Sign our Guestbook


Ness Historical Society


View My Guestbook
Sign My Guestbook

 
To reduce unsolicited ‘junk’ entries, we scrutinise Guestbook comments to ensure they are genuine before publication on the website.  We apologise for any inconvenience caused.
 

Duileligean
Dachaigh

Eilthireach

Bardachd

 

Aonghas Greumach

 

 

 
‘S e Marina NicLeòid bhon Rathad Ùr a’ sgrìobh seo air a bha i anns an sgoil. Tha i toirt dhuinn beachd air mar a bha beatha anns a’ sgìre ri linn a seanair nuair a bha e fhèin san sgoil.

Tha mise dol a sgrìobhadh mu dheidhinn mo sheanair agus dè seòrsa beatha a bha aige na òige. Thagh mi an cuspair seo oir bha mi a’ smaoineachadh gum biodh e inntinneach faicinn cho eadar-dhealaichte ‘sa bha e ris an latha ‘n diugh. Bha mi den bheachd gu robh beatha mhath air a bhi aig mo sheanair, ach bha mi airson faicinn ciamar a bha iad a’ dèanamh a chùis, gu h-àraidh, le cho bheag de dh’airgead sa bha aca. 

 
Chaidh mi a bhruidhinn ri mo sheanair agus fhuair mi tòrr fiosrachadh. Bha tòrr sgeulachdan aige ach cha robh gu leòr rum agam airson an cleachdadh gu lèir ged a bha iad uile inntinneach gu dearbh agus gu math eadar-dhealaichte ri gnothaichean a bhios a’ tachairt sa latha ‘n diugh.


Taigh dubh ann an Nis - 1930s

 
Fhuair mi fiosrachadh mun sgoil, an taigh còmhnaidh, biadh, aodach, curseachadanagus an obair-latha a bha aig mo sheanair:

Sgoil
B’ ann an Sgoil Lionail a fhuair mo sheanair a chuid foghlaim nuair a bha e ag èiridh suas. Bha e san sgoil gu robh e ceithir deug.  Bha mu thrì cheud duine cloinne san sgoil agus bha mu thrichead sa sia air a’ chlas aigesan. Bha clann bho aois còig gu ceithir-deug san sgoil. Bha na tidsearan a bh’anns an sgoil cruaidh ach bu chaomh leis a’ chuid a bu mhotha dhiubh. Bha duine neo dhithis dhiubh a bha brùideil. Bha iad dèidheil air a bhi a’ toirt seachad na stràicean agus chan eil cuimhne aige de cho tric agus a fhuair e an t-sràice bho dhiofar thidsearan. Tha e dhen bheachd gur e a choire fhèin a bu tric a bh’ann! 

Bha teine anns gach rum ach gu math tric bhiodh na rumannan fuar air sgath agus gum biodh na tidsearan gan cumail fhèin blàth le màsan ris an teine agus a’ cumail a’ bhlàths a staigh.  Bhiodh a’ chlann a’ toirt pìos scona neo aran-eòrna neo arancorc leotha dhan sgoil airson an dìnnear agus bhiodh iad a’ faighinn cupan cocoa leis. Dh’ fhàg e an sgoil air a’ chiad chothrom - sa bhad san robh e ceithir-deug.

Taighean
‘S e taighean dubh a bh’ann nuair bha mo sheanair na bhalach sgoile. Bha e fhèin sa shianar bhràithrean san taigh còmhla ri athair agus a mhàthair.  Cha robh mòran rum aca agus bha iad uile san aon rum.  A thuilleadh air a’ chùlaist, far am biodh iad a’ cadal, bha cidsin agus an sabhal, far am bithtear a’ gleidheadh nam beathaichean - aon bho, aon each agus dusan cearc.

Cha robh bùrn, dealan neo taigh-beag san taigh. A dh’ aindeoin seo be taighean blàth a bh’annta ged nach be taighean ro ghlan a bh’annta! B’ann an dèidh a’ chogaidh a chaidh taigh geal le taigh-beag na bhroinn a thogail agus gu fada an dèidh sin a thàinig bùrn agus an dealan. 

Biadh
Bha teaghlach mo sheanair air fad beò gu mòr air iasg agus buntàta. Bha iasg aca aon uair san latha, sia latha san t-seachdain. Bhiodh athair ag iasgach agus gan cumail ann an iasg. Bhiodh iad a’ gleidheadh an iasg ann an salainn oir cha robh frids ann aig an àm ud.  Latha na Sabaid bha iad a’ faighinn faochadh le feòil agus brot. Airson bracaist bha iad a’ gabhail lit, iasg aig an dìnnear, nuair a thigeadh iad as sgoil agus lit an uairsin mas deidheadh iad dhan leabaidh.  A thuilleadh air a sin se biadh air fhuine a bha iad ag ithe; sconaichean flùr, aran-eòrna agus aran-corc. Bho àm gu àm bhiodh duff aca! Be biadh math fallainn a bh’ann. 

Aodach
Be briogais ghoirid, lèine, geansaidh snàth agus brogan tacaideach a bhiodh air a h-uile duine fad na bliadhna - geamhradh agus samhradh. Air sgath agus gu robh sianar bhalach an teaghlach mo sheanair, bhiodh an aodach a’ falbh bho dhuine gu duine arèir aois agus meud! 

Aig an àm ud bhiodh na boireannaich a’ fighe agus bha mòran aodach snàth aig a h’-uile duine. Cha robh mòran aodaich eile aca agus bha mo sheanair den bheachd gur e seo an tadhbhar nach biodh clann neo daoine òg dol gu ruige nam meadhanan - cha robh aodach aca.  Bha e ag ràdh gu robh athair (mo shean-sheanair) beò gu robh e ceithir fichead ‘sa sia deug agus gur e da dheise a bh’aige fad a bheatha. 

Cur-seachadan
Be snàmh an cur-seachad a bu mhotha a bh’aig mo sheanair agus a charaidean nuair a bha e san sgoil. Bha bàgh bheag sàbhailte mu leth-mhìle bhon taigh aige Stogh, agus bhiodh iad a’ cur seachad mòran ùine ann. Bha iad uile math air snàmh. Bhiodh iad cuideachd a’ sreap nan creagan, faic co a dhìreadh an tè a b’ àirde agus a bu chasa!!

Bhiodh iad cuideachd a’ cluich ball-coise agus bha sgioba mhath aca. Bha sgioba ball-cois an uair ud anns gach baile, air feadh na sgìre. Air an oidhche bhiodh iad a’ cluich falach-fead nam biodh an aimsir gu math agus gu faigheadh iad a-mach.  Mur a faigheadh, bhiodh iad a’ cluich nan cairtean air an neo draughts.

Bhiodh mo sheanair cuideachd a’ dèanamh mòran leughadh air pàipearan neo leabhraichean a gheibheadh e sgeul air. Latha na Sabaid, cha robh e ceadaichte dad a dhèanamh ach a dhol cuairt air a’ mhachair. Bhiodh màthair mo sheanair (mo sheansheanmhàthair) a ‘cur a teanga air aodann mo sheanair airson dearbhadh nach robh e air a bhi faisg air sàl!!

Obair
Nuair a dh’fhàg mo sheanair an sgoile aig aois ceithir-deug, bha e ag obair ann am bùth faisg dhan dachaigh a’ dèanamh diofar obraichean. Bha e cuideachd ag obair leis an each a’ dèanamh treabhadh agus obair àiteach eile agus cuideachd a’ dèanamh obair mònach. Bhiodh e a’ toirt a’ mhòine dhachaigh do dhaoine as na bailtean.  Nuair a ràinig e ochd deug thog e as gu muir. Be seo an obair a bha e ag iarraidh agus be seo an obair a bhathas a sùileachadh a hèanadh e.

Bha triùir bhràithrean roimhe air a dhol gu muir agus dheigheadh càch ann cuideachd.  Chuir e seachad a bheatha aig muir gus na leig e a dhreuchd dheth aig aois leth-cheud s’ ochd. Be seo an aon obair a bh’ann far am faighear air cosnadh a dhèanamh agus airgead a chuir air ais gum pàrantan airson am beatha a dhèanamh nas fhasa.  Bha sgìre Nis ainmeil airson na chuir iad de bhalaich òg gu ruige muir. Bha an sàl a’ ruith nan cuislean.

Dh’innis mo sheanair dhomh gu robh iad bochd dheth nuair a bha e a’ dol dhan sgoil ach tha e cuideachd ag innse dhomh gu robh iad dòigheil.  Bha càirdeas am measg nan teaghlaichean agus bha càirdeas am measg nam bailtean.

Ma bha iasg, bainne, ìm, buntàta, neo dad sam bith eile aig duine sa bhaile, bha e cinnteach gun deidheadh ruith air a’ bhaile a’ tabhairt beagan dhan seo dhan choir den bhaile.  Làithean dòigheil, bidh e ag ràdh…….tha e duilich dhomhsa a chreidsinn!!

Co-dhùnadh
Bha beatha math fallain aig mo sheanair ach tha e a sealltainn dhuinn gu bheil sinne fortanach
leis na rudan a tha againn andiugh. Tha mise cinnteach nam be mise a bha am brogan mo sheanair nuair bha e òg nach bithinn beò an diugh! Tha e a’ sealltainn dhuinn nach eil feum againn ach air dlùth-theaghlach, rud beag biadh agus tòrr mòr gràdh.