|
Cha robh mi sia bliadhna deug a dh’aois nuair a
dh’fhalbh mi bho ‘n taigh an toiseach, agus tha cuimhn’ agam feasgar mas do
dh’fhalbh mi bha m’athair a muigh air an eathair agus O, thàinig ceò a bha
“tough”. Bhitheadh sinn an uair ud a dol sìos chun a’ chladaich a
choinneachadh na h-eathraichean gu Tràigh Dhail. ‘S maith ‘g eil e
uamhasach an drasda
a
chantainn ach cha b’e beatha m’athair a bha dèanamh dragh dhomh idir ach
eagal nan tachradh càil dha nach fhaighinn fhìn air falbh gu muir. Seo cho
“keen” ‘s a bha mi. Co dhiubh, fhuair iad a steach agus ‘s ann le brag na
mara air Tràigh Dhail a fhuair iad a steach.
|
Tormod
Shautaidh 'sa Chiora anns a' Mhoine |
Co dhiubh,
dh’fhalbh mise latha-na-màireach. Bha ‘n caistea1 an dèidh “yoba” fhaighinn
dhuinn air soithichean Donaldson. ‘S dh’fhalbh mi-fhìn ‘s Aonghas a Sgiobar
air a Loch Seaforth. Bha fear bho shìos a sgìre falbh cuideachd – a’
Frypan. Bha esan a’ dol a Ghlaschu ‘s chaill sinn esan an àiteigin an
Glaschu. Fhuair mi-fhìn ‘s Aonghas a Sgiobair “taxi”. Bha ceas mòr an
duine againn agus còmhla ri sin bha ceas beag aig Aonghas le tubhailt,
siaban ‘s na “necessaries”. Co dhiubh, ghabh sinn an “taxi” gu ‘n Atlantic
House ‘s fhuair sinn a steach ann ‘s fhuair sinn rum. Nuair a ràinig sinn a
rum cha robh sgeul air a’ cheas bheag. ‘S cha robh càil a dh’fhios aig
duine dhan dithis càit a robh Queen Street Station far an d’fhuair sinn an
“taxi”. Cha robh de chiall againn a ghabhadh sinn “number taxi” ann na càil
eile. Cha robh fios againn air càil mu dheidhinn càil, ach gu robh an
dràibhear maol. Fhuair sinn lorg air Queen Street co dhiubh – chan eil
fhios co mheud car a chur sinn timcheall air Glaschu ach fhuair sinn an àite.
Gu fàbharach a’ chiad “taxi” a chunnaic sinn bha ‘n dràibhear maol ann ‘s an
ceas beag anns a chùl. Dh’fhalbh sinn an uairsin ‘s fhuair mise soitheach
ris an can iad an “Corinaldo”, ‘s fhuair Aonghas t-eile. ‘S e ‘n caisteal a
fhuair na soithichean dhuinn, bha sinn air dà bhliadhna thoirt anns a’
chaisteal a Steòrnabhagh roimh ‘n sin. Dh’fhalbh mise air a Corinaldo ‘s i
dol a mach a Mhontreal. O, muirt mhòr, cha robh duine à Nis còmhla rium oir
ach bha dithis as an t-eilean Sgitheanach ‘s fear à Uibhist. Ach -
bruidhinn air cur-na-mara. O, dhuine bhochd. Lùiginn gun bithinn marbh
“right there on the spot” - thug mi trì latha leis, “three solid days”.
‘S ann
“deck-boy” bha sinn an uair ud agus ‘se an “deck-boy” a bhiodh a’ dèanamh a
“mess-room” far am biodh na seòladairean ag ith agus ‘s tu dh’fheumadh a
dhol a dh’iarraidh a bhiadh sìos dhan a “ghalley” agus ‘se bh’ann ach
“trayaichean” le “space” airson sud agus “space” airson seo. Agus man a
bhiodh a soitheach a’ gluasad ‘s maith gun biodh am “pudding” a measg am
buntàta ‘s bhiodh a h-uile càil a bh’ann a measg a chèile. ‘Se bhith
dèanamh sin ‘s cur-na-mara ort - tha mise ‘g ràdh riut.
Dh’fheumadh tu bhith dol an dèidh sin ‘s a
bhith dèanamh a h-uile càil. Agus daoine ann a sin ag ràdh riut, “Och
Tharmoid feuch cnap “hama”, tè cho tiugh ‘s a gheibh thu, neo, feuch cupan
sal”. Agus man a chanadh iad sin bhiodh Tarmod aig a rèile a gomadaich ‘s
mu dheireadh cha robh càil ann a chuirinn a mach ann. Cha bhithinn a
faighinn air càil ith gus am bithinn dìreach gus a dhol dhan a leabaidh.
Cho fad ‘s a gheibhinn na mo shìneadh bha mi alright. An oidhche bha seo
bha orainsear agam ‘s dhith mi ‘n orainsear ‘s leum mi dhan a leabaidh.
Latha-na-màireach cha robh sgeul air cur-na-mara. An ceann trì latha bha mi
alright.
Ach O,
dh’fhairich mi e o ‘n uairsin - air soitheach beag ris an canadh iad An “Alpera”.
Ach an trup sin cha b’e ‘n aon seòrsa bh’ann idir. Bha mi “step” na b’ àrda
‘nam ordinary seaman agus cha robh mi na fhaireachdainn cho mòr oir bha mi
faighinn a mach chun na cuibhle ‘s a’ faighinn “fresh air”. Ach cha lùiginn
air a chù e. Sin agadsa man a thoisich mis.
‘Sann
suas St Lawrence, suas gu Montreal a chaidh mi ‘n toiseach. Cha robh na
trupan an uair ud ach trì seachdainean ‘s a tilleadh a Ghlaschu. Cha robh
agad ach trì neo ceithir de làithean an Glaschu ‘s cha robh e “worth” dhut a
thighinn dhachaidh ann. An uairsin a’ falbh a rithist - rinn mi còig trupan
“altogether”. Gu Montreal ‘s sìos St John a New Brunswick ‘s Quebec.
Bhiodh sinn a’ faighinn air tìr ‘s bha sin glè mhath. Ag obair gum biodh e
aon còig neo sia - bha e “dependeadh” dè bha dol - nam biodh na “dockers” ag
obair “late” na càil dhan t-seòrsa sin. Ach man bu thric bhiodh sinn ag
obair bho ochd uairean ‘s a’ mhadainn gun biodh e sia. An uairsin air tìr
gu madainn latha-na-màireach.
Cha bhiodh a h-uile duine; bhiodh feadhainn
ann a dh’fheumadh fuireach a “watchaigeadh” an “gangway”. Ach bhiodh sinne
dol air tìr agus chan urrainn dhomh ràdh nach biodh “good time” againn, gun
“doubt”.
Cha chuir mi air teip dhut idir de bhiodh sinn a dèanamh! Bhiodh
sinn a “shopaigeadh”.
Gheibheadh tu aodach math ann a sud: aodach tiugh
geamhradh a bha fada na bu shaor na bha e ann a seo. A dol suas a dh’
fhaicinn na bailtean - dè seòrsa àite bh’ann ‘s a’ dol dha na “pubs”, chan
eil “doubt” ann. Bhiodh sinn a’ gabhail drama ‘s tha mi creid a’ gabhail an
deoch. Bithidh daoine ‘g ràdh, “O, seòladair leis an deoch”. It’s a common
thing gu robh sin ‘na ràdh mu sheòladair, ach cha robh sinne gabhail na bha
sin de dheoch idir. Nuair a bhiodh sinn a’ dol dha na “pubs” ‘se tòrr dheth
gun coinnicheadh sinn càch a chèile cuideachd.
A’ chiad
pàigheadh a bh’ agam a riamh ‘se £11 and sixpence as a’ mhìos. Nise, bha
“tax” agus “insurance” ri thighinn a mach a sin. A’ chiad “pay off” aig
deireadh an trup ‘se £5 a bh’ agam. Ach a nise gheibheadh tu gu math fada
air a sin ann a 1955.
Ach
chaidh a’ chùis na b’fheàrr na sin. An dèidh sin “yoinig” mi an “Alpera” ‘s
thug mi dà bhliadhna mach ‘sa steach a Glaschu. Dh’fhalbh mi ‘n uairsin ‘s
chaidh mi sìos chun a “phool” ann a Lunnainn agus “yoinig” mi ‘n Port Line.
Bhiodh sinn a’ dol a mach a New Zealand ‘s Astràilia. Sud far a robh ‘n
àite math, New Zealand. Bha na daoine cho snog. Bhiodh iad tighinn sìos
chun a’ bhata ‘s ag iarraidh oirnn a thighinn a chèilidh orra. Man a bha
sinne nan coimhead ‘sann a bha iad cus. Nuair a dheigheadh tu chèilidh a
thaigh ann a
New
Zealand bhiodh nàbaidhean a staigh anns an taigh sin ‘s am biodh tu ‘s
bhiodh na nàbaidhean ag iarraidh ort a thighinn a chèilidh dhan taigh acasan
an ath oidhch’ a rithist. O, se daoine snog a bh’ annta.
Aithnichidh mise tòrr a bharrachd daoine ann am
“Bluff”, seadh an aithneachadh ceart, na dh’aithnicheas mi ann an sgìre
Nis. Bhiodh sinn a toirt barrachd ùine ann am Port an New Zealand an uair
ud na bha sinn ri toirt air “leave” aig an taigh. Bha mise uair trì mìosan
an Auckland, New Zealand anns an aon Phort. Cha robh rian agad gun faighinn
eòlas air daoine ann an trì mìosan. Bhiodh sinn ri coinneachadh feadhainn a
bh’air “emigratadh” bho chionn fhada. Bhiodh iad a sealltainn dhuinn an
àite. Bha ‘n tìde cho math agus “conditions” mhath ac. Chuid bu mhotha,
cha robh iad ag obair aig na “weekends” ann. Bhiodh sinn a’ cluich
football, rugby agus cricket agus bhiodh feadhainn ri tighinn sìos air bòrd
an t-soithich ‘s bha sin ùr dhaibhsan cuideachd. Bu chaomh leam faicinn
feadhainn aca fhathast.
An fheadhainn a bhiodh sinne faicinn bha
Gàidhlig aig a chuid bu mhotha ac’, gu h-àraidh taobh Wellington. Cha robh
dad de luchd Gàidhlig ann an Bluff ach bha “connection” ac’ ris an
rìoghachd seo fhèin air dhòigh a choireigin. A h-uile seòrs’ ann -
feadhainn à Sealtainn ‘s à Liverpool ‘s à Glaschu.
‘Se New Zealand an àite
b’fheàrr as an robh mise. Bu chaomh bhith dol dhan a Spain. Bha sinn aon
latha ann a Valencia ‘s bhiodh sinn an uair ud a’ faighinn “a hundred
pesetas to the pound”. Nam biodh not agad a’ dol air tìr bha gu leòr agad.
Nan dèidh tu air tìr aig ochd uairean a dh’ oidhch’ le not dh’fhaodadh tu
bhith air tìr gu trì uairean ‘s a mhadainn agus bhiodh darna leth a not agad
a’ tighinn air ais, bha e cho saor ri sin. Cha b’ iongnadh ged a bhiodh
sinn a’ gabhail an deoch!
Latha bha seo, co dhiubh, cha robh duine dha na
balaich againn air tìr agus aig tìde dìothad thàinig a fear a bha seo air
bòrd ‘s thuirt e, “I’ll give you a bottle of brandy and a bottle of vermouth
and a bottle of this and a bottle of that if you give me some of that,” ‘s
bha esan a’ coimhead ris na “stores” a bh’ againn anns a mess-room man
botail tomato sauce ‘s rudan mar sin. ‘Sann a bha cus againn dhan a sin ‘s
ma, bheireadh gu dearbh. Thuirt e riumsa “You come with me,” ‘s dh’fhalbh
sinn le pàirt dha na stores ‘s thill Tarmod air ais le gu leòr bhotail an
àite sin. Bha ‘m biadh a’ cunntadh tòrr a bharrachd dhaibhsan na rud a bh’
anns na botail. Bha iad glè bhochd. Agus mus d’ thàinig am “bosun” aig
uair bha a h-uile duine againn rudeigin “tipsy” ‘s cha robh e tuigse cait an
d’fhuair sinn an deoch. Bha fios aige nach robh duine againn air tìr, ach
O, bha daoine bochd ann.
Bhiodh iad a’ tighinn a nuas chun a “quay” le
mugannan tiona ag iarraidh corran sam bith a dh’fhàg sinn aig tìde biadh.
Agus gheibheadh tu rud sam bith air bar siabann – chan eil fios de
gheibheadh tu nam biodh cnap “Camay” agad! Bhiodh sinn cuideachd a dol dhan
Eadailt - àite glè mhath. Cha robh rian aig duine òg gun e fhèin
“enjoyaigeadh” an àiteachean dhe ‘n t-seòrsa ud. Bha thu an ceann do
chosnaidh ‘s bha thu faighinn a mach mu dheidhinn an t-saoghail - de bha
daoine eile dèanamh ‘s cionnas a bha iad beò. Tha e math gu leòr dha duine
bhith dol ann fhad ‘s a tha e “single”.
Ach man a
tha mise ga thuigs’ chan e an aon seòrs seòladh a th’ann. Nuair a chaidh
mise gu muir an toiseach bha na soithichean làn de Leòdhasaich. Seall a
liuthad seòladair a bh’anns a’ bhaile seo fhèin uaireigin agus ‘se triùir a
tha an diugh ri dol gu muir. Nuair a bha thu na do bhalach òg a’ dol gu
muir ‘s tu ‘g iarraidh rud ionnsachadh bha daoine ann a dh’ionnsaicheadh
dhut e. Ach chan ann mar sin a tha e an diugh ann. Dh’fheumadh tu
ionnsachadh spleinnseadh weir ‘s ròp ‘sa h-uile seòrs rud a dhèanamh ach an
diugh tha e air a dhèanamh le “press the button” agus le sin dheth chan e an
aon seòrsa seòladh a th’ann.
Thug mi
ceithir bliadhna deug a seòladh an t-saoghail ‘s thug mi naoi eile falbh air
coast Bhreatainn.
Tha cuimhne agam aon turus agus sinn a staigh
ann a Wellington, latha brèagha agus gu fàbharach bha ‘n muir blàth
cuideachd. Bha sinn shuas a peantadh “crest” aig toiseach an t-soithich
agus bha e gu math àrd as cionn na mara, agus ‘sann a dh’fhalbh ròp neo
rudeigin ‘s sud dh’fhalbh Tarmod sìos dhan a mhuir. Bha dùil nach ruiginn
air ais chun a mhullach gu bràth. Co dhiubh, snàmh mi air ais gu na
stepaichean a bh’ann a sin agus an duine chur a mach a lamh rium aig a step,
‘sann as a Ghàidhlig a dh’fhaighnich e dhomh, “Cò as a tha thu?” Bha seo
ann a Wellington. Cò bh’ann ach Aonghas beag Iain Rochaidh. Sin seòrs àite
bh’ann a Wellington, cha robh càil a dh’fhios cò bha dol a choinneachadh
riut. Ach ‘se càil a b’ àraidh dheth gun e fear a Gabhsunn a chur a mach a
làmh rium ‘s mi snàmh gu na stepaichean.
Bhiodh sinn an uair ud a cruinneachadh ann an
“pub” ris an canadh iad a “Waterloo” ‘s gun a Ghrand Hotel. Bhiodh Robsan
‘s a’ Chearc ‘s “crowd” eile ann. Thachair rud eile ‘s mi air soitheach ris
an canadh iad Beaver Dell Canadian Pacific Steamships. Bha sinn a’
tighinn tarsainn an Atlantic ‘s o bha i “curs” ‘s bha soitheach làn gràn.
Cha robh mòran “give” aic anns a’ mhuir, dìreach man gum biodh breige anns
a’ mhuir. Chuir a “second mate” mise sìos a dh’iarraidh ròpa cheangailidh.
Bha cheine mhòr an taigh na cuibhle ris an canadh tu an pilot chain - ròp
airson gun deidheadh a cheangal oir bha ‘m bata buiceal. Ach co dhiubh, a
h-uile suaille a bha bualadh oir bha tòrr “spray” tighinn a nall. Chuir mi
orm uillisgean ‘s bòtannan mòr ‘s dh’fhalbh mi gu deireadh an t-soithich far
an robh locker anns an robh an ròp. Air an t-slighe air ais chuala mi bhrag
a bha seo air a cliathaich ‘s bha fios agam gun e suaille bh’ann. Rinn mi
as, dol a dheanamh air an doras. Dìreach nuair a bha mi aig an doras rug i
orm ‘s dh’fhalbh i leam ‘s chuir i seachd dha na 45 gallon drums tarsainn
orm, dh’fhalbh iad a mach as mo chionn ‘s chan eil fios agam gus an latha ‘n
diugh co air a ghabh mi greim. Nuair a dh’fhalbh a t-suaille bha casan
Tharmoid a mach air na rèilichean, Cha robh duine beò air “deck”. Gheàrr
mi mo chas dona ‘s bha mo ghàirdean goirt ‘s cha robh sinn ach seachdain a
mach a Lunnainn agus bha mi “laid-up”.
Fear a bha còmhla rium air a watch
bha e ag “usaigeadh” an uillisgean agam, cha robh fear aige fhèin ann.
Latha bha sinn a pàigheadh dheth dh’fhaighnich mi dha cait an robh m’
uillisgean:
“It’s
hanging behind the door there,” ars esan, “but you better check the pockets,
I think there’s some salt water in them”. Cha do dhòirt e fiù a sàl a mach
as na pòcaidean.
Thoisich mi na mo dheck-hand ‘s an uairsin
chaidh mi “ordinary seaman”. ‘Nad “ordinary seaman” bha thu faighinn a
dh’obair air “deck”. Na soithichean air an robh mise ‘s e ‘n deck-boy a bha
coimhead as dèidh a “mhess-room”. ‘Nad “ordinary seaman” bha thu ‘g obair
air deck còmhla ri na A.B.’s - Able-bodied Seamen. Bhitheadh tu ‘g
ionnsachadh stiùireadh agus dh’fheumadh tu deich uairean a thìde a dhèanamh
air a’ chuibhle ‘nad aonar mas fhaigheadh tu Steering Certificate.
Gheibheadh tu ‘n uairsin Senior Ordinary Seaman agus ‘se an ath “step”" as
dèidh sin E.D.H, sin Efficient-Deck Hand, ach dh’fheumadh tu dhol a steach
dhan a sgoil airson sin -
sgoil an aon
ghnothaich. Chan fhaigheadh tu Able Bodied Seaman gus a faigheadh tu
Lifeboat Certificate agus ‘n uair a gheibheadh tu sin bha thu an uairsin A.B.
Thug mise greis mhath sin. Agus an uair a chaidh mi gu Esso bha mi greiseag
A.B. ac’ ‘s bha mi greis na mo bhosun - sin “equivalent foreman” os cionn
luchd-obraich ann a seo.
Bhiodh a mate ‘s a sgiobair aig Esso an
còmhnaidh a cantainn rium feuchainn airson tiocard “mate”. Rinn mi e ma tha
‘s thug mi greis second mate aig Esso ‘s chaidh mi ‘n uairsin mate gus na
dh’fhàg mi muir “altogether”. A’ chiad pàigheadh ‘n uair a bha mi E.D.H.
‘se £29 a month.
Bha thu ‘g innse dhan a shipping-master nuair a
bha thu dol air soitheach de bha thu ‘g iarraidh de dh’ “allotment” a chuir
dhachaigh as a mhios neo as an t-seachdain ‘s a soighnaigeadh “form” airson
seo. Chan fhaigheadh sinn fhìn ach na h-uiread.
Air a bha
sinn a muigh air coast New Zealand ‘s Astràilia bhiodh sinn ag obrachadh
uairean a bharrachd air na h-uairean againn fhìn. Nam biodh sinn deiseal
aig còig ‘s mait gun tòisicheadh sinn a rithist aig sia ach ‘sann air “shore
wages” a bhiodh sinn. Bha sin a’ toirt dhuinn airgid nar làmh ‘s cha robh
againn ri dhol faisg air ar cuid fhìn. Bhiodh tòrr dhaoine ag ràdh “O,
airgid gu leòr aig an t-seòladair”. Ach ‘se bh’ann, ‘n uair a bhiodh sinne
aig muir cha robh sinn a’ faighinn ar pàigheadh a h-uile mìos ann ‘s nam
biodh tu air falbh sia mìosan bhiodh tòrr agad ri thighinn an ceann sia
mìosan a bharrachd na bha thu fàgail de dh’ allotment. Nise, ‘n uair a
phàigheadh tu dheth bha thu faighinn sin ann a “lump sum”. Ach mar sin cha
robh agad ach na bha thu cosnadh fad sia neo seachd de mhìosan. Bha
feadhainn a bhiodh air falbh trì mìosan deug ‘s barrachd.
Oidhche na bliadhn’ ur aig muir bhiodh an
cianalas orm. Cha robh e buileach dona, “you tried to make the most of
it”. Chunna mi an dèidh sin a ràdh oidhche na bliadhn’ ur aig muir fada
fichead na b’fheàrr na air tìr iomadh uair. Chan eil mise smaoineachadh gu
bheil daoine air an t-saoghal cho math ris an fheadhainn a th’aig muir a
measg a chèile. Chan eil rian agad gun eòlas fhaighinn air duine ag muir -
duine tha còmhla riut sia, seachd mìosan. Fuireach anns an aon àite ‘s tha
thu faighinn a mach tòrr mu dheidhinn an duine sin. Bhiodh pàrtaidhean math
againn aig Xmas cuideachd - bhiodh am botal Ruma a’ dol.
Mu dheireadh air a Phort Line bha “recreation
room” againn agus leig iad dhuinn “alterations” a dhèanamh air agus bha
“bar” ann.
‘N uair a
bhiodh sinn ann an Port a New Zealand dh’fhaodadh tu duine sam bith a thoirt
sìos dhan a “bhàr” ‘s bha sin a dèanamh eadar dhealachadh, agus thigeadh
feadhainn bho soithichean eile a chèilidh ort ‘s bheireadh tu steach ann a
sin iad. Cha chreid mi nach inns’ mi stòraidh bheag eile dhut mu dheidhinn
sin.
Bha sinn aon oidhche ann am Bluff agus bha sinn
shuas ann an taigh agus cha robh leann New Zealand cho math ri leann
Astràilia. Agus bhiodh a soitheach againn toirt leatha stoc de leann
Astràilia ‘n uair a bhiodh sinn ann. Co dhiubh, bha sinne cèilidh anns an
taigh seo ‘s thuirt sinn riutha “Thugainn sìos còmhla rinn fhìn chun a
“bhàr” air bòrd an t-soithich”.
Thuirt na fireannaich gu robh iadsan ri dol
sìos ach cha robh na boireannaich deònach a dhol sìos ann oir bha e rudeigin
“late”. Gu fàbharach cha d’ thàinig na boireannaich. ‘N uair a chaidh sinn
steach dhan a “bhàr” bha tè bhan ann a sin ‘s i danns a meadhan an làr agus
cha robh càil oir ach a “birthday suit”. ‘S mait gun e cho blàth ‘s a bha i
bu choireach.
Bha “library” air bòrd cuideachd agus bho
dheireadh bhiodh sinn a faicinn “films” a staigh, ach anns na “tropics”
‘sann a muigh air “deck” a bhiodh sinn a’ cluich “deck golf” le “discs”.
Bhiodh “bingo” againn cuideachd. Bha seo mu dheireadh, ach an toiseach cha
robh càil agad ach an library ‘s mur a biodh leabhar agad a chòrdadh riut
dheidheadh tu steach a “chabin” cuideigin a chèilidh.
‘N uair a
chaidh mise sheòladh an toiseach agus gu leòr eile romham bha chuid mhòr
anns a’ bhaile a seòladh. Agus cha robh sinne faicinn càil na b’fhaide na
seo. “O, feumaidh sinn a dhol a sheòladh”. Nam bithinn òg an diugh ‘s e
duine ciallach a thèid a steach ri ceàrd. Tha rud eile anns an t-seòladh
cuideachd. An duine bhios a seòladh, ‘n uair a thèid e air tìr, chan eil
càil aige. Ni e an yoba a bh’aig air muir ach air tìr, tha e “lost”. Tha
mi smaoineachadh gu bheil tòrr dha na daoine òg a faicinn sin an diugh. The
e fada nas fheàrr a dhol a steach ri ceàrd. Bha balach as a Rudha còmhla
rium fhìn agus ‘se saor a bh’ann agus cha robh e riamh aig muir. Tè dha na
Port boats a bh’ann. Nise bha càirdean aige muigh ann a New Zealand. An
uair ud gheibheadh tu gu muir D.H.U. - sin Uncertificated Deck Hand. Fhuair
e sin ‘s rinn e ceithir trupan air an t-soitheach còmhla rium. Chunnaic e
chàirdean ‘s chunnaic e New Zealand ‘s iomadach àit eile. Ach ‘n uair a
dh’fhàs e “fed-up” dheth chaidh e air ais gu tìr agus chaidh e air ais gu
chèard. Sin a nis a rud a tha daoine a’ faicinn an diugh.
Cha robh
an obair aig muir cruaidh idir ach “The social life”. Cha robh “social
life” agad ‘s bha droch thìde ann gu math tric agus an uair a bha ‘m muir
dona cha robh thu faighinn an cadal ceart fhèin ‘s cha robh thu faighinn air
ithe do bhiadh ceart agus rudan dhan t-seòrsa sin.
|
An 'Port Caroline'
"An
tè mu dheireadh air an robh mi anns a’ Phort Line ‘s ghabhadh i
stiùireadh le do chasan. Cha robh seòladair air a chuibhle oir –
An 'Port
Caroline'.” |
|
Tha fios agam gum bithinn-se aig muir fhathast
man a biodh gun bhris mo shlàint ach cha d’ theirinn a chomhairle air mo
mhac a dhol gu muir idir. Chanainn ris a dhol a steach ri ceàrd an toiseach
agus bhiodh e òg gu leòr feuchainn gu muir an uairsin ma bha e ‘g iarraidh.
Co dhiubh,
chan eil mise smaoineachadh ‘n uair a bhios mo mhac aosda gu leòr gum
bithear ag iarraidh na tha sin aig muir ann. Man as motha tha na
soithichean a’ fàs an diugh ‘sann as lugha tha iad ag iarraidh de dhaoine
orra. A soitheach bu mhotha air an robh mise riamh cha robh i ach 15 neo
16,000 tons agus bha 30 crew oir gu lèir. Nise tha soithichean aig muir an
diugh 250,000 tons ‘s chan eil càil orra ach sin.
Bu chaomh
leam a dhol air ais a New Zealand. Dà mhìos neo trì agus a dhol a ruith air
a h-uile duine dh’aithnichinn ann glè mhath.
Bha mi air aon soitheach, ach ‘s ann anns a’
rìoghachd-se fhèin a bha i ruith agus cha robh mi riamh a faireachdainn “at
home” oir. A’ falbh le gual ‘s le clachan agus dol suas ‘s sìos a
Manchester Ship Canal. Cha robh e còrdadh rium idir. Cha bu chaomh leam
Jamaica. Cha b’urrainn dhut a dhol d’ fhad fhèin air sràid nach robh
cuideigin a “bumaigeadh” bhuat - boireannaich cuideachd. Chuireadh iad
gràin ort. Agus rud eile cha bu chaomh leam an teas. Teas mi-chàilear,
steigeach. Bha sinn còig seachdainean ann. Bha Astràilia glè mhath, bha
sinn a sin.
‘S ioma
amhran a bhiadh a’ tighinn a steach oirnn air a chuibhle. Agus a’
sealltainn ris an uair, cuine gheibhinn dhith. Chan eil fiù sin fhèin aig muir
an diugh - cuibhle. Chunna mi tè a chaidh timcheall an t-saoghail ‘s cha
robh seòladair air cuibhle oir. An tè mu dheireadh air an robh mi anns a’
Phort Line ‘s ghabhadh i stiùireadh le do chasan. Cha robh seòladair air a
chuibhle oir – An “Port Caroline”. |