|
Cianalas An Nisich
' Nuair a bha
mi og nam bhalach
'S bhithinn a
caoch 's a dh'fhassinn fann
B'e run mo
chridhe gu'n tigeadh m'athair
Airson mo
sgiths a thoirt gu ceann
'S math bhios agam an trath
sin
Co a
leasaichean mo mhian
Gur e m'athair
le ghraidhean gradhach
Bha sealtuinn
caoimhneas dhomh a riamh
Dhachaidh
bheireadh e na sguird mi
Briathran
blath 'ga labhairt rium
Chuireadh e
l'amh air mo cheann cho ciuin
'N uair a
thuitinn 'nam cadal trom
Cha b'urrain briathrean
cuir an ceil
Gaoil mo
mhathair dhomh bho m'oig
Gaol co blath,
gun cheilg, gun bhreug
'S a
dhearbhadh dhomh la ri beo
Shaothraich i
mise do'n d-saoghal
'S air mo
sgaths dh'fhuiling i pian
'S thug i
beatha dhomh ri ol
'N uair bha mi
maoth, gun treoir gun chiall
'S i sheashadh
air mo thaobh gam chobhair
An am na h-argumaid
's an strith
'S i
dh'innseadh dhomh le a bilean caomh
'N uair
bhithinn cearr is fada chli
Bha gaol na
cridhe dhomhs bha laidir
Gaol neo-abhaisteach
gun chrioch
'S beag bha dhuil agam san
am sin
Gu'n glacte
mis 'le gaol cho cruidh
O sibhse aig
am beul bhur mathair
Thoiribh dhi
gradh le aird bhur speis
Deanaidh
soirbheach dhi i laithean
Le cobhair dhi
an am a feum
'S ann a chi
sibh luach na mathair
' s luach a h-ait
air ceann an treud
'N uair a chi
sibh a cathair iasail
'S nuair nach
cluinn sibh fuaim a ceum
Ri tamh an Nis
tha gruagach ghloirmhor
'S i tha grinn bho bonn gu
sail
Tha gruaidhean
aice mar na rosan
An am is
deirge tha iad a fas
Tha suilean
aluinn anns a cholman
Suilean gorma,
dealrach ciuin
Bu bheag leum
sealladh orr' an drasda
An aite suilean nighean mo
run
Tha guth na h-uiseag
fonmhor cianail
'S an t-sambradh
ann an aird nan speur
Tha 'n ceol
tha 'n guth mo ghaoils cho sgiamhach
Ri seinn nan
ainglean shuas air neamh
Tha i
speisealta na doighean
Na cridh
fior-ghlan chan eil breug
Tha i
gniomhach 's tha i coir
Is chan eil
olc innte fo'n ghrein
Tha mi n ise
nam dhuine eile
Caochladh mor
nam dhoigh ' s nam ghnuis
Cha tharruing
iomhaigh ait thalamh m'aire
Ach te mo
ghraidh 's cha tig i 'n taobhs
Chaidh
laithean m'oige dhomsa seachad
Dh'fhas mi
suas annt' ceum air cheum
Chuir mi cul
ri daimh is dhachaidh
Dh'fhag mi mo
mhathair 'si gun fheum
Leanaidh an
sealladh gu brath ri 'm chuimhne
An la ri'm
mhathair chuir mi cul
'S e'm miann
bu doimhne bha na h-inntin
Gu'm bithinns
air curam Righ nan dul
Am barr a chroinn is mi air
faire
Troimh an
oidhche fhluich is fhuar
Bithidh mo
smuaintean air mo leannan
Bhios na cadal
's a lamh fodh cluais
Bithidh mo
smuaintean air mo mhathair
Bhios na cadal
suaimhneach trom
Mu mo mheadon
gu robh a gairdean
's air a
cluasaig gu robh mo cheann
Och nach robh
mi an diugh aig baile
Ag cur
bhuntata an deigh a chroinn
S e doruinn
mhor a bhi gun chadal
's feagal bais
air bharr nan tonn
Och nach robh
mi nochd le'm leannan
Ag gabhail
cuairt an Nis air straid
Ach bheir sigh
uam-sa thic mo bheannachd
'S innsibh
dhith nach eil mi slan
'N uair a
chuimhnich mi air a bhaile
Far na
chlreachd mi fhein bhi og
's air na
caileagan 's na balaich
Shil mo
shuilean ruith na deoir
Soraidh buan
le Leodhas nan ard-bheann
Soraidh buan
le'm sgire fhin
Sgire Nis is
mor mo ghradh dhith
'S domhainn
ait aic na mo chridhe
Soraidh buan
le baile m'athair
Am baile beag
's an deach m'arach suas
'S ann air
Suainbost tha m'aire
'S mo
smuaintean tric an am a chruais
Gu'm bi mo
cnamhan air an caradh
Ann an uir an
Alaidh anns a chladh ur
Ri taobh
m'athair is mo mhathair
'S ri taobh mo ghradh is
nighean mo ghaoil.
D.
MacLeod, Swainbost - August 2nd 1940 |