Sign our Guestbook


Ness Historical Society


 
Duilleag Bheachdan
 

 

Do Bheachdan Fhein

 

<Air Ais
 
’S e ath-sgrìobhadh de agallamh a bh’air a chlàradh air teip-claistinn th’anns na leanas agus tha sin follaiseach san dòigh còmhraiteach agus no-fhoirmeil sa bheil e air a sgrìobhadh.
 
Dòmhnall Chrut

‘Se fichead bliadhna bha mise nuair a dh’fhalbh mi air a “Mhetagama” ann an April 1923. Cha robh obair ann an seo ann, cha robh thu dèanamh càil ach na do sheasamh ris na cruachan.  Cha robh càil ann – tìde an àitich is na mònach bhiodh tu ag obair an uairsin, ach nuair a thogadh tu am buntàta ‘s t-fhoghar cha robh thu dèanamh càil.

Thàinig am fear seo, Major Goodlive, dha na sgoiltean is theann e ag innse dhuinn an “opportunity” a bh’ann an Ontario is gum biodh joba againn aig an tuathanach nuair a ruigeadh sinn sin.  Is dh’fhalbh sinn a Steòrnabhagh – thug driftear sinn a mach chun a “Mhetagama” – bha i muigh as a Bhay.  Chaidh sinn air bòrd – timcheall air tri cheud againn na tri cheud gu leth.

Agus bha Steòrnabhagh làn an oidhche mas do dh’fhalbh sinn, cha robh uiread ann a riamh is bh’ann an oidhche ud.  Chan fhaigheadh tu sìos an t-sràid, bha na ceudan dhaoine ann an oidhche ud.  Chan eil càil a dh’fhios agamsa càit na chaidil iad.  Anns a mhadainn chaidh sinn troimh na stòr a bha sud is bha dotairean an sin is bha iad gad “examinigeadh” mas deach sinn sìos dhan driftear is thug an driftear a mach chun an Metagama sinn.  ‘S bha ministearan ann an sin – tha cuimhne agam gu robh an dà mhinistear à Nis ann co dhiù.  Bha iadsan ag ùrnaigh mas do dh’fhalbh sinn.  ‘S chaidh iadsan air ais agus sheòl sinn.  Dol a null man a Rubha chaidh balach a mhuinntir Chrois a bha thall ann an Canada roimhe sin, chaidh esan suas agus dh’fhaighnich e dhan sgiobair, “would he blow three blows on the whistle going by the Butt, and he did.”  Och, cha robh an trup dona idir a dol a null.

Bha a h-uile duine òg is cha robh fios gu de a bha thall an sud – miannachadh gum biodh tu ann ann an latha no dha gus a faiceadh tu de seòrsa tìr a bh’ann.  Bha latha neo dha againn a bha fiadhaich – bha tòrr le cur-na-mara orra.  Bha clann-nighean tinn airson tri neo ceithir a làithean.  Bha sinn a dol gu Montreal ach nuair a ràinig sinn sin cha fhaigheadh sinn suas, bha deighean ann, is chaidh sinn sìos gu St Johns, New Brunswick – thug sinn da latha dheug a dol a null.  Thàinig mise null bho chionn tri seachdainean ann a sia uairean a thìde.  Och, bha sinn a faighinn gu leòr – tri biadh a h-uile latha.  Cha robh thu faighinn tòrr.

Co dhiubh, ràinig sinn St Johns – chaidh sinn chun an treine, ‘s ann a bha “wash out” air a “rail road.”  Chan fhaigheadh sinn air adhart gu Montreal.  B’ fheudar dhuinn fuireach ann an sin airson latha.  Bha am biadh air an treine air fàs gann is chuir iad air bòrd a “sister ship” a “Mhetagama” sinn – bha ise à St Johns.  Fhuair sinn biadh math an sin.

Nuair a chàraich iad an “rail-road,” chaidh sinn air an trèana rithist is dh’fhalbh sinn gu Toronto.  Ràinig sinn Toronto is chaidh sinn a steach gu bracaist dha hotel an sin – a h-uile duine againn.  Dol suas eadar St Johns agus Toronto fhuair a h-uile duine job airson a dhol chun an tuathanaich.  Bhiodh tu faighinn ticead bho Major Goodlive le ainm an tuathanaich is ainm a bhaile gu robh thu dol.  A h-uile duine bha job aige nuair a dh’fhàg sinn Toronto.  Chaidil mise ‘s a’ chuid bu mhotha an oidhche sin an Toronto.  Anns a’ mhadainn chaidh mi sìos chun an “rail-road station” is bha mi dol sìos a Bhrompton – bha e mìltean air falbh a Toronto an uair ud ‘s bha Seonaidh Shiurra còmhla rium is balach a mhuinntir na Loch.  Nuair a bha ‘n triùir againn anns a “rail-road station” thàinig fear far an robh mis is dh’fhaighnich e càit an robh mi dol is dh’innis mise gun robh sinn a dol gu Brompton.  Dh’fhaighnich e co thuige is dh’innis mi dha is thuirt e, o, gu robh tac mòr aige.  Thuirt e rium a dhol còmhla ris is thuirt mi de mu dheidhinn an dà bhalach a bha còmhla ruim.  Thuirt e gu robh tuathanaich gu leòr timcheall air is gu faigheadh iad joba.  Chaidh sinn a mach ‘s chaidh Seonaidh Shiurra gu tuathanach a bha faisg dhomhs’ is chaidh fear na Loch sìos biodag.  Ach co dhiubh, cha do dh’fhuirich mis’ ach seachdain aig an tuathanach agus chaidh sinn a steach gu Toronto a rithist.  Thuirt mi ri Seonaidh Shiurra gu robh mi falbh is thuirt esan gu robh e a’ dol còmhla rium.

‘S dh’fhalbh sinn madainn Diluain gu Toronto is fhuair sinn job ann an sin a dhol dhan “power house” – eadar Niagara Falls ‘s Queenstown.  Bha biadh math againn anns a’ champ.  Bha am biadh aig an tuathanach na b’fheàrr na biadh a ghabh mi riamh.  Bha mise anns an job sin gu August.  Chan fhaigheadh tu dha na States – bha quota ann man a tha fios agaibh agus “on the last day of July before the British quota was opened” – och, tha mi air a dhol dhan Bheurla rithist!  Bha “street car” a dol eadar Queensland is Niagara Falls – bha e dol seachad air a’ champ againne.  Bhiodh sinn a dol sìos air a h-uile Disathairne gu Niagara Falls.  Fhuair sinn a mach gu robh an quota a’ fosgladh air 1st July ‘s chaidh sinn gu Wharf an Emigration ‘s fhuair sinn a null an sin.

Well, dh’fhuirich sinn mìos eile aig an obair agus air 6th August thàinig mise null air an abhainn dha na States.  Bha mi dà oidhche sin ‘s chaidh mi suas a Dhetroit agus bha mi ann an sin dà bhliadhna ag obair do Ford.  Cheud gheamhradh bha sinn ag obair ann an “shipyard” – bha iad a togail an dà phassenger boat as motha a bh’air na lakes – sin 1923.  As t-earrach chaidh Seonaidh sìos gu Niagara Falls a rithist ‘s chaidh mise gu Ford – cha b’ ann, a samhradh sin bha mise ‘g obair ann an “steel plant.”  Thàinig an geamhradh is chaidh mi sìos do Chleveland – an geamhradh 1923-24, bha mi ann an Cleveland.  Bha tòrr de bhalaich Nis ann an uairsin cuideachd.  Bha “Lewis Society” ann.  Tha iad ag innse dhomhsa nach eil ach aon bhalach à Leòdhas ann an Cleveland an diugh.  Bha timcheall air trì fichead ann an uair ud. 

Dh’fhalbh mise as t-Earrach ‘s chaidh mi air na lakes – mi-fhèin is Iain Mhurchaidh Mhòir à Suaineabost – a’ Phoit.  Chaidh sinn air na lakes.  Phòs esan ann an Cleveland as dèidh sin – chaidh mise Dhetroit – bha mi ‘g obair aig Ford airson dà bhliadhna.  Chaidh Ford “slack” an uairsin,  Bha iad a’ tionndadh “from the old type to the new type of car” agus thàinig mise nuas a Bhuffalo.  Chaidh mi dh’obair a Chevrolet plant there.  Bha mi sin airson trì bliadhna agus as dèidh sin phòs mi.  “That was the end of my career! Ha! Ha!”

Nuair a landaig sinn ann an St Johns, New Brunswick ann an 1923, chan fhaiceadh tu càil ach mullach “freight sheds” – cha robh  fios againn de seòrsa ait a bh’ann an Canada.  Ach dol suas air an treine bho Montreal gu Toronto, cha robh mòran ann an uair ud ach tacan.  ‘S e May a bh’ann ‘s bha sneachd air an talamh fhathast.  Nuair a theann mise ‘g obair aig a “phower House” bha e glè math.  Duine sam bith a chaidh a mach air a’ “Mhetagama” bha obair aige ma bha e ag iarraidh obair.  Bha joba aige mas do dh’fhàg e Toronto.  Chaidh tòrr gu na tacan ach cha do dh’fhuirich iad glè fhada ann. 

Bha cianalas air a h-uile duine dh’fhalbh a seo a cheud mìos neo dha.  Ach bha a h-uile duine òg agus as dèidh bliadhna na mar sin bha ’n cianalas air falbh.  Bha e glè mhath gun tàinig iad ‘s sinne thoirt a mach an uair ud.  Cha robh càil a seo.

An fheadhainn a dh’fhalbh a bhliadhna as dèidh sin, cha do dh’fhuirich iad glè fhada thall ann.  Ach duine sam bith a dh’fhalbh air a “Mhetegama” – man a robh e ag obair, ‘s e choire fhèin a bh’ann – chiad bliadhna.  ‘S nuair a chaidh mise a Dhetroit bha obair gu leòr an sin ma bha thu airson obair.

An tuathanach gun deach mise, bha e cho gasd ri duine chunna tu riamh – gu h-àraidh i fhèin, bha e glè mhath dhomhs’.  Bha thu sguir a dh’obair agus bha a h-uile duine dol dhan eaglais La Na Sabaid.  Bha na daoine glè mhath.  Bhiodh sinn a’ faighinn litrichean bho ’n taigh.  Bha sinn a’ faighinn litir a h-uile darna seachdain co dhiubh.  Bhiodh iad a faighinn litrichean aig an taigh – fhios agad, bha coir agad fuireach aig an tuathanach gus am pàigheadh tu do phassage.  Fhuair a h-uile duine a bha sud a mach gun chàil – cha do phàigh duine dol air a’ “Mhetegama.”  Agus fhuair m’athair litir a’ faighneachd càit an robh mi ‘s nach do dh’fhuirich mi aig an tuathanach.  Bha chuid as motha faighinn sin.  Ach as dèidh speal – “they forgot about it.”  Bha iad airson do thoirt a mach ‘s bha fhios aca glè mhath nach robh chuid bu mhotha dol a dh’fhuireach aig an tuathanach.  Ach ‘s e sinn thoirt a mach a seo ‘s ar cur a Chanada – ‘s e sin a “main thing.”  “Both Governments had an agreement” – gu faigheadh iad na daoine òg a mach a Leòdhas.  Bha cus ann ’s cha robh obair ann – cha robh e dona, cha robh e dona idir.

Nam biodh Leòdhas an uair ud man a tha e an diugh, chan fhalbhadh ann. Carson a dh’fhalbhadh iad?  Tha e cheart cho math ri àite th’ann an Ameireagaidh neo ‘n Canada an diugh.  Chan eil bailtean cho mòr ach tha thu cheart cho math dheth ged a bhiodh tu ‘n Canada.  Ach 57 years ago, cha robh càil ann.  Duine ag obair aig an ola an diugh a’ faighinn ann an aon seachdain barrachd airgid na bh’ann an Nis gu lèir nuair a dh’fhalbh mis’ as.  Bola min an uair ud, cha robh e cosg ach sia tasdain dheug – an diugh fichead not, tha mi creids’.  Cha robh airgid ann.  Chan iarrainn air duine sam bith emigratadh as a seo an diugh. 

Bha Gaelic Society ann agus a h-uile mìos bhiodh sinn a coinneachadh agus a’ gabhail amhrain ‘s a’ danns.  Oidhche Shathairne gu timcheall air leth uair an dèidh aon uair deug.  Bha e glè mhath.  Cuid as motha as a h-uile baile, bhiodh iad ri dol ann.  Bha Society mòr againn ann an Detroit.  Bha fear ann as Aignish – ‘s e am president a bh’ann, agus bha e ann airson bliadhnaichean as dèidh sin.  Bhiodh na ceudan dol chun Lewis Society ann an Detroit an uair ud.  Chan eil mòran dhiubh ann an diugh ach an tè a tha ’n Detroit, tha i gle mhath fhathast.  Bha tè mhath againn ann an Cleveland, ach chan eil ach aon duine à Leòdhas beò ann an Cleveland an diugh – as aithne dhomhs’.  An uair ud ann an Cleveland, bha Domhnall Gheadaidh, Ruairidh Timid, mi fhèin, Seonaidh Shiurra, Murchadh Timid, Seonaidh Thirty à Eòropaidh, Calum Iain Buachaill à Eòropaidh, a’ Phoit, Dolaidh Dhomhnaill Mhurchaidh Iain, Cows à Cross, Coinneach a’ Phoc – bha fear a mhuinntir a’ Phuirt ‘s chan eil fhios de dh’èirich dha.  Dh’fhalbh e as t-Earrach ‘s cha chuala iad a riamh mu dheidhinn as dèidh sud.  Bha dà phiuthar aige ann an Chicago cuideachd.  Bha iadsan a riamh a’ feuchainn ri faighinn a mach càit an deach e.  Bha Niall Siamalan ann cuideachd à Lionail agus tòrr à Steòrnabhagh ‘s bho ’n Bhac agus as an Rubha.  Bha trì fichead ann as a’ gheamhradh ud ‘s chan eil mòran aca na diugh air an talamh.  ‘S bha Society ac’ ann am Buffalo nuair a chaidh mi ann.  ‘S e Aonghas a’ Bhostaidh am President a bh’ againn.  Chan eil ach sianar à Nis ann an diugh.  Bha dà fhichead uaireigin ann.

 
Bardachd: 'Cianalas An Nisich' le D. MacLeod, Suainbost (August 2nd 1940)