|
Tarmod
an Duinn (Norman
Murray)
Thoisich
mise ag obair aig Dòmhnall an ‘ic Tharmoid ri dèanamh lofaichean. Bha
mi timcheall air ceithir bliadhna deug agus bhithinn a’ tòiseachadh aig
còig uairean sa mhadainn gu sia uairean a dh’oidhche. Bhitheadh sinn ri
dèanamh an ‘dough’ mas fhalbhadh sinn dhachaidh air an oidhche – ‘gus a
bhith deiseal airson a’ mhadainn.
Bhitheadh sinn a’ cur a’ bhùrn ‘s leth bola flùir ann
an tuba mhòr man bucas dubaidh agus bha sinn a’ fàgail sin fad na h-oidhche
le poca air a sgaoileadh air. Dh’fheumadh mullach a rud a thighinn sìos
agus bha sinn a’ cur pocannan air, airson a chumail blàth, agus ga
fhàgail fad na h-oidhche gu còig uairean ‘s a’ mhadainn. |
 |
Nuair a thigeadh sinn a steach
bhitheadh sinn a’ briseadh sin sìos agus bha sinn a’ faighinn “yeast” an
uair sin agus ga chuir ann a muga le burn blàth gu leaghadh e sìos. Bha thu
an uairsin ga chuir an am peile bùirn agus dha dhòirteadh dhan an tuba mhòr
a bha sin agus a’ cur bola flùir eile ann ‘s a’ measgachadh a h-uile càil.
‘Nuair a bha an ‘dough’ sin
timcheall air a bhith ceart bha thu an uairsin a’ dol anns an tuba neo pana
agus a’ nighe do chasan. Bha thu ri cuir dhiot do stocainnean ma bha
stocainnean ort agus bha thu dol dhan an tuba air do chasan lomnachd agus
‘ga nighe. Bha thu a’ rolaigeach do bhriogais suas seachad air do glùinean
‘s nuair a bhitheadh an triùir againn air ar casan a nighe - cha b’e an aon
bùirn a bhitheadh againn - bha bùirn glan aig gach duine againn - bhitheadh
sinn an uairsin a’ dol dhan an tuba sin agus a’ stampadh le ar casan. Bha
àite fhèin aig a h-uile duine againn - fear air gach ceann ‘s fear as a
mheadhan - cha b’e an aon dòigh a bha againn - bha mise an drasda ‘step’ na
b’àrda na bha thusa agus bha an taois a gluasad man a bha do chasan a’
gluasad.
Bha sinn a’ stampadh timcheall
air cairteal na h-uaireach. Bha Iain Ruadh Tàillear ag obair ann – ‘se an
“gaffer”. ‘S e esan a dh’innseadh dhuinn nuair a stadadh sinn,
dh’aithnicheadh e air an taois. Bhitheadh sinn a nighe ar casan nuair a
bhiodh sinn deiseil a’ stampadh agus bha thu an uairsin a’ faighinn
briosgaid agus cupan tea.
Bha thu toirt an taois a mach,
agus ga ghearradh na dha phunnd agus da unnsa a h-uile pìos. Bha thu an
uairsin a’ roiligeadh pìos as gach làmh agus dha tharraing as a chèile man “lastic”.
Bha thu a’ dèanamh sin gum bitheadh an taois deiseil - timcheall air ochd
dusan as a “bhatch”. Bha dà lof ri dhol ri chèile ‘s bha iad an uairsin a’
dol ann an “tray” agus maide fiodh blàth a bha air a thighinn a mach as an
àmhainn agus pìos dheth an àrda agus a’ dol tarsainn air a chèile. Bha an
àite blàth agus bha thu gan cuir ann a sin timcheall air leth uair a thìde
le pocan air a muin - pocan a thàinig leis a flùir ‘s bhitheadh iad blàth. Bha
sin a’ toirt air an aran èiridh. Nuair a dh’èireadh a na h-urad bha e a’
dol gan an àmhainn. An cùl na h-àmhainn bha maide tarsainn agus bha thu
cuir a lof ris - agus bha làrach a mhaide orra – ‘se a lof a bha staigh ris
a mhaide sin a bha dèanamh a loaf chùil. Bhiodh làrach a mhaide innt. Bhiodh
iad ag iarraidh da uair a thìde agus cairteal de bhruich agus bhiodh iad da
unnsa nas aotrom a’ tighinn a mach.
Bha an obair cruaidh a’
tòiseachadh an uairsin - an “delivery”. Bha thu a’ dol gu ruigeadh bùth
Chraig ann an Cros - agus bha fear eile a’ dol a Eòropaidh, agus fear eile a
Sgiogarstaidh – dh’fheumadh tu ruith air a h-uile taigh a toirt dhaibh
lofaichean ‘s faicinn gu de a bha iad ag iarraidh a latha sin.
Bha thu a’ tòiseachadh aig
taigh Chiorstaidh ann an Cros - taigh Iain Ailean Gobha, taigh Dòmhnaill
Aonghais, ‘s bùth an ‘ic Ìomhair ‘s bùth Ailean, bùth Dòmhnaill Fhionnlaigh
‘s bùth Liza - bha agad ri dhol dhan a h-uile h-àit a bha sin. Bha thu a’
cuir na lofaichean ann am poca ‘s a falbh leotha air do mhuin – ‘s maithte
gu feumadh thu dhol suas tri na ceithir a dh’uairean a rèir ‘s a rud a bha
iad ri ‘g iarraidh.
Bhiodh sinn a’ dol trì uairean
san seachdain a Dhail fo Dheas. Bùth Iain Ruairidh ‘ic Iain, bùth Thaididh
agus a miosanaraidh a bha sin ‘An Smiot. Bhiodh dà dhusan lof againn agus
dà chlach bhriosgaidean air fear eile ri dhol a Dhail fo Dheas. Bha lof
timcheall air trì sgillinn.
A fear a bha dol a
Sgiogarstaidh bha e dol gu taigh MhicLeòid an Adabroc - ( far a bheil taigh
Chaluim Eachainn) - Bùth an ‘ic Ìomhair agus bùth Anna a’ Bhàrd.
Fear a bha dol a Eòropaidh -
bùth Sheonaidh Iain Bhig, bùth Rachainn, bùth a’ Bhric as a Phort agus bùth
Dòmhnall Gheàrr.
Ag obair a’ bèicearachd bha
lain Ruadh Tàillear ‘s Uilleam Damh à Steòrnabhagh - ‘se “tradesman” a bha
ann an Uilleam Damh - bha e air passaigeadh airson a h-uile càil ‘son
dèanamh lofaichean. Bha còignear ag obair aig Dòmhnall an ‘ic Tharmoid agus
‘se “boss” math a bha ann - cha chanadh e riut facal ceàrr.
Thàinig fear a steach dhan a
bhùth bhon a Mhainland agus dh’iarr e lof air Dòmhnall an ‘ic Tharmoid ‘s
thug e leis a lof agus chaidh e dhan a h-uile bèiceir a bha ann a
Steòrnabhagh – ‘se lof Dòmhnall an ‘ic Tharmoid a fhuair 1st prize agus
fhuair e “watch” òir air son sin. Bha e math dhuinn ann am biadh, cothrom
air briosgaidean ‘s ìm agus dh’fhaodadh tu do phòcaidean a lìonadh nuair a
bhiodh tu ri falbh. Bha sinn a’ faighinn sia tasdain as an t-seachdain -
pàigheadh mòr as a latha ud - bha mise ga thoirt dha mo mhàthair nuair a bha
mi ga fhaighinn Disathairne agus bha ise ga chuir gan a’ bhùth - cha robh
càil a’ tighinn a steach ach na sia tasdain.
Bha Dolaidh Aonghais an ‘ic
Leòid ‘s mac Ruaraidh Alasdair Òig ag obair còmhla ruim. Nuair a thoisich
mi ag obair cha robh brogan agam ach air mo chasan lomnachd. Fhuair mi a’
chiad bhrògan bho Dòmhnall an ‘ic Tharmoid agus bha e a’ cumail dà thasdan
bhuam - cha robh mi a’ faighinn ach ceithir tasdain gu na phàigh mi na
brògan.
Nuair a bha thu deiseil dhan an
obair dh’fheumadh tu dà làd bùirn an duine a thoirt a steach mas deigheadh
thu dhachaidh gus bith càite a faigheadh thu iad - dhol sìos chun a “phump”
dhan a’ Phort neo steach gun an Taigh Sgoile - bhitheadh sinn a’ goid a
bhùirn as tocasaid an Fhiosaich, dh’fheumadh sinn sin a dhèanamh air son a
latha màireach. Bha thu scrubaigeadh a h-uile càil, gach làr is eile, a h-uile
latha.
Nise a seòrsa àmhainn a bha ann
- àmhainn air a dèanamh le breigeachan. Teine fodha man ath agus an àmhainn
os cionn sin. Ghabhadh e timcheall air ochd dusan lof ‘s dh’aithnicheadh tu
nuair a bhitheadh e teth - bhitheadh thu a crathadh flùr a steach innte agus
nuair a dh’fhàsadh a flùir donn bha e teth gu leòr.
Nuair a bhitheadh banais ann
bha “special delivery” againn. Dh’fheumadh thu a dhol far am bitheadh iad
a’ pòsadh le dà dhusan lof. Cha robh sinn a’ faighinn fios gu na banais
idir, ach pìos agus jam.
'Nise dh’fhàg mise nuair a
chaidh mo “challaigeadh” dhan a’ chiad chogadh.
Ach bha an obair a’
còrdadh rium. Sin a nise mar a bha iad ri dèanamh lofaichean Dhòmhnaill ‘an
‘ic Tharmoid. |