|
Donald 'An
Gruagan' MacLeod, Adabroc
Tha cuimhne mhath agam air a’
chiad chogadh, ach de na rudan a ghabh àit’ ‘s rudan mar sin chan eil càil a
chuimhn’ agam. Tha fios a’m gu robh tòrr dìth oirnn
barrachd air a’ chogadh mu dheireadh. Tha mi ciallachadh le sin - cha
tàinig “rations” a mach gu deireadh a’ chogaidh. Agus nuair a theann an
cogadh a bh’ann an drasda, bha iad an dèidh ionnsachadh bho ‘n chogadh a
bh’ann an toiseach ‘s thàinig na “rations” a mach ann a dhà na trì mhìosan.
Nis, anns a’ chiad chogadh, bha deireadh a’ chogaidh gus a bhith ann mus
tàinig a rud gu bhith “organised” man a chanadh tu, ‘s gu faigheadh a h-uile
duine a chuid fhèin. Agus thigeadh siùcar, ‘s bhitheadh ciuthaichean aig na
bùithtean sin cho fada ri fada. Chluinnte gu ‘n tàinig siùcar gu bùth
Sheonaidh Iain Bhig an Eòropaidh, an uairsin, thig-t’ à Cross, ‘s thig-t’ à
Dail a dh’fheitheamh ach a faigheadh tu leth phunnd siùcar, neo punnd siùcar
– siùcar dubh man bu tric a thigeadh. Paraffin air an aon dòigh, agus
lofaichean cha robh iad ri faighinn, ach bha ‘s a’ faighinn min – min
choirce ‘s e bh’ann an latha ud mar bu tric.
Tha cuimhne agamsa pàirt shuas
againn fhèin dhan na balaich bheaga a dhol a’ Bhorgh ag iarraidh punnd
siùcar, agus cha d’fhuair iad ach leth-phunnd. Bha balaich Bhlest, eil
fhios a’d, ‘s ann a Borgh a thàinig am màthair, ‘s bha iad cho eòlach shuas
ann a sin. ‘S ann a dheigheadh “crowd” suas ‘s iad an dèidh cluinntinn gun
tàinig siùcar a Bhorgh ‘s fhuair iad leth-phunnd an duine. Bha aon sianar
ac’ ann. Fhuair iad tè an àiteigin ann a sin ‘s cha d’ thug iad siùcar as
an t-siùcar aca fhèin idir, ‘s iongantach gun d’fhuair iad siùcar bho chàch
a bharrachd. Ach bha daoine a’ falbh mar sin, eil fhios a’d, a’ cluinntinn
gun tàinig siùcar an sud ‘s paraffin an seo. Cha robh e air a riaghladh
idir. Mar a thuirt mi mu thràth, anns a’ chogadh mu dheireadh, bha iad
deiseal an ìre mhath. Dh’ionnsaich iad tòrr ri linn a’ chiad fhear. Tha mi
creids’ gu robh tòrr “under the counter” mar a their sinn, anns a’ chiad
fhear. Cha robh fear mu dheireadh fhèin falamh dheth cuideachd. Tha tòrr
annainn - nàdar ‘s rudan dha ‘n t-seòrsa sin. Bha e a’ tachairt ann an seo
glè thric. Bha mi a’ coimhead uaireannan snàth a’ tighinn do bhùth a bha ri
ar taobh. Cha chreiceadh e ri nabannan idir e - ach chreiceadh e ri
strainnsearan e air prìs glè mhì-nàdarrach.
‘S e tìde
glè ghreannach a bh’ann. Bha tòrr marbhadh ‘ga dhèanamh anns a’ chiad
chogadh nach deachaidh a dhèanamh anns a’ chogadh mu dheireadh air an eilean
a tha seo cho fad ‘s is aithne dhomhsa co dhiubh. Cha robh càil ach
naidheachd bàis cha mhòr a’ tighinn air a’ phost a h-uile latha neo h-uile
seachdain. Bha an am ud “grim” dha-rìreabh. Chuir an Iolaire
clach-mhullaich air a h-uile càil a bh’ann. ‘S e tìde glè dhuilich ‘s glè
dheuchainneach air daoine a bh’ann. Cha robh obraichean ann a bharrachd.
Cha robh daoine cho math dheth a thaobh airgid ‘s an am sin ‘s a bha iad
‘sa’ chogadh mu dheireadh. Bha tòrr de bhochdainn ann. Ach bha e a’
cuideachadh seo nam bitheadh bliadhna mhath ann ‘s gum bitheadh buntàta ann
‘s eòrna - ‘s e bh’ann an uairsin,
's dèanamh tòrr feum dheth. As dèidh
dhan a’ chogadh fhèin sgur bha cuisean gu math “slack”. Agus tha cuimhn’
agam gum bitheadh an ceannaich a bha shuas againn fhèin ann a sud, fhuair a
mhac làraidh agus bhitheadh iad a’ travelligeadh eadar Nis agus Steòrnabhagh
a h uile latha, agus gu h-àraidh, bhitheadh basgaid lofaichean ac’. Ghabhadh
sia dusan agus mar a bhitheadh a’ bhasgaid a tighinn a h-uile latha – chaidh
a fuaim air feadh gach tìr a mach ‘s bha lofaichean cho annasach.
Cha bhitheadh sinn a’ faicinn lof tìd’ a’ chogaidh. Biodhte tighinn bho thall
‘sa bhos a shealltainn ach am faighte tè de na lofaichean sin. ‘S docha gu
faigheadh tu aon de na lofaichean sin, ach ma bha amharas gun d’fhuair thu
tè ’sa “lot” mu dheireadh a thàinig bha thu mach as a “run” ‘s cha robh thu
dol a dh’fhaighinn gin a bha ‘san tè-sa. Tha cuimhne agam mi fhèin a dhol
dhan a' bhùth, ‘s bha e ‘na mo chuimhne riamh. Chualas gun tàinig siùcar
dhan a' bhùth - chan eil math dhomh bhith ag ainmeachadh ceannaichean. Chaidh mi ann a sin a dh’iarraidh siùcar ‘s mi air cluinntinn gu robh siùcar
ann, ‘s fhuair mi dhan a’ chounter. Cha b’e ‘n fhìor cheannaich a bh’air
taobh a staigh a’ chounter ‘s thuirt e rium:
“Fhuair thu,” ars esan,
“siùcar ma thràth ann a seo.”
“Cha d’fhuair,” ars mis’, “aon”.
“Fhuair,”
ars esan, “ ‘s na bi a’ minigeadh gun toir thu ‘chreids’ ormsa nach d’fhuair.”
“Cha d’fhuair ‘s man a fhuair an duine bha ‘san uaigh.”
Bha mi as a sgoil
toiseach an latha – ‘s ann a chaidh mi sud air a’ “phlay”. B’fheàrr an
class a'’ mhissigeadh as dèidh a “phlay” ‘s a dhol dhan a’ bhùth a
dh’iarraidh an t-siùcar. Thàinig mise dhachaidh gun but siùcar
‘s chaidh mi dhan sgoil – ‘s droch bheul fhaighinn cuideachd. Uill, cha do
dhi-chuimhnich mi do ‘n duine riamh e, tha mi a’ smaoineachadh nam bithinn
air coinneachadh ris bho thàinig mi gu foirbheachd gun robh mi air slais a
thoirt dha man a’ bhus – ‘s rinn e breugach mi ‘s rinn e truthaire dhìom ‘s
mi cho neo-chiontach ri duine sam bith. |