Sign our Guestbook


Ness Historical Society


 
Duilleag Bheachdan
 

 

Do Bheachdan Fhein

 

<Air Ais

’S e ath-sgrìobhadh de agallamh a bh’air a chlàradh air teip-claistinn th’anns na leanas agus tha sin follaiseach san dòigh còmhraiteach agus no-fhoirmeil sa bheil e air a sgrìobhadh.
 
Kenneth MacLeod (Coinneach a' Bhard), Cros
 

Bha mi trì bliadhna fichead nuair a thòisich an cogadh mòr agus bha an soitheach as an robh mi ann an New York.  Agus b’ fheudar dhuinn reportadh dhan a’ Bhritish Consul agus thuirt iadsan ruinn gun a dhol air tìr.  Cha robh fios aca cuine a gheibheadh iad soitheach air an cuireadh iad a nall sinn.  Ach nuair a thàinig an t-am, chaidh sinn air tìr an aghaidh nan “orders” a fhuair sinn agus fhuair sinn trod airson sin ach cha robh sin gu càil a dhiofar - cha b’urrainn dhaibh an còrr a dhèanamh oirnn co dhiubh. 

Nuair a thàinig an t-àm airson an soitheach fàgail ‘s ann a bha iad ag iarraidh oirnne signigeadh air ‘nar “trimmers”.  A rud mu dheireadh a liuthaiginn a dhèanamh ‘s e signigeadh air ‘na mo “thrimmer” ag obrachadh mo phassage a null.  Chaidh sinne thoirt a mach as an t-soitheach agus cha robh deigh sam bith againn dhol sìos rum dhan “stoke hole” – dh’obrachadh gual – ‘s thuirt mi sin ri Coinneach Mhurchaidh Iain – “Chan eil mise dol a signigeadh gar bith de thachras dhomh”.  Goirid mas do sheòl a “steamer”, thuirt mi ris, “Thugainn suas ach am faic mi an toir an Caiptean gnùis sam bith dhuinn - am bruidhinn e ruinn”.  “Thèid,” ars esan, “ma bhruidhneas tusa ris”.  Carson nach bruidhinn, bha mi trì trupan air an t-soitheach roimh’ sin, ‘s e mo bheachd gur e duine ceart a bh’ann. 

Dh’fhalbh sinn suas agus nuair a ràinig sinn an fharadh bha dol suas chun na drochaid, co bha gu h-àrd ach am pursair.  Thàinig e nuas far an robh sinn agus thuirt mi ris gu robh sinn dèidheil air facail fhaighinn air a’ Chaiptean nam bruidhneadh e ruinn agus thug e suas sinn.  Thàinig an Caiptean a mach. 

“Tha mi tuigsinn,” ars esan, “gun dhiùlt sibh signigeadh air ‘nar “trimmers”.  “Dhiùlt,” ars mise, “ach ‘s e “Able Seamen” a th’ annainn.” 


Coinneach a' Bhard

Thionndaidh e air ball ris a’ phursair ‘s thuirt e ris, “Thoir na daoine sin sìos gu h-ìosal agus signig air iad “as A B’s”.”  Fhuair sinne rum dhuinn fhèin agus bha sinn air obair latha tighinn a null.  Bha càch cho duilich gun shignig iad air nuair a chuala iad cho math dheth ‘sa bha sinne.  Co dhiubh, ràinig sinn Glaschu - chaidh ar cur gu Portsmouth Barracks agus bha mise feitheamh ann an sin ri mo chiot a thighinn à Steòrnabhagh gu na Barracks.  Bha mi as an aodach a bh’ orm dol a steach agus cha do rinn mi aon char fad seachdain, fhad ‘s a bha mo phoca a’ tighinn leis a’ chiot.

Chaidh an uairsin ar cur sìos gu Portsmouth – air 2lst October – chaidh an dithis againn a chur dhan an tràlair seo – agus chaidh ar cur a Portsmouth gu Yarmouth – ‘s bho Yarmouth gu Scapa Flow, ach chan eil càil a dh’fhios agamsa cait an deach e leinn.  Chaill sinn fearann ‘s chaill sinn a h-uile càil - cha robh eòlas aige – ‘s e fear dhan na daoine bha fada aig companaidh aig an robh “trawlers” ‘s bha iad glè mhath ‘son a dhol a mach bho Grimsby neo Hull gu ‘n Dogger Bank.  Cha robh mòran eòlas aige air “navigation” co dhiubh - ràinig sinn Scapa Flow cheann sreath agus ‘s ann an Stromness a bha am “base” againne.  Bha sinn a’ dol an sin gu an àm ‘s chaidh an soitheach as an rathad – ‘s ann timcheall air Suilsgeiridh a bha sinn air “patrol”. 

Bha iad a’ smaoineachadh gum biodh “submarines” Gearmailteach a’ cuachail timcheall air sin ‘s gabhail fasgadh ann - agus bha rud againn air bòrd an tràlair-se ris an canadh iad “modified sweep”.  Bha dithis dhaoine à Montrose air an trèanaigeadh airson seo obrachadh.  Bha mise agus Coinneach Mhurchaidh Iain aig na gunnaichean agus thàinig droch thìde oirnn co dhiubh, mìos February.  Thuirt an sgiobair gu robh e smaoineachadh a dhol gu Loch Earbaill - bha i curs co dhiubh.  Ach mun àm a ràinig e Loch Earbaill, bha an dorchadas ann ‘s cha deidheadh e steach an uairsin co dhiubh.  Cha robh eòlas aige air, mach no steach innte agus cha robh air an uairsin ach gabhail a mach far an robh sinn air “patrol” roimhe sin.  Agus ghabh e eon muir co dhiubh agus bhrist e a “shoot” as a robh a “modified sweep” na laighe ‘s chaidh lùib dheth mach air a cliathaich.  Chaidh e man am “propeller” agus bha sinne fad na h-oidhche air ar ruagadh le man a chuireadh gaoth ‘s muir sinn agus, o, abair oidhche, le clachan-meallain, frasan chlachan-meallain uamhasach agus loisg mi fhèin ‘s Coinneach Mhurchaidh Iain na bh’ againn de “rockets” agus na bh’ againn de “ammunition”, ‘s cha tàinig duine dhèanamh cobhair oirnn. 

Ann am briseadh an latha bha sinn faisg air na creagan agus a “lifeboat” a chur a mach - chaidh a h-uile duine againn innt’ – ‘s e dà dhuine dheug a bh’ againn air an turus ud - bha feadhainn dhan a’ chrew dheth.  Thuirt cuideigin an robh a h-uile duine air bòrd agus cuideigin nach robh an cat air bòrd – ‘s e gnothaich uamhasach dhol a dh’ fhàgail beathach beò air tràlair bha dol air na creagan - chaidh mise dh’iarraidh a’ chait ‘s thàinig an cat air bòrd ‘s gu mì-fhortanach chaidh an cat a bhàthadh. 

Bha sinn a’ feuchainn am faigheadh sinn a steach dhan a Kyle of Tongue agus an uair a bha na suailichean mòr bha sinn a’ ruith roimh’ agus bha sinn a’ call tòrr dhan an t-slighe bheireadh a steach dhan a’ chaolas sinn.  Thàinig sinn gu’ n cho-dhùnadh nach dèanadh sinn a’ chùis agus chunna sinn tràigh - cladach mòr air ar làimh dheas, ‘s bha sinn cinnteach nach biodh an eathair air uachdar ann.  Agus man a b’ fhaisg a bha sinn a’ tighinn air a’ chladach – ‘s ann a b’ aìrde a bha na suailichean a’ dol - bha trì mhòr a’ tighinn as dèidh a chèile: a’ chiad tè, lion i an eathair; an darna tè, chuir i fodha an eathair ‘s bha sinn an uairsin gu math faisg air na creagan agus bha h-uile duine air a shon fhèin an uairsin. 

Shnàimh mise chun an taobh cheàrr dhan a’ chladach.  Gu mi-fhortanach ‘s e an taobh ceàrr a bh’ann cuideachd - bha sruth ann a bha ruith a mach air an taobh sin ‘s ‘ga do thoirt a mach pìos mòr ‘s an uairsin ‘na do chur a steach.  Chuir mise mach mo làmh airson breith air na creagan ‘s chaill mi mo mhothachadh – ‘son tri uairean a thìde as dèidh sin chan eil lorg agamsa air de a thachair gus an d’fhuair mi mi fhèin ann an taigh.  Bha iad ag inns dhomh gu robh mi còrr is uair a thìde anns a’ mhuir agus dà uair a thìde anns an taigh. 

Chaidh mo ghiùlain suas ann am plèidichean bhoireannaich.  Ruith a h-uile duine sìos chun a’ chladaich nuair a chunnaic iad an eathair a’ tighinn a steach.  Chan fhaca mise an dotair a chuir iad fios air – chan eil fios agam de a thuirt e ach an uair a sguir e ‘na mo làimhseachadh:  “Tha,” ars esan, “an duine sin deis.” 

Chan eil agam ann an seo ach rud a chaidh inns’ dhomh le na daoine bh’anns an taigh.  ‘N àm a chaill mi mo mhothachadh gus an tàinig mo mhothachadh air ais thugam bha trì uairean a thìde is còrr ann.  Chan eil càil a dh’fhios agamsa de thachair anns an ùine sin.  Thuirt iad rium an uair a thàinig mo mhothachadh thugam gun tuirt an dotair gu robh mi deis ach ‘s e dà seann gille bha fuireach anns an taigh agus “housekeeper” aca.  Ma chuala mi mu dheidhinn Rankin a bha ‘na chìobair ann an Gabhsunn uaireigin – ‘s e bràthair màthar nan gillean seo a bh’ann a Rankin. 

Thug mi deich latha as an aite as dèidh sin ‘s cha tàinig an dotair a shealltainn orm - de nì thu dhan a sin a nis?  Bha nurs as an àite agus bha i tighinn a shealltainn orm a h-uile latha.  Tha cuimhn’ agam a’ chiad mhadainn a thàinig i bha a’ ghrian a steach air an uinneag ‘s bha tòrr sneachd air an talamh a muigh agus reothadh. 

Dh’fhaighnich i de man a bha mi an diugh.  “Tha mi coma,” ars mise, “de a dh’èireas dhomh.”  Bha mo chorp cho piantail.  Nuair a thoisich an fhuil a’ dol mun cuairt, bha e man gum biodh duine gabhail dhomh le prìneachan neo le snàthadan.  Sin am faireachdainn a bh’ agam.  Bha mo chorp goirt. 

Co dhiubh bha mi tighinn air adhart agus thàinig Royal Navy Commander a bh’ann a Thurso a shealltainn orm.  Tha pìos math à Thurso a thighinn ann an car agus bha botal Ruma aige - Nèibhidh Rum.  Cha b’urrainn dhomhsa ghiùlain air mo stamag idir - bha mi ‘na chur a mach ach dh’òl an Geilean a h-uile deur dheth.  Bha e tighinn a shealltainn orm a h-uile h-oidhche gus na theirig um botal agus as dèidh deich latha chuir iad tràlair ‘gar n-iarraidh agus chaidh ar toirt a null gu Long Hope Sin far an robh na daoine bha riaghladh na bha shoithichean ann an Long Hope - H M S Saria.  ‘S e Commander Hugo, ‘s e bha toirt seachad nan orders. 

Bha sinn reportadh aig deich uairean ‘s a’ mhadainn dhan an fhear-sa, airson an uair a dheidheadh obair a thoirt dhuinn gun deidheadh ar cur dhan soitheach.  Fhuair Geilean obair uamhasach math – Admiral’s barge.  Cha robh i dol a mach a sud ach dol timcheall an eilean agus chaidh mise chur air biast mhòr de thràlair à Milford Haven - Syrus an t-ainm a bh’ oirr’ agus ‘s e “escort duty” a bha i dèanamh an còmhnaidh - falbh còmhla ri “oil tankers” ‘s mu sin - dol gu 61 North ‘s 12 West - o, hi, ‘s e obair chruaidh a bh’ann. 

Bhiodh tu uair air bàrr na suaile ‘s bhiodh tu smaoineachadh cionnas a gheibh mise mach a seo.  Ach co dhiubh fhuair sinn a mach as agus ‘s ann deireadh 1917 chaidh grunn againn a chur sìos a Phortsmouth agus chaidh feadhainn againn a chur ann a “minesweepers” - feadhainn a chaidh an aon ghnothaich a thogail airson na “mines” a’ sguabadh an àrda. 

Chuir mi steach airson gu faighinn ‘nam oifigear.  Tha rud as a Nèibhidh, faodaidh tu “request” a chur a steach “privately” airson an Commanding Officer neo co air bith a tha thu ‘g iarraidh fhaicinn agus sin an rud a rinn mi, ach tha e tarraing ùine mhòr. 

Ann an toiseach 1918, thàinig fios arson a dhol sìos a Whitehall.  Cha b’e seo a b’ fhasa: sin far an robh agam ri pasaigeadh.  Ach co dhiubh dh’fhalbh mi seach gun chuir mi steach air a shon dh’fheumainn a nis a dhol ann.  Bha mi an dèidh na pàipearan fhaighinn airson a dhol sìos a Lunnainn agus reportadh dhan an Auxiliary Patrol Office.  Abair gu robh obair agam mas d’fhuair mi lorg air an àite far an robh coir agam a dhol, ach mu dheireadh fhuair mi chun a’ gheata cheart agus Petty Officer air gach taobh.  Dh’fhaighnich iad càit an robh mi ‘g iarraidh a dhol.  Thuirt mise, “Auxiliary Patrol Office.”  Dh’èigh e air balach beag – “messenger” – a bha ann an sin agus chaill mis’ e dol suas an staidhre. 

Bha e cho luath.  Cha robh fair agam air.  Stad e co dhiubh nuair a ràinig e an tritheamh staidhre suas agus sheall e dhomhsa far an deidhinn a steach gun tigeadh cuideigin a dhèanamh gnothaich rium.  Thàinig sin oifigear dhan a Nèibhidh; fear mòr àrd agus abair gur e balach gasda a bh’ann.  Bha eagal gu leòr ormsa roimhe ach cha leiginn a leas.  Sheall e dhomh càit an suidhinn agus shuidh e fhèin mu mo choinneamh.  Bha an application form a chuir mi steach aige agus leugh e e.  ‘S e mi-fhèin a rinn suas e agus tha e coltach gu robh e glè mhath co dhiubh. 

Thòisich e an uairsin ‘ga mo cheasnachadh agus eadar “rules of the road” ‘s a h-uile càil a bh’ann agus man bheireadh tu seachad “orders” as an Nèibhidh bho 1914-1915 bha an ìre mhath ceithir bliadhna ann an sin fhèin.  Bha mise glè thoilichte co dhiubh nuair a chuala mi e ag ràdh gun phasaig mi agus gu robh e cur m’ainm air adhart gu ‘n Admiralty: “to be confirmed in the rank of Sub-Lieutenant RNVR from this day”.  Agus dh’fhaighnich e dhomh robh mi airson fuireach ann an Lunnainn.  Chan fhaicinn de “rank” a bh’aige.  Bha na bannan air an còmhdach ach dh’fhaighnich e an robh “base” sam bith gum bu mhiann leam a dhol agus thuirt mi gum bu chaomh leam dhol air ais gu ‘m “base” bho ‘n tàinig mi, Grantford[?]. 

“Cluinnidh tu bhuamsa,” ars esan, “ag innse dhut an seòrsa aodach thèid thugad.”  Agus rinn e sin agus ‘s ann an uairsin a fhuair mi mach de ‘n t-ainm a bh’air, Captain Braithwaite.

Bha mi an uairsin anns a “fleet” co-cheangailte ris an “Grand Fleet”.  Bha sia soithichean deug againn as a “fleet” – “minesweepers” - sguabadh na “channels” air an robh an “Grand Fleet” dol a mach ‘s a steach. 

Co dhiubh bha sinn a’ sguabadh shuas aig Ceann Phàdraig agus fhuair mise fios a dhol tarsainn gu Norway.  Bha dà sheòrsa “minefield” againn bho Norway.  Trì mìle bho “territorial waters” chan fhaodadh iad dhol na b’ fhaisg air an fhearann na sin.  Bha an darna tè air a cur sìos tri fichead troigh ‘s a còig fo uachdar na mara agus bha t-eile ao-domhainn, aon troigh deug fo uachdar na mara.  ‘S e bu choireach ri sin gu robh an eadar­-dhealachadh cho mòr: nam biodh “submarines” dol suas fodha, bha iad smaoineachadh gun dèanadh an tè trì fichead troigh ‘s a còig, gu faigheadh sin i agus nam biodh tè air uachdar, gu faigheadh tè aon troigh deug i. 

Sguir an cogadh agus dh’iarr iad an uairsin “volunteers” airson “minesweeping” ‘son trì mìosan.  ‘Volunteerig’ mi agus bha sin ann an November.  Ann am March, bha na trì mìosan an àrda agus dh’iarr iad “volunteers” an uairsin cho fada ‘s bhiodh feum dhut.  ‘volunteerig’ mi rithist agus fhuair mi “demobilisation” air an t-aon latha deug de November, fair bliadhna as dèidh dhan chogadh sguir.  Bha sin còig bliadhna agam as an Nèibhidh gu lèir.  Cha chreid mi nach crìochnaich mi nis.  Dh’fhàg mi fhèin ‘s oifigear eile gu ruige Portsmouth le na “confidential books” agus dh’fhàg sinn an soitheach ann an Harwich. 

‘S e an t-àm a chaidh mo reiceadh bu dorra dhomh dhan a’ chogadh gu lèir.  Bha uaireannan nuair a bhiodh sinn a’ dol air “escort duty” cha bhiodh sinn càil ach air a thighinn a steach ‘s cha bhiodh cothrom againn air biadh a thoirt a steach uaireannan.  An t-àm a gheibheadh tu aran bhiodh clòimh uaine air.  Bhiodh uaireannan dìth oirnn ach an t-àm a bha sinn co-cheangailte ris a’ Ghrand fleet, cha robh dìth sam bith oirnn.  Tha e man a h-uile càil eile - fàsaidh tu cleachdte air. 

Bha cothrom smaoineachaidh agam nuair a thill mi dhachaidh as dèidh na còig bliadhnachan mòra agus iongantas nan iongantas.  Tha cuimhn’ agam, bhuail sinne ann a “mine” turus agus ‘s e mi fhèin an oifigear a bh’air a “watch” agus bha mi cho faisg oirre ‘s cha ghabhadh i bhith air a seachnadh, cha do “report” an soitheach a bha romhainn i.  Nise, bha a’ ghrian ‘nar n-aghaidh (mach à Montrose a bha seo) ‘s chuala mi I bualadh air cliathaich an t-soithich - chun a “right”.  Nise, nam biodh i an dèidh dhol dheth cha robh mise an seo an nochd. 

Dh’èigh mi ris a h-uile duine b’urrainn dhol sìos dhan an deireadh.  Cha b’urrainn dhomhsa fàgail an t-àite ‘san robh mi agus tha e coltach gun rollaig i bho ‘n druim aig an t-soitheach agus thàinig i an àrda agus chuir “drifter” - ‘s e an t-ainm a bh’ oirre, Indian Summer - chuir i fodha i.  Bha iad a’ tighinn a nuas as ar dèidh man a bhiodh na “mines” a’ tighinn an àrda agus cha robh gin a thigeadh an àrda nach robh iad a’ cur fodha.  Se obair chunnartach a bh’ann, ach fàsaidh tu cleachdte air a h-uile càil a th’ann.