais, mar a chaidh tide seachad bhathar dhan bheachd gum biodh e na b’ fhearr nan deigheadh atharrachadh gu bhith na chompanaidh earranta agus chaidh seo a dhèanamh ann an 2002 agus tràth ann an 2003 fhuair an Comunn Eachdraidh inbhe mar bhuidheann a bha clàraichte leis an ‘Scottish Museums Council’.  Bheireadh seo cothrom dhan Chomunn Eachdraidh air maoin fhaighinn bho mòran bhuidheanean oifigeil ach tha e cuideachd a’ ciallachadh gum feum siostaman clàraidh formeil a bhith ann airson an stòras chudthromach a tha aca.

Stòras a’ Chomuinn Eachdraidh
An uair a chaidh an Comunn Eachdraidh a stèidheachadh an toiseach, b’ e a bha an rùn an fheadhainn a bha air a chùl gun deigheadh stòras a chruthachadh anns an sgìre mu dheidhinn na sgìre agus dha muinntir na sgìre fhèin:

  Eachdraidh nan daoine a bha air na lotaichean
  Dealbhan
  Mapaichean agus ainmean-aitean
  Eachdraidh thogalaichean ainmeil
 

Eachdraidh beatha nan seann dhaoine a bha fhathast beò

  Leth-bhreacan de sheann leabhraichean mun àite
  Bàrdachd a bha ann an clò agus bàrdachd nach deach a chuir an clò
  Teleagraman cogaidh
  Log-books sgoiltean
  Pìosan bho phàipearan naidheachd

An uair a bhathar ag obair a’ cruinneachadh, thòisich daoine a’  toirt dhan Comunn Eachdraidh eisimpleirean de sheann rudan a bha a’soilleireachadh an dòigh beatha a bha a-nis a’ falbh agus cha b’ fhada gus an robh stuthan gu math prìseil air an cruinneachadh.  Tha e air leth inntinneach gur e a’ chiad nì a chaidh a thoirt dhan Chomunn Eachdraidh ‘strap’ sgoile a chaidh a ghoid le fear a dh’fhalbh a dh’Ameireagaidh agus a bha ag iarraidh cuimhneachan a dhèanamh  dheth air na dh’fhuiling clan de phian bho dhroch thidsearan.  Tha mi cinnteach gur e an rud as cudthromaich a tha ann Crois Rhonain a chleachd a bhith ann an Teampall Mholuaidh ann an Eòropaidh ach a bha ron sin ann an Cladh Rhònaidh

Taisbeanaidhean Den Stuth
Tha an Comunn Eadhdraidh air a bhith a’ taisbeanadh an stuth ann an iomadh dòigh on thòisich e.  Cha mhor a h-uile bliadhna nach eil taisbeanadh air a bhith ann, an toiseach air an stuth air fad, ach on uair sin air cuspairean sònraichte mar:

  Balla-coise
  Na Lochlannaich
  Na h-Eaglaisean
  Aodach Bainnse
  Na Moireasdanaich
  Dealbhan nam Bailtean

Stuth fiosrachaidh
Aon uair ‘s gun do thòisich an stòras a’ fàs chunnacas gum biodh e feumail cuid dheth a chleadhdadh gus airgead a dhèamamh dhan Chomunn Eachdraidh.  Seo cuid de na nithean a chaidh a dhèanamh:

Leabhar a’ Fòn – 1977
B’ e seo aon de na pròiseactan a b’fheumaile a chaidh a riamh a dhèanamh san sgìre oir tha mòran dhaoine san àite leis an aon ainm agus tha e air leth feumail an leabhar seo a bhith ri làimh oir gheibhear ann far-ainmean nan daoine cho math ris an ainm oifigeil aca. Tha an  leabhar fòn seo eadar-dhealaichte bho leabhraichean fòn oifigeil or chan eil na h-ainmean air an cuir ann an òrdugh nan ainmean idir ach ann an òrdugh a rèir nam bailtean ann an Nis, agus an uair sin a rèir àireamh nan lotaichean.  Feumaidh an leabhar a bhith air a dheasachadh as ùr a h-uile bliadhna no dhà or tha n àite a’ sior atharrachadh.

Leabhar nan Comharraidhean – 1980
Tha an leabhar seo a’ dèanamh cunntas air a h-uile comharradh caorach ann an Nis.  Anns na làithean a dh’fhalbh bha a h-uile daoine a’ cleachdadh nan comharran seo.  Bha iad air an cleachdadh gun na 80an, an uair a thòisich daoine a’ cleachdadh nan tagaichean.  Ma bha iad a reic an cuid chaorach tro bhuidheann mar ‘Lewis Livestock’ cha fhaodadh iad a’ bhith gearradh cluasan nan caorach’s mar sin chaidh an cleachdadh seo à bith, ach tha am fiosrachadh air a chruinneachadh san leabhar a tha seo.  Tha e glè inntinneach faicinn mar a tha ceangal eadar na comharran aig daoine a tha càirdeach dha chèile.

An Cogadh Mòr –1982
An uair a thòisich an Comunn Eachdraidh, bha mòran dhaoine fhathast beò a bha air a bhith sa chiad chogadh mòr ann an 1914-18.  Thòisichear a’ clàradh nan daoine sin ann an Nis, ‘s na Hearadh agus ann an Uibhist a Deas agus rinn Acair leabhar den fhiosrachadh a thug iad seachad le dealbhan bho na comuinn eachdraidh ‘s na ceàrnaidhean sin ach cuideachd dealbhan bhon Imperial War Museum.

The Roll of Honour – 1986
Bha an Comunn Eachdraidh gu mòr an sàs ann a bhith a’ cruinneachadh ainmean nan daoine a bha san dàrna cogadh.  An uair a bha seo deiseil chaidh an comunn air adhart gu bhith a’ steidheachadh comataidh gus cuimhneachan cogaidh a chuir suas ann an Nis.  Mu dheireadh thall anns an t-Samhain 2001, chaidh dà chuimhneachan cogaidh snasail fhosgladh, fear ann an Cros le ainmean gach neach a chaidh a chall san dà chogadh, agus fear eile ann am Borgh.

Eachdraidh nan Croitean
Tha Leabhrain sa Chomunn Eachdraidh le fiosrachadh mu na teaghlaichean a bha a’ fuireach air na croitean ann an Nis.  Tha seo air leth feumail or tha e na chuideachadh mòr do dhaoine a tha a’ tadhail air an sgìre ma tha iad a’ lorg an càirdean.  Thug Bill Lawson mòran cuideachaidh dhaibh leis a’ phròiseact a tha seo.

Lebhar a’ Chlaidh
Anns an leabhar seo gheibhear fiosrachadh mun h-uile duine a chaidh a thìodhlacadh ann an Cladh Shuaineaboist agus ann an Cladh Thàboist bho 1916.  Tha an t-ainm aca, an aois, an seòladh aca agus an ceann là air an deach an tiodhlacadh anns an leabhar seo.

Criomagan
‘S e iris a bhios an Comunn Eachdraidh a foillseachadh a tha seo anns am bithear a’ clo-bhualadh sgeulachdan, dealbhan, bardachd agus naidheachdan mun Chomunn Eachdraidh.  Tha Criomagan cudthromach airson nan seann dhaoine ann an Nis ach tha e cuideachd a’ tarraing air an òigridh oir tha e sealltainn mar a tha an dòigh-beatha air atharrachadh bho chionn leth-cheud bliadhna.  Tha e ag innse mu dheidhinn nan rudan sònraichte a thachair ‘s na bliadhnaichean sin agus mun bheatha a bha aig muinntir na sgìre aig an àm sin.
 

Làrach-lìn
Tha fior dheagh làrach-lin aig Comunn Eahdraidh Nis air a bheil mòran fiosrachaidh mu eachdraidh na sgìre.  Tha mòran dhaoine a bhuineas don sgìre a’ tadhal air an làrach seo agus bithidh iad fhèin a’ cuir fiosrachaidh chun a‘ Chomunn Eachdraidh mu na teaghlaichean aca fhèin.

 

 

Pròiseactan Eile:

An Sgoth Niseach
Ann an 1980 chuala an Comunn Eachdraidh gun robh seann sgoth Niseach, An Jubilee, ga reic ann an Steòrnabhagh agus fhuair an comataidh cothrom a ceannach airson £200.

B’ e sgoth a bha seo a chaidh a togail ann an 1935 le Iain Murchadh MacLeòid ann am Poirt Nis, agus bha i ann an cumadh nan sgothan a bhithte a’ cleachdadh ann an Nis airson iasgach.  Chaidh a dèanamh an airde tro sgeama Job Creation.  Bhathar a’ cleachdadh an sgoth seo sna 1990an airson daoine a thrèineadh ann a bhith a’ làimhseachadh sgoth, an uair a chaidh sgoth ùr a thogail ann an Steòrnadhagh. 

An-dèidh obair leasachaidh farsainn air An Jubilee an 2005 tha i a-nis air bhog a-rithist. An-dràsta tha i aig acair sàbhailte ann an caladh Steòrnabhaigh.

 

Muilinn Dhail
Ann an 1981, chaidh Muilinn Dhail a toirt dhan Chomunn Eachdraidh chun na bliadhna 2030.  Bha airgead air a thogail bhon Carnegie Trust, Historic Building Council, Scottish Tourist Board, an National Conservation society, an Countryside Commission agus Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean gus an togalach seo a chuir air dòigh.  Thòisich am pròiseact ann an 1983 agus ann an 1986 chaidh a fosgladh dhan phoball.  Cha robh e comasach dhan Chomunn Eachdraidh seo a chumail a’ dol agus chan eil e comasach ga daoine tadhal orra gun chead on Chomunn Eachdraidh.

 

Taigh Dhonnchaidh
Chaidh Taigh Dhonnchaidh a thoirt do Chomunn Eachdraidh Nis ann an 1997.  B’ e seo an taigh a bhuineadh do mhàthair Dhonnchaidh Mhoireasdan a bha ainmeil mar fhear-ciùil agus a bha a’ fuireach ann an Steòrnabhagh.  Chaidh an taigh a leasachadh gu bhith na ionad ciùil anns an sgìre .  Chaidh fhosgladh gu h-oifigeil ann an 2000, agus on uair sin tha clasaichean ciùil de gach seòrsa air an ruith ann fad na bliadhna.  Tha seachdain ciùil air a ruith gach bliadhna – Ceol Nis – agus airson dà bhliadhna as deigh a cheile chaidh Fèis nan Òran a chumail ann.

 

Dun Eistean
Sna 1990an ghabh Moireasdanaich Ameireaga ùidh ann an Dùn Eistean, seann làrach a bhuineadh do na Moireasdanaich a tha faisg air a’ Chnoc Àrd.  Ann an 2002 bha cruinneachadh ann an Nis as t-samhradh de na Moireasdanaich agus chaidh rathad a dhèanamh a-mach chun an làraich agus chaidh drochaid a dhèanamh chun an eilean.  Anns a’ Mhàrt 2003 chaidh faighinn a-mach gun robh am pròiseact seo air taic mhor airgid fhaighinn bhon Chrannchur Naiseanta agus bho Alba Eachdraidheil airson cladhachadh arceòlais a dheanamh thar tri bliadhna  - mu £350,000.

 

An t-Am ri Teachd
Fhuair Comunn Eachdraidh Nis inbhe ùr ‘s e a-nis lan chlàraichte aig Comhairle Taighean Tasgaidh Alba.  Bheir seo an cothrom dhaibh taicean airgid fhaighinn o iomadh buidhean oifigeil.

Fhuair an Comunn Eachdraidh taic airgid air son grunn pròiseactan eile.  ‘S iongantach mur e am fear as cudthromaich an taic a fhuairear airson an stòras air fad a chur ann an riochd digiteach.  Bi seo a’ ciallachadh gum bi na teipichean, bhideoan, dealbhan agus sgriobhaidhean air an cur ann an riochd an là an-diugh agus gum bi cothrom aig daoine a bhith a’ lorg an stuth air fad air na compiutairean a tha sa Chomunn Eachdraidh.

Tha an Comunn cuideachd air a bhith air leth feumail do luchd-turais agus that goireasan ann an-diugh airson biadh a thoir do dhaoine – eadhoin do làn busaichean de dhaoine.  Tha e cuideachd air a bhith a’ tarraing dhaoine aig a bheil ùidh nan dualchas fhèin gus am faic iad mar a thathar a’ deanamh seo ann an Nis.  Cuideachd, tha na meadhanan air a bhith a’ dèanamh tòrr feum den ghoireas seo cuideachd, a’ cleachdadh an stuth a tha ann.

Tha Comunn Eachdraidh Nis air mòran a thoirt dhan sgìre, dha clann sgoile, agus dha oileanaich a tha a’ rannsachadh taobh air choireigin de eachdraidh na sgìre.  Tha na h-oidhcheannan a bhithear a’ cuir air dòigh mu eachdraidh an àite a toirt daoine ri chèile agus tha mòran dhaoine air sgilean ùra coimpiutaireachd ionnsachadh ri linn cuideachd.

 

Le Murchadh Macsuain