" 'S e clann a'cheud fheadhainn an uairsin a chaidh as a rathad a thog an
àite a rithist as an iasgach. An uairsin cha robh anns an liòn mhòr ach
dusan sreang 's bha's a 'cur an diugh 's a'togail a-maireach. Gròt air a
langa - bha i cho tiugh 's cho pailt ann. Thàinig an cladach air adhart mu
dheireadh 's gu robh seachd eathraichean ann. Nuair a dh'fhàs am baile mòr
's a' sgìre 's a rinneadh am baile-se shìos, bha na bh'anns a' bhaile-se
cuideachadh nan crewichean a bha muigh. Bha 'm baile gann de dhaoine 's cha
robh difir co as a bhiodh tu - ged nach biodh tu as a' bhaile idir nan
deidheadh tu a dh'iasgach. Bha fear a Dail bho Dheas ag iasgach ann a
Sgiogarstaidh seachd bliadhna - Cha robh rathad idir ann ach rathad dubh.
Iain MacAonghais Chailein 's chaidh e fhèin as a rathad ann an 1885 'na
sheann duine an àite mhic.
"Thòisich iad an uairsin air a lìon mhòr - 'S e da shreang a bh'aca 'n
uairsin air an lìon mhòr an uair a dh'fheuch iad an toiseach e. 'S a fear a
thug a Steornabhagh na sreangan air a mhuin, choinnich bodach e ann an sin
agus dh'fhaighnich e de an gnothaich a bh'aige, 's carson a bha e, agus
thuirt e gur ann airson iasgach na langan. "'S iomadh banntrach 's
dìlleachdan a dh'fhàgas tu ann an Nis leis," ars esan. Ach cha do choisinn
sin dhaibh sguir dheth. Mar a bha iad a'cleachdadh ris a lìon a bha seo,
thoisich iad a' cur sreang agus sreang ris gun tàinig iad mu dheireadh gu da
shreang dheug anns a lìon mhòr nuair a rinneadh am bàthadh mòr ann a 1862.
 |
An Jubilee,
sgoth Niseach a chaidh a chuir air bhog a’ chiad turas air Latha
Iubailidh an 1935. Tha an seo a’ sealltainn an eathar a tighinn a-steach
gu caladh Steòrnabhaigh as t-samhradh 2005 as-dèidh obair leasachaidh
mhòr.
Airson tuilleadh fiosrachadh air eachdraidh an t-soithich,
thigibh gu
Jubilee
sna duilleagan Bheurla air an làrach-lìn seo. |
"Re linn Dhomhnuill
Ghabhsuinn, cha robh siùil aca ach siùil a bhiodh iad fhèin a' dèanamh le
seann phlaidichean no pocannan agus 's ann a' ruith roimhn' ghaoith a bhiodh
iad an còmhnaidh. Thàinig a latha seo a-mach cho fiadhaich 's gun ann a
Ghabhsunn a chaidh na h-eathraichean a bha siar air a' Phort - 's ann a
dh'èigh a fear seo a bh'ann an eathair Fhearghais, "Tha mi faicinn duine air
a'mhuir." Rinn iad air. Bha mac Iain 'na sheasamh anns an eathar, cha robh
sgeul air a' chòrr ach bha e ag ràdh gu robh Dòmhnall Mac Thormoid còmhla
ris mionaid roimhe sud. Rinn iad a Ghabhsunn 's chaidh na boireannaich suas
a Ghabhsunn 's chan fhaigheadh gin a steach dhan eathar 's an robh Mac Iain
ach a bhean. Dh'aithnich càch gu robh an creach dèant' 's thill iad.
 |
‘S e
feadhainn dha sgioba a’
Mhayflower as Adabroc agus Eòrodal th’anns an dealbh seo a chaidh a
thogail timcheall air 1950: Tormod Dòmhnallach (Tormod Dhòmhnaill
Bhig); Aonghas Moireasdan (Aonghas Bàn), Murchadh Moireasdan (Jellicoe),
Calum MacIlleathain (Calum a' Bhodaich) |
| "Nis, as
dèidh sin, chaith an duine sin a latha ris a' mhuir. 'S e cheud duine
chuir taca air eathar a riamh 's bha dùil aca gur ann cur cùl ris an
àite bha e muigh 's a mach gu robh e roimhp' anns a' Phort - an
fheadhainn a bha na fhaicinn air na h-eathraichean eile 's a h-uile fear
ag ràdh gur ann as a chiall a bha'n duine.
'Pride of Lionel' aig Port Nis
timchioll air 1935 |
|
"Thàinig na h-eathraichean
bho dheireadh gu bhi cho lionmhor 's 'g eil cuimhne agam air ceithir
deug air fhichead a bhi anns a' Phort. An cunnt mi dhut iad?
"Bho Aonghas Mìcheil ann; bha
Mac Alasdair Bhàin ann; bha Aonghas Chaluim Ruaidh ann; bha Tormod Aonghais
Mhòir ann; bha Calum Mac Aonghais ann; bha Iain Mac Alasdair 'c Thormoid ann;
bha Aonghas Neill ann; bha Dòmhnall Gobha ann; bha Dòmhnall Pìobair; bha
Aonghas Chaluim 'ic Aonghais 'ic Fhionnlaigh; bha Iain Mac Dhòmhnaill; bha
Dòmhnall 'an Dòmhnallaich; bha Coinneach Alasdair Ruaidh; bha Aonghas
Alasdair; bha Dòmhnall Bothan - 'eile thu 'gan cunntadh? -; bha Iain Seònaid;
bha Iain Mac Dhòmhnaill Bhig; bha Dòmhnall Mac Alasdair 'ic Ailein; bha
Murchadh Dubh; bha Tormod Mac Thormoid; bha Mac Alasdair; bha Dòmhnall Mac
Choinnich; bha Dòmhnall Mac 'an 'ic Iain; bha Deilear; bha Ruairidh Mac 'an
Bhàin; bha Calum Mac Mhurchaidh Cùdhaill; bha Iain Bàn; bha Iain mac
Aonghais 'ic Iain; bha Iain Mòr; bha Tormod Mac Dhòmhnaill; bha Mac 'an
Bhreabadair.
"Chunna mi na bha sin a mach as a' Phort 's bha tri deug anns a Stoth.
Innsidh mi iadsan cuideachd 's bha seachd a Sgiogarstaidh." |