| Bha a'
bhochdainn anns an eilean cho mòr 's gun d'fhuaireadh gu leòr a bha deònach
cuireadh Major Goodliff a ghabhail. Anns a' Ghiblean 1923 thàinig an
loighnear Metagama, is dh'fhalbh i le trì cheud Leòdhasach òg - balaich agus
clann-nighean. Cha b 'e càil ùr a bh' ann do Leòdhas a bhith a' coimhead an
t-sluaigh a' falbh gu Canada agus àiteachan eile. Ann an 1863 rinn a' chuid
bu mhotha de mhuinntir Ghabhsainn imrich gu Canada nuair a chaidh am baile
sin fhàsachadh. Agus bha am fuadach a' dol roimhe sin cuideachd.
’S e ath-sgrìobhadh de agallamh a bh’air a
chlàradh air teip-claistinn th’anns na leanas agus tha sin follaiseach san
dòigh còmhraiteach agus no-fhoirmeil sa bheil e air a sgrìobhadh.
Dòmhnall Chrut (Suaineabost):
" 'S e fichead bliadhna a bha mise nuair a dh'fhalbh mi air a' Mhetagama ann
an April 1923. Cha robh obair ann an seo ann; cha robh thu dèanamh càil ach
na do sheasamh ris na cruachan. Cha robh càil ann. Tìde an àitich 's na
mònach bhiodh tu ag obair an uair sin, ach nuair a thogadh tu am buntàta as
t-fhoghar cha robh thu a' dèanamh càil.
"Thàinig am fear seo, Major
Goodliff, dha na sgoilean is theann e ag innse dhuinn an 'opportunity' a bh'
ann an Ontario, is gum biodh joba againn aig an tuathanach nuair a ruigeadh
sinn. Is dh'fhalbh sinn a-mach chun a' Mhetagama. Bha i a-muigh anns a'
bhàgh .....'s bha ministearan ann an sin. Tha cuimhn' agam gu robh an dà
mhinistear à Nis ann co-dhiù. Bha iadsan ag ùrnaigh mas do dh'fhalbh sinn.
'S chaidh iadsan air ais agus sheòl sinne."
Chuir Iain
Stiùbhairt à Col air a' Bhac smuaintean mhuinntir an àite an cèill ann am
bàrdachd
Cha nàir leam
ged a dh'aidichinn
Nuair sheall mi mach am Bràigh
'S a chunnaic mi 'n long ud
's i a' seòladh sìos air fàir
Gun dh'fhairich mi de chianalas
Na shil mi sìos gu làr
Nuair smaoinich mi nach coinnichinn
Ri cuid aca gu bràth
Chan e mhàin an
t-àite seo
An dràsta tha fo ghruaim
Bha buidheann às gach cearnaidh innt'
On àirde deas is tuath
'S ged nach biodh dàimh no càirdean innt'
Tha cràidh ann a tha cruaidh
An dùthaich bhith ga fàsachadh
De ne bh'innte bhàrr an t-sluaigh
|
|
Chaidh
teintean mòra a lasadh air feadh Leòdhais airson soraidh slàn a leigeil
leis a' mhuinntir a bha a' fàgail; feadhainn aca nach do dh'fhalbh bhon
taigh a riamh chuna siud. Tha e coltach gun d'thug fear às an Rudha
òrdugh seachad an dachaigh aige a losgadh nuair a bhiodh am "Metagama" a
mach bho fhearann an Rudha.
Luchd-dàimh agus caraidean aig cidhe Steòrnabhaigh sa Metagama a’
falbh |
|

|
Seonaidh
Shiurra (Na Còig Peighinnean):
" 'S bha dùil gur ann am
Montreal a bha i dol a' landadh. Cha b' ann; chan fhaight' ann aig an deigh.
Bha na h-icebergs ann an sin agus 's ann ann an St. John, New Brunswick a
landaig sinn. Bha cùisean glè thruagh air a' Mhetagama fhèin. Cha robh càil
ann ach 'three square meals'. Siud far na dh'fhairich mise a' cheud acras
ceart. O, bha tòrr dhaoine innte. Sgap iad. Chaidh sinne suas a Thoronto, a
h-uile duine bh' ann is sgap iad air falbh à sin. Chaidh mise agus Dòmhnall
Chrut a bh' aig an taigh bho chionn dà bhliadhna a-mach gu tuathanach, ach
cha b' ann chun aon thuathanach a chaidh sinn. Agus cha robh mòran de
dh'obair aige aig an àm ud. Bha e an dèidh 's am bàrr a chur sios, an tàlamh
a threabhadh agus a h-uile càil, ach cha do dh'fhuirich sinn ach còig latha
an dèidh sin. Thàinig sinn a-steach a Thoronto a rithist an ceann còig neo
sia a làithean. Chaidh sinn dhan an 'Employment Exchange' ann an sin. Chuir
iad sìos sinn gu Niagara Falls - shìos an Niagara River. Thug sinn ann an
sin fad an t-samhraidh. Bha e glè mhath ag obair aig Hydro Electric Scheme.
Cha robh am pàigheadh dona idir 's bha sinn a' fuireach ann an camp."
|

|
Murchadh Dòmhnallach -
Murchadh a' Bhàdaidh (Am Port):
"Bha mise aig tuathanach airson naoi mìosan - an tuathanach 's a bhean,
balach m' aois fhin (22 bhliadhna) agus nighean a' dol dhan sgoil. Bha an
sgoil ceithir mìle air falbh. Bha càr aca agus nuair a bha sneachd ann 's e
'horse and buggy' a bhiodh aca. 'S e 'brick house' a bh'ann. Bha gu leòr
obair ann agus bha gu leòr biadh. Aig an àm sin cha robh am pàigheadh glè
mhòr - £5 a month.
" 'S e 'general farming' a
bh'ann le crodh 's caoraich is bha 'apple orchard' ann. Bhiodh am balach a'
toirt nan ùbhlan gu margaid ann an London (Ontario). Nuair a dh'fhalbh mi às
a sin chaidh mi gu London, Ontario, agus bha mi ag obair ann an sin aig a'
Chanadian National Railway chun an ath shamhradh agus 's ann ann a sin a
thachair Tarmod Iain Ailein rium. Chaidh sinn suas gu àite ris an can iad
Wallaceburg - baile beag. Fhuair sinn obair ann an sin. Nuair a dh'fhalbh
sinn às a' sin chaidh sinn a null dha na States agus chun na Lakes. Bha mi
a' seòladh air na Lakes gus an tàinig mi dhachaigh ann a' 1935."
|

|
Cha robh a' mhòr chuid de na
dh'fhalbh ag iarraidh mòran lethsgeul airson na tuathanaich fhàgail. Agus
bha grunnan ann, suas ri 30 per cent, nach do ràinig tuathanach a-riamh. Co-dhiù,
cha robh fada gus an robh iomadach duine aca rim faighinn ag obair ann am
factoraidhean an Cleveland, Detroit agus Buffalo. Thòisich iad air Lewis
Societies anns na bailtean sin agus phòs feadhainn aca clann-nighean
Leòdhasach a dh'fhàg an t-eilean còmhla riutha fhèin. Cha robh Riaghaltas
Province Ontario idir toilichte mar a bhathas a' fàgail nan tacan ann an
ùine cho aithghearr, ach cha b'urrainn dhaibh mòran a dhèanamh mu dheidhinn.
Ach dh'fheumadh na
tuathanaich ann an Canada còrr air dà fhichead mìle duine eile airson
cuideachadh le torradh na talmhainn a bhuain 's a chruinneachadh anns na
bliadhnachan as dèidh 1923. Cha robh e fada gus an robh iad air ais an
Leòdhas a' sireadh dhaoine a rithist.
Dh'fhalbh
Tarmod Iain Ailein às a' Phort air a 'Chanada' air an 17mh den Chèitean
1924:
"Dh'fhalbh sinn air an 17mh 's bha sinn ann an Quebec air an 24mh.
Fhuair sinn trèan às a sin. Bha feadhainn dhan cur a-mach aig 'Stops,
all the way' gus na ràinig sinn Montreal - gan cur a mach gu tuathanaich.
Choinnich mise Catriona Mhurchaidh Ghuinne ann am Montreal. Bha ise air
a thighinn a-mach aon latha romham fhìn. Dh'fhalbh mi gu Toronto às an
sin. |
 |
"Nuair a ràinig sinn 's e
'birthday' Queen Victoria a bh' ann 's cha robh na tuathanaich a-staigh anns
a' bhaile. 'S e 'holiday' a bh' ann. Dh'fhalbh an 'crowd' gu lèir gus na
ràinig sinn London, Ontario. Cha robh tuathanaich a-staigh ann an sin a
bharrachd. Chaidh iad leinn gu hostel a choireigin gus a faigheadh sinn tàmh
na h-oidhche is gun tigeadh na tuathanaich a-steach. Chunnaic mi Murchadh a'
Bhàdaidh mas do ràinig mi a' hostel 's cha deach mi innte fhathast. Bha esan
a-muigh bliadhna romham. Dh'fhalbh sinn an oidhche sin fhèin air an trèana
's ràinig sinn anns a' mhadainn Wallaceburg, Ontario. 'S e Sugar Company gun
deach sinn is thuirt iad ruinn a thighinn a-steach madainn an ath latha.....Bha
sinn ann an sin còrr air dà bhliadhna ann a' 'sugar refinery'. Dh'fhàs sinn
'fed up'. Thàinig 'sugar boils' oirnn - rudan mar niosgaidean.
"Chaidh sinn an uair sin gu na
Lakes. Bha mise an sin an còrr dhan ùine thug mi ann. Bha mi ann dà
bhliadhna dheug. Cha robh cianalas orm a-riamh - bha barrachd orm a' tighinn
dhachaigh na bh' orm a-riamh. Chan eil fhios carson a thill mi. 'S ann a
thàinig mi cuairt is phòs mi is chum i aig an taigh mi.
Bhiodh sinn a’
coinneachadh a chèile tric a muigh an sud - bha Lewis Society ann.
"Latha
bha seo bha sinn a’ dol sìos a St Lawrence River agus ‘s e Glass an t-ainm a
bh’air an sgiobair. Cha robh fios agam de a chanainn nuair a thug e dhomh
a’ chùrsa ann an Gàidhlig.
"Fear
eile ann an Ontario - à Glengarry, Ontario - bha e faighneachd dhomh am
biodh iad a’ falbh na h-oidhche ann a Leòdhas fhathast. Thuirt mi nach biodh.
Dh’fhaighnich mi dha am biodh iad a’ falbh na h-oidhche ‘s an àit’ as an
robh e fhèin. Thuirt e gum biodh. Tha coltach gum bi iad a' dèanamh sin
dha-rìreabh anns an àit’ ud, daoine a’ dèanamh man a bhiodh a’ tachairt aig
an taigh. ‘S ann às a Rubha bha na pàrantan aige. Bha dùil agam gur ann a'
fanaid a bha e nuair a dh’fhaighnich e - sin bu choireach gun tuirt mi nach
biodh.
"Dheidhinn
air ais cuairt ann uair sam bith. O bha ‘n geamhradh fada. Bhiodh sinn
laid up uaireannan ceithir mìosan. Bhiodh na Lakes reòdht'. Uaireannan
chan fhaigheadh tu start gu meadhan April. Rud a bha thu cosnadh as t-samhradh,
bha thu caitheamh ‘s a’ Gheamhradh. Bha am pàigheadh tòrr na b’fheàrr na bha
e seo, ach chan fhaigheadh tu càil fad a’ gheamhraidh man a gheibh thu a seo
- dole."
Thainig an 'Depression' as
deidh 1930 agus dhùin factoraidhean nan càraichean ann an Detroit agus
iomadach ionad-obrach eile. Thill mòran dhachaigh a Leòdhas ach dh'fhuirich
tòrr far an robh iad a dh'aindeoin cho dorch 's a bha cùisean. A measg an
fheadhainn a dh'fhuirich bha Dòmhall Tulag, Dòmhnall MacLeòid às a' Chnoc
Ard. Phòs e Anna Mhoireach à Sgiogarstaidh ann an Detroit an 1935. Seo mar a
sgrìobh esan bho chionn ghoirid.
Seo mar a bhruidhinn Dòmhnall
Chrut nuair a bha e aig an taigh ann an 1980:
"Nam biodh Leòdhas an uair ud
mar a tha e an- diugh chan fhalbhadh duine. Carson a dh'fhalbhadh? Tha e
cheart cho math ri àite th' ann an Amaireaga neo an Canada an-diugh. Chan
eil na bailtean cho mòr ach tha daoine a' cheart cho math dheth ' s ged a
bhiodh tu an Canada. Ach o chionn faisg air trì fichead bliadhna cha robh
càil ann. Tha duine a tha ag obair aig an ola an-diugh a' faighinn ann an
aon seachdain barrachd airgid na bh'ann an Nis gu lèir nuair a dh'fhalbh mis'
às. Bola mine an uair ud, cha robh e cosg ach sia tasdain dheug; an- diugh
fichead not, tha mi creids. Cha robh airgead ann. Chan iarrainn air duine
sam bith emigratadh às a seo an-diugh."
>Nochd
seo an toiseach ann an leabhran 'Eilean an Fhraoich' ann an 1982< |