Sign our Guestbook


Ness Historical Society


 
Duilleag Bheachdan
 

 

Do Bheachdan Fhein

 
To reduce unsolicited ‘junk’ entries, we scrutinise Guestbook comments to ensure they are genuine before publication on the website.  We apologise for any inconvenience caused.
 
Peigi Murray  (Peigi Dholera) ann an 26.5.81

Dh’fhalbh mise bhon taigh an toiseach ann an 1925, nuair a bha mi ochd deug.  ‘Sann air “bus” Dhomhnaill Taididh a dh’fhalbh mi.  Mi fhìn is gu leòr eile; Catriona Dhomhnaill Stuffan, Seonag Shuathain, Catriona na Sùisd, Seonaidh Iain Bhig, Mairead Lag, Nora Mhurchaidh Phiobair agus Anna Mhurchaidh Phìobaire.  Sin na bh’ann de muinntir a bhaile.  Bha feadhainn na bu shine a bailtean eile còmhla rinn. 

Dh’fhalbh sinn air steamair mòr a bha ris a “quay” – chan ann idir far am bi a Loch Seaforth na ferry ach ris a “quay” eile – an de No. 2 a th’air?  Uill, ris an fhear sin.  ‘S e St. Ninian’s an t-ainm a bh’ oir.  Dh’fhalbh i leinn is dh’fhalbh sinn innte.

Peigi leis an deamhais

 
Bha ne ceudan innte.  Chaidh sinn “straight” a Lerwick is thug sinn fad an latha is fad na h-oidhche is greis dhan lathairne-mhàireach mas do ràinig sinn.  Bha droch ann is gèile is theab sinn a bhith marbh le cur-na-mara is leis an eagal.  Bha sinn nar sìneadh is chan aithne dhomh gun dh’ith sinn mòran – cha do dh’ith, cha b’urrainn sinn dhuinn.

Nuair a ràinig sinn Lerwick bha duine ann an sin le “van” is “minibus” nar coimhead is thug e mach sinn gu àite ris an canadh iad Sealloway, seachd mile a Lerwick.  ‘Sann a sin a bha sinn a dol a dh’fhuireach.  Bha sinn a’ fuireach ann an hutaichean fiodha – bha iad glè mhath.  Bha sianar ann a h-uile rum – da leabaidh annta is stòbha agus cha be seann  hutaichean idir a bha annta.  Bha cist againn le ar h-aodach is ar aodach leapa.

‘Sann an taigh na cubairean a fhuair sinn tè nuair a ràinig sinn.  Thàinig fear a dh’fhaighneachd de bha sinn ag iarraidh is dh’òrdaich sinn biadh.  Bha sinn a faighinn ar biadh mar sin.  Bha an curair a pàigheadh ar biadh dhuinn.  Da leabaidh ann a hut – tè ìosal is tè àrd.  Leapannan fiodh air an dèanamh anns a bhalla is iad glè mhath is bha an t-aodach againn fhìn.  Chan eil mi smaoineachadh gun do thoisich sinn ag obair lathairne-mhàireach idir – ach bha sinn òg, gòrach is cha robh e dèanamh mòran dragh dhuinn de man a bhiodh sinn neo de bhiodh sinn a dèanamh. 

Bu mhotha ar aire air dibhearson se de chitheadh sinn.  Na faiceadh sinn daoine “fancy” nach robh coltach ri na daoine bh’anns an àite againn fhìn – abair dhibhearsain.  Cha robh sinn a riamh air falbh bhon taigh.    Bha baile beag ann is bhiodh sinn a dol an sin is bhiodh sinn a gabhail annas de dh’ uinneagan nam bùthan is a coimhead na rudan a bhiodh annta.  Bhiodh na cuibairean còmhla rinn is bhiodh iad a tarraing asainn. 

Nam biodh tòrr obair ann bhiodh sinn a tòiseachadh aig sia.  A sgadan ann an sin s bhiodh sinn dha chiùireadh ‘s dha shailleadh s na phacaigeadh ann am baraillean.  ‘S tasdan a bh’ againn as a h-uile baraille agus ‘s e grot a bh’ againn as an uair ‘n uair a bhiodh sinn a’ dèanamh obair eile man “clearaigeadh” na “yard” neo roiligeadh baraillean ‘s ag ath-lìonadh.  Nan tigeadh iasgairean a-steach as na driftearan bhiodh iad còmhla rinn anns na hutaichean – dhibhearsain gu leòr.

Thug mi fad an t-samhraidh ann an Lerwick – bho thoiseach June gu August.  Thàinig mi dhachaidh an uairsin taobh Obair Dheadhain – steamair mhòr se St Magnus an t-ainm a bh’ oir is chan aithnicheadh tu gu robh thu innte.  Bha sinn toirt oidhche an Obair Dheadhain ann a “hotel.”  Bha an curair a pàigheadh a h-uile càil dhan an sin, cha robh againn ri càil a phàigheadh.  Ach cha robh mòran againn an dèidh sin.  A chiad bliadhna bha mi aig an iasgach cheannaich mi aon “sumpair fancy” dhomh  fhèin.  Dh’fhalbh sinn a rithist ann an October a Shasainn – Yarmouth – abair gu robh sin math.  Chaidh sinn chun a chaol le na ceudan air cheudan de chlann nighean is de iasgairean.  Cha robh sinn a faireachdainn an oidhche neo latha dol seachad.  Bhiodh sinn a faighinn “refreshments” aig stèiseanan; ubhlan, oraindsearan, lemonade is a h-uile càil.  

Bhiodh sinn a seinn air an trèana: “Abu chuibhle
‘S fhada leam gun toir i sroan
‘S fhada leam gun toir an treine
Brag air rèilichean a Chaoil”

Bha e fuar ann an Yarmouth – madainnean dorcha.  Bha sinn ann a “lodgings” ann.  Bha sinn glè dhòigheil ann.  A h-uile bliadhna dol sìos a Yarmouth is a Lowestoft agus Galston.  Bha sinn aig aon chailleach uamhasach math ann an Yarmouth – cha be cheud bliadhna idir.  ‘Se Rouse a sloinneadh a bh’ oirre.  Ghabh sinn “fancy” mòr dhan an t-sloinneadh a bh’ oirre.  Te mhòr reamhar, ach bha i uamhasach math dhuinn – bha i math air biadh a dhèanamh – i fhèin na thoirt a steach, cha robh againn ri òrdachadh na càil.  Bha sia “crewichean” aic a Nis.  Feadhainn aosda ann is bha sinne òg.  (Mairi Mh’dh Phìobaire, Magaidh Mh’dh, Murdag Aonghais Mhurchaidh, Catriona an Ghabhsuinn, Chiorstaidh Gheadaidh, Mairi Thormoid Chailean, Oighrig Mh’dh Dhuibh, Peigi Iain Ruaidh, Mairead an Arcaich.) 

Bha iad sin cho glic is cho ciallach.  Bhiodh iad a gabhail a leabhar is a seinn laoidhean.  Bha Mairead an Arcaich uamhasach math air seinn.  Bha iad a cèilidh air a chlann nighean aosda seo – cha robh fios ac gu robh sinne ann.  Tha cuimhne agamsa fear a cantainn s sinn air tilleadh, “Hui, thigeadh an seo, tha feadhainn òg an seo.”  Bha Mairi an Podran uamhasach èibhinn.  Tha cuimhne agam aon mhadainn agus se “banana” a bh’ againn air ar bracaist.  Agus bha aon “banana” mòr ann is chuir i air truinnsear fhèin e agus thug i an fheadhainn bheag dhuinne.  Ach nuair a dh’fhosgail i e, sann nach robh e gu math, cha mhòr nach robh e loibhte.  “O uill,” ars ise “se mo chomhairle fhìn dhuibh, nam falbhadh duine agaibh leis a rud as motha dhi fhèin tuilleadh.”  Sann nach robh càil aice, se an fheadhainn bheaga b’fheàrr.  Tha mise call mo chuimhne air tòrr dha na rudan.   

Bhithinn a cur eagal air a chlann nighean man a bhithinn ag èigheachd as mo chadal.  Tha cuimhne agam air aon latha ann an Stronsay.  Bha sinn air a bhi ag obair is sinn a bha sgìth.  Co dhiù, bha sinn dheth agus se tè mu seach a bhiodh a sgùradh a làr agus se latha Mairi a Bhlest a Crois airson an làr a ghlanadh.  Bha fasan a h-uile duine dol dhan leabaidh fhad s a bhiodhte glanadh an làr.  ‘Sann a thuit mise na mo chadal agus mi bha faisg a muigh anns an leabaidh ìosal.  ‘Sann a chuir Mairi a Bhlest “stais” dhubh orm is rudan dubh eile air m’ aodann.  Co a thàinig a steach ach “Missionary” is “Lady Missionary” a bh’aig an t-iasgach.  Bha mise ann an sin le m’aghaidh dubh na mo shuain chadail dhan coimhead,  Fhuair iad “ploy” mòr orm.  Bha mise cho trom na mo chadal ‘s nach fo dhùisg mi.  B’ fheudar dhaibh falbh.  Cha b’urrainn dhaibh leabhar na càil eile ghabhail.  ‘S bha Mairi a Bhlest ann an sin cho “guilty” ‘s fios aca gur i a rinn e.

Bhiodh sinn a ceannachd soithichean – bha iad cho saor.  Tri neo sia sgillinn, cha robh gin na bu dhaor na sin.  Pioctaran cuideachd.  Dol dha na bùithtean a cheannach is cha robh beurla uamhasach math againn.  Bha aon tè ann is cha robh beurla uamhasach math aice idir.  Dh’iarr i, “Pictures for hanging, the same as the lady got.”

Bha am pàigheadh a dol na b’fheàrr  mu dheireadh.  ‘Se 1938 a bhliadhna mu dheireadh a bha mise aig an t-iasgach.

‘Se Wick is Yarmouth a b’fheàrr leam.  ‘Se chuideachadh a b’fheàrr dhe ach nuair a bha tòrr sgadain ann bha sinn glè sgìth ar làmhan cho goirt.  Bhiodh “holiday makers” a tighinn timcheall  is a togail dhealbh.  Bhiodh iad a gabhail “fancy” dhuinn.  Tha cuimhne agam aon uair ann an Scarborough agus na bucais làn sgadain agus thàinig de leadaidh timcheall is bha iad a faighneachd dhuinn na rug sinn air na bha ann an sin de sgadain bho raoir.  Bha dùil ac gun e sinn fhìn a bha ag iasgach a muigh air an son.  Bha cubairean snog ann, ach bha feadhainn eile a bha gu math mi-chàilear.