|
Nuair a ràinig mise cidhe Steòrnabhaigh larna
mhàireach bha Aonghas againn fhèin dha mo choinneachadh agus thuirt e rium,
“Chan eil bus an seo a nochd.” Chan fhaigheadh bus a null a Nis leis in
reothadh ‘s an sneachd. O, mo chreach, latha eile! Co dhiubh, thàinig bus
agus fhuair mi dhachaidh, ‘s ann dhan taigh againn fhèin a chaidh mi an
oidhche sin.
Larna mhàireach, chaidh mi suas chun a’
chottage ‘s thàinig an committee timcheall - bha ‘n uairsin Am Bocsair,
Kenny Chreig ‘s a bhean, Bean MacArthur (maighstir-sgoile), Bean Dhòmhnaill
Deic agus Dòmhnall Chruaidh air a’ chommittee agus thàinig iad a nuas dhan
a’ chottage dha mo choinneachadh – cha deidheadh ceò troimh ‘n shimilear ‘s
bha iad an uairsin dol a’ leagail an t-similear a’ smaoineachadh nach
deidheadh a’ cheò troimhe – am fuachd! Co dhiubh, thàinig Aonghas againn
fhèin agus Sanaidh a’ Choilich (‘s e an diugh tha ‘na Chief Constable an
Obair Dheadhain) agus chaidh iad suas ‘na mullach le àraichean agus sgrìob
iad e ‘s cha robh sin fada agus bheireadh e leis mi fhèin gu luaidh air na
bh’anns an sgìre – ‘S e bh’ann a’ cheò, suith an dèidh steigeadh shuas as a’
ghoc ‘s cha deidheadh na bruisean troimhe.
Tha cuimhne agam a’ chiad latha a fhuair mi
mòine. Thòisich mi dèanamh cruach leam fhèin ‘s bha Sanaidh an uairsin na
bhalach beag – ‘na bhalach an dèidh an sgoil fhàgail – ‘s sheall e mach air
an uinneag ‘s chunnaic e mis dèanamh cruach ‘s thàinig e mach agus chuir e a
h-uile fad dhan chruach ri làr ‘s thog e fhèin a’ chruach - rinn e fhèin
stèidheadh. Bha an òigridh cho math dhomh air a h-uile dòigh
‘S ann a’
coiseachd a bhithinn nuair a thàinig mi ‘n toiseach, bho taigh Iain
Dhòmhnaill Bhocs ann an Àird Dhail gu taigh Dòmhnall Iain Duinn. Cha robh
càraichean ann a bheireadh dhut lift – bheirinn uaireannan air bus dha no
bus ceithir. Bha mi cho active an uairsin ‘s beag a bha e cur orm. Nuair a
smaoinicheas mi orm fhèin an diugh, saoilidh mi nach e mi fhèin a bh’ann.
An
uairsin fhuair mi bicycle ‘s thoisich na balaich ‘nam ionnsachadh agus ‘s e
tìde cur a mach an todhar a bh’ann – ann am March. Cha b’ aithne dhomh
bicycle a dhèanamh. ‘S e Calum Mhurdaig nach maireann a bha ‘nam
ionnsachadh ‘s bha Suthan sgriosal còmhla ris - an darna fear aig ceann a
staigh an lot ‘s am fear eile aig a cheann a muigh agus iad a’ feuchainn gu
faigheadh iad air mi cinnteachadh ach an tuitinn ‘na mo uniform as na
cairtean todhar ach am faigheadh iad fhèin laugh na bhiodh orm a thodhar,
agus Murdaig ri trod riutha. O, sin na làithean a bha dòigheil.
A’ chiad
latha chaidh mo thoirt chun a’ mhain road, bha agam ri dhol sìos leathad an
Druim Fhraoich agus Calum Mhurdaig còmhla rium – ‘s bha e cantainn rium,
“Cum na brakes air, cum na brakes air. Na leig as na brakes air na chunna
tu riamh mas tuit thu.” Co dhiubh, rinn mi chùis, ‘s bha mi falbh leam
fhèin as dèidh sin.
Cha
d’fhuair mi car gu 1948 agus ‘s e lain Thaididh a bha ‘nam ionnsachadh.
Nuair a bha mi an dòigh ‘s gum b’ aithne dhomh a dhraibhigeadh air an rathad,
bhithinn a’ dol a dh’iarraidh Ailean Tee as a’ mhadainn ‘s bheireadh e chun
a rathaid dhomh e ‘s ghabhainn suas a Dhail fo Dheas agus aghaidh suas fad
an shiubhail. Reversigeadh cuideigin ann an sin dhomh e - Tormod Dhomhnaill
Stufan, neo cuideigin, agus chuireadh iad aghaidh sìos. Ghabhainn sìos an
uairsin gus a ruiginn Taigh Thàbaidh ‘s reversigeadh Tàbaidh dhomh ann an
sin e ‘s ghabhainn suas dhachaidh a rithist neo mach an cùl. Cha robh duine
air an rathad an uair ud cha mhòr ach mi fhèin ‘s cha robh cunnart ann ‘s
nuair a thiginn dhachaidh an uairsin dh’fheumadh Ailean Tee a chur a steach
dhan a’ gharage. ‘S e Ailean Tee a bha sgìth dhìoms’. ‘S maith t’ nach
bithinn càil ach a staigh nuair a thigeadh an ath fhios orm. Dh’fhalbhainn
a dh’iarraidh Ailean Tee ‘s bhiodh aige ris an car a thoirt a mach a rithist.
|
Nam
biodh droch oidhche ann mas d’fhuair mi car, bhiodh làraidhean a’
tighinn ‘nad iarraidh. ‘S e George Gillies an còmhnaidh a bha ‘nad
iarraidh a’ dol a Dhail agus Roddy Ròigean le bus beag Ròigean airson an
taobh eile, ‘s a’ Mhol. Sin na draibhearan a bhiodh tighinn ‘nad
iarraidh chun an dorais. Lòdraig, bha làraidh aig Lòdraig cuideachd ‘s,
mo chreach, gnogadh Lòdraig aig an doras. A’ Mhol agus Lòdraig, nuair a
thigeadh iad ‘nad iarraidh, shaoileadh tu gur ann a biodh iad ‘g
apologisigeadh - bha e cho duilich leotha.
Dotair Domhnall MacAsgaill a' Carlabhagh a bha na dotair ann an sgire
Nis, agus a bha fuireach ann an Galson Lodge. Bha a bhean na
Comhhairliche iomadh bliadhna. Chaochail e sa Chèitean
1988. |
|
Cha robh
“snow-plough” ‘s cha robh càil ann. Bha na balaich an uairsin air an t-siùcar
‘s cha robh fon an àit’ ach agam fhèin agus ‘s ann thugam-sa a bhiodh na
balaich a’ fònaigeadh – agus na reporters a Steòrnabhagh ‘son an Daily
Express – cha robh fòn a’ sgur an uair a bha mi staigh am beul na h-oidhche.
Nam biodh duine ‘na èiginn thigeadh iad ‘nam bòtannan ‘s feadhainn a’
tighinn a dh’iarraidh an orange juice. Thòisich iad a’ faighinn orange
juice ann an 1954 co dhiubh.
|
Nuair a thàinig na balaich dhachaidh as an
t-siùcar an 1954, dh’fhònaig iad gu robh iad air an t-slighe ri tighinn
agus dh’fhalbh làraidh Charlie Alex leotha a Steòrnabhagh dol a thighinn
a null leotha agus steig i aig taigh a’ bhùirn agus choisich iad as a
sin agus dh’fhònaig iad thugamsa shealltainn robh e càil nas mìos agus
chan fhaigheadh dotair no càil troimhe – Henderson ‘s MacAskill – agus
thuirt mi riutha callaigeadh aig an dà dhotair air an t-slighe sìos gus
nach ruithinn a mach a tablets, no penicillin – bhiodh codeines,
coramine, ‘s medicines ‘s rudan dhan t-seòrsa sin agam. An diugh chan
eil fios aig nursaichean gu bheil iad beò.
Dotair Henderson a bha na dhotair ann am Borgh bho dheireadh a' chogadh
gu deireadh na 1960an. Bhuineadh e do Fraserburgh. |
‘S chaidh
iad a steach chun an dà dhotair as an tighinn sìos ‘s thàinig iad le sack
mòr agus ‘s e MacAskill a’ chiad duine fhuair troimh. ‘S ann dol a
Eòropaidh a bha e le tractar ach bha sneachd an dèidh sgur an uairsin. Ach
‘s e chiad chàr, làraidh a dh’fhalbh ‘s Seonaidh na Casag leatha ‘n oidhche
bhàsaich bean Dhòmhnaill Bhuircean – Disathairne. Thoisich iad air na
rathaidean le spaidean - thachair riutha mas do thill iad. Dh’fhalbh iad
eadar dhà ‘s a trì feasgar Disathairne, ‘s cha do thill iad gu naoi uairean
‘s a’ mhadainn – madainn na Sàbaid. Na thachair riutha le sneachd ‘s
cabhadh. Nis, cha robh fios gu robh iad steigt’ as a’ mhòintich an àiteigin.
Cha bhiodh càil ach an dèidh an darna rud a chlearaigeadh nuair a lìonadh e
an àrd a rithist. Bha na balaich air an lèireadh leis an fhuachd nuair a
thàinig iad.
Cures:
Chan fhaca mise càil a riamh a b’fheàrr leamsa na na brèidean dubha. ‘S e
b’fheàrr leamsa na gin a fhuar-lite a chunna mi riamh air at. Cha robh
penicillin an dèidh ‘s a thighinn a mach an uair ud; càil ach brèidean dubha
dol air an at. ‘S ann an dèidh dhomhsa dhol a Nis ‘s ann a thàinig
penicillin a mach. ‘S e Dollag a’ Bhoy a’ chiad duine a fhuair penicillin
agus streptomycin ann an Nis. Nuair a chaidh mise Nis an toiseach as dèidh
a’ chogaidh bha seachdnar balaich as Nis air a verandah as a’ Chounty
Hospital – chan eil cuimhn’ agam co mheud nighean a bh’ann agus tha a h-uile
duine tha sin beò an diugh cho math ‘s a bha iad a riamh ach dithis agus cha
b’e TB a thug a mach iad. Bhithinn a’ dol a null a shealltainn orra.
Bho thàinig a streptomycin dh’fhalbh a h-uile
càil dhan sin. Penicillin a nis, chlearig sin na h-atan. Bha am breid-dubh
a’ dol air an at (at a’ bhonn-dubh) – cha tèid duine a ghearradh an diugh le
tarrag neo le càil, tha sandals agus slippers ‘s a h-uile càil an diugh
ann. Cha tèid duine air an casan lormachd an diugh. Co dhiubh, bha na
brèidean-dubha dol air an toiseach ‘s nuair a bhriseadh an t-at, bhiodh iad
a’ cur siaban le siùcar air agus bha sin a’ tarraing màthair-ghuire ‘s bha e
math cuideachd. Nuair a ghearradh duine an dràsta a chas, bhiodh iad a’
lorg lion an damhain-allaidh agus ‘na chur air.
A’
Bhreid Dhubh:
Flat
margarine ris an teine fad an latha, ‘s bhiodh iad a’ gearradh pìosan de
anart no poca flùr ‘s bha iad teth ‘s bha iad ann an sin. Bheireadh tu
an anart as agus chuireadh tu air an at e fhad ‘s a bhiodh e teth.
Nuair a thigeadh am fear sin dheth, bhiodh fear eile deiseal airson a
chuir air gus am briseadh an t-at.
Katag le car a' nurse |
|
Sunlight
Soap le siùcar ‘s bhiodh e tarraing màthair-a-ghuire as agus chitheadh tu
toll fad’s an robh an t-at. Nis, thoisich sinn a’ fàs modern agus thoisich
sinn a’ toirt penicillin agus boracic lint. Ach bha mise creid ann a bhith
cur an t-siùcar air a’ bhoracic lint – rud a chunnaic mi aig na cailleachan.
Bhiodh sinn cur a lint ann am burn teth ach bhithinn cur an t-siùcar air.
Rud eile bhiodh iad a’ cleachdadh gu math tric
– burn le rud beag salainn ann. Tha mi tuigse sin nis - Saline chanas sinne
an diugh ri sin, agus ‘s e chiad rud a tha duine faighinn an diugh as an
“drip” ma tha duine air collapsadh mas fhaigh iad fuil.
Chan eil
fhios aig daoine an diugh gu bheil iad beò - cha robh leithid a rud ann ‘s
“two days off” agus deiseal aig sia. Bha thu “on call day and night.” Nam
faigheadh tu “half-day” bha thu fortanach. An diugh ‘s e an tè a th’air
“call” a thèid a mach as dèidh sia uairean agus bha i pàighte airson “over
time” an ait’ sin. Rud eile bha sinne dèanamh – a’ cothromachadh na cloinne.
‘S tu bha toirt a leanabh dhan t-saoghal. Bha thu ‘ga chothromachadh a h-uile
mìos gu robh e bliadhna dh’aois. Nam biodh iad tinn ‘s tu bha dol thuca co
dhiubh – b’urrainn dhut na record cards aca shealltainn an àrda. Bha
iad an uairsin
dol dhan sgoil, bha thu ‘na leantainn an àrda anns an sgoil.
Cure
eile:
Nuair a ghearradh tu do chas, dheidheadh tu mach a dh’iarraidh cuiseag –
duilleag – ‘s e “herbs” a bh’anns na rudan sin agus dheidheadh sin a chur
air an fhuil airson stad a chur air an fhuil. Nan deidheadh an gràp troimh
do chas cha robh a leithid a rud agus anti-tetanus serum ann an latha sud
agus nuair a dheidheadh an gràp troimh cas leanabh, no rud dhan t-seòrsa
sin, bheireadh iad orra mun air. Nise bha sin sterile agus chan fhaigheadh
tu càil cho sterile ri sin, ‘s bha sin a’ glanadh a mach a lot. Bha e na b’
fhasa dha balaich na bha e dhan a’ chlann-nighean bhochd. Ach ‘s e sud a’
chiad chàil a bha iad ag iarraidh a chur orr’. Chunna mis’ as spot gu de a
bh’ ac’ - fhios agad, gràp a dhol troimh do chas cunnartach “lock jaw” a
thoirt ort. ‘S ann an dèidh dhomhsa a dhol a Chros a thòisich a h-uile càil
man anti-tetanus anns an sgoil - injections a whooping-cough.
Bha daoine cho dòigheil ‘nam measg fhèin. Cha
robh “home helps” ann ‘s cha robh càil ann man a th’ann an diugh. Bha na
boireannaich - ma bha duine bochd na gus bàsachadh - bha dithis ma seach a’
tighinn a h-uile h-oidhche a chaithris. Bhiodh iad a’ toirt leotha
nigheadaireachd ‘s dha dhèanamh dhaibh agus a dol a steach thuca le biadh
man biodh duine anns an taigh a dhèanadh e - daoine bh’ann an taighean ‘nan
aonar.
Bha sòlas agus sonas a measg nan daoine,
saoilidh mis nach eil ann an diugh. Dhèanadh daoine an diugh e ach thoisich
na “home helps” ‘s cha tèid iad ann le eagal gun can iad gu bheil iad
interferigeadh. Duine bho dhuine ‘s dithis a’ caithris a h-uile oidhche
anns na taighean. On òigridh a cheart cho math ri sin, toirt a steach a’
bhùrn thuca. Dheidheadh iad a dh’fhaighneachd an robh càil as an aonais.
Tha ’n òigridh an diugh nas grown-up na bha iad air ar h-aois-se.
Nuair a bha mise ceithir ‘s còig bliadhna deug
bha m’inntinn man clann – tha iad an diugh cho grown-up aig ceithir deug ‘s
a bha mise aig a h-ochd deug. Chan eil mise ag ràdh gur ann feumail dhaibh
a tha sin. Bha chlann a’ tachairt riums’ air an rathad a’ tighinn as an
sgoil agus dh’fhaighnich iad dhomh a robh baby agam as a’ bhaga. Chan eil
duine an diugh cho aineolach ri sin.
Thug mise
sia bliadhna deug ann an Nis agus ‘s e Willina Cheocaidh a’ chiad leanabh a
ghabh mi agus ‘s e balach Thormoid na Casag a leanabh mu dheireadh a ghabh
mi. Tha ceangal agam riutha – saoilidh mi gur ann leam fhèin a tha a h-uile
duine agus tha iad a’ dèanamh de phloy orm an diugh seach nach eil mi ‘nan
aithneachadh. |