Sign our Guestbook


Ness Historical Society


 
Duilleag Bheachdan
 

 

Do Bheachdan Fhein

 

Duileligean
Mara

Iasgach Nis

Clann-Nighean
an Iasgaich

Seoladh
 
Tha dualchas sheòladaireachd na h-Eileanan an Iar air cruthachadh ginealaichean de mharaichean agus iasgairean a bha sàs nan dreuchd ri oir na mara againn fhèin agus air feadh an t-saoghail.
 
Tha na duilleagan a leanas a toirt boillsgeadh air mar a thug na h-eileanan buaidh air dualchas mara Bhreatainn thairis air na bliadhnachan.
 
An ‘Eoropie’ aig Port Nis.  Sheòladh i eidar Port Nis agus Steòrnabhagh ann a ceithir uairean a thìde, le luchd gaireasan bùtha no baile.  ‘S ann le Dòmhnall MacLeòid, Domhnall iain Oig, Eoropaidh, a bha am bàta agus bha ceathrar de sgiobadh orra.  Bha einnsean agus seòl orra cuideachd.
An sgoth SY Jubilee, an tè mu dheiridh de na sgothan Niseach a bha sàs san iasgach-lìn mach bho ceann a tuath Leòdhais ro 1950. ‘S e an eathar seo an sgoth mu dheireadh a chaidh a h-Shùlaisgeir fo shèol air an turas bliadhnail son sealg a’ ghuga.
‘S e feadhainn dha sgioba a’ Mhayflower as Adabroc agus Eòrodal th’anns an dealbh seo a chaidh a thogail timcheall air 1950: Tormod Dòmhnallach (Tormod Dhòmhnaill Bhig); Aonghas Moireasdan (Aonghas Bàn), Murchadh Moireasdan (Jellicoe), Calum MacIlleathain (Calum a' Bhodaich)
A tarraing a’ Mhayflower aig cidhe Sgiogarstaigh mu 1950

Am Mayflower aig cidhe Sgiogarstagh ann 1998, le motor innte agus innealan nuadh airson lorg iasg.

Balaich Nis ann an New Zealand:  Murdo MacDonald (Murchadh Alasdair), 9 Eorodal; Donald MacKenzie (Dh’ll Aonghais Dh’ll Tàilleir, Sgiogarstaidh; Tommy Darcaidh, An Rubha; Murdo MacLeod (Murchadh a’ Ghruagain), Adabroc; Calum Mackenzie (Calum na Caib), Tabost; Donald Morrison (Biagaidh), Am Port
Iain Mhurdo (John Finlay Macleod), 4 Port.  Fhuair esan beò às an Iolaire.  Shnàmh e gu tìr le ròp agus bha e na mheadhan air còrr air 50 duine a shàbhaladh
Domhnall “Am Patch” Moireasdan (1898-1990), 7 Cnoc Ard.  Fhuair esan bèo as an Iolaire agus bha e fad na h-oidhche ann bàrr a’ chrainn
PO Iain Greumach (John Graham), 28 Borgh, a fhuair DSM airson bom a chumail gun spreadhadh air soitheach Gearmailteach
Southern Venturer (South Georgia) a whaling factory ship owned by Christian Salvesen & Co.

Aonghas Shàm (Angus Morrison), 35 Eoropie, agus Aonghas Chalaips (Angus MacLeod), 3 Port of Ness, in South Georgia