|
Obair Moine
le
Iain M. Macleòid
"Gus an do thòisich
buain na mònach leis a’ machine o chionn glè bheag de bhliadhnachan, cha
tàinig mòran caochlaidh air an dòigh anns an robh mòine air a h-àarach
airson ùine fhada, a’ riochadh agus a’ gearradh an rùisg leis an spaid
agus a’ càradh a’ cheap gu brèagha dòigheil air uachdar a’ chaorain an-uiridh
. Bha a’ mhòine air a gearradh leis an tairsgeir, am barr fhad air a
chàradh taobh ri taobh air uachdar a’ phuill." |

Dòmhnall
Uilleam Dido (DW Gillies) 20 Dail bho Dheas, ‘s Dòmhnall a’ Bhocsair
(Donald Campbell), 6b dail bho Dheas, sa mhòine |
"Bha fàd a ghàrraidh,
ach amhàin an corrfhad, air a thogail le toll tron deidheadh isean, nì a bha
a’ cur fìor mhais air an obair nuair bhiodh e dèante gu math. Bha an caora
ann am poll nan trì fòid air a chàradh a cheart cho faiceallach, gach fàd le
mhàs a-mach am bràigh a’ phuill. Ann an beagan sheachdainnean bhathas a’
togail rùdhanan de cheithir fòid agus fear mar bhonaid os an cionn. Far an
robh droch shamhradh dh’fheumadh i a bhith air a rùdhadh. ‘S e sin ‘s maite
na rùdhanan a bhith air an sgaoileadh agus air an togail air ais, ach beagan
nas motha. Cha bhuineadh dhith tuilleadh gu àm a h-aiseag gu rathad.
Thàinig caochladh nach bu bheag air an seo bho àm a’ chlèibh ach cha
leudaich sinn air an sin an tràth seo.
"An dèidh bliadhnachan
a chur seachad anns an obair, dè mar a chòrdadh e riut gun cainnte riut nach
b’aithne dhut fhathast mòine a thogail!? Seo mar a thachair dhomhsa agus mi
a’ buain poll ri taobh Choinnich Mhòir a bhuineadh do Ghabhsann.
"Thug e an aire, agus
mi togail
rùdhanan mar a chleachd mi le bhith a’ cur taobh fhliuch dhan fhad a-mach
robh mi a’ dèanamh na h-obrach anns an dòigh cheairt. Thàinig e a-null far
an robh mi: “Ille,” ars esan, “chan eil thu a’ dèanamh sin ceart. Cuir an
taobh tioram a-mach às an rùdhan."
“'Seadh gu dearbh,' arsa mise agus mi cinnteach gur ann a’ tarraing mo chois a bha e.
'Tarraing
an t’èile.'”
"Thòisich e a’ toirt
dhomh 'demonstration' agus ga mo theagasg ann a theory tiormachaidh na
mònach. Seall ars esan, agus e a’ làimhseachadh fòid a’ bharrfhad mar a tha
a’ ghrian
agus a’ ghaot air uachdar na fòid sin a sgàineadh. Ma chuireas tusa nis
a-mach an taobh fliuch às an rùdhan, sgàinidh an taobh sin cuideachd agus
aig deireadh an latha cha bhi càil agam ach caoran. Dèan thus mar a tha
mise ag innse dhut agus bheir thu dhàchaidh mòine shlàn”.
"Feumaidh mi aideachadh
gun do dh’iompaich e mi agus gun do dhearbh mi air mo shon fhìn gur e seo an
dòigh cheart air mòine dhubh a thogail. Fhuair me a-mach an uairsin gu robh
feadhainn eile air feadh na sgìre a’ cleachdadh doigh muintir Ghabhsainn,
ach tha mi dhan làn bheachd gu ròbh a’ chuid bu mhotha a bha an sàs anns an
an obair cho aineolach ‘s a bha m fhìn."
|
|

Làraidh na Casag le
sgioba tarraing mhònach ann an 1952 |
 |

Calum Màiri,
16 Tabost, agus an t-each a’ leigeil an anail. Bha Calum air an
fheadhainn mu dheireadh a bha a’ tarraing na mònach leis an each
(1952). [Malcolm MacLean, 16 Habost] |
| |
Mairead an
Arcaich (Margaret Campbell), Lional, le cliabh mònach ‘s I a’ fighe
stocain aig an aon àm (1936) |
|
|