Sign our Guestbook


Ness Historical Society


View My Guestbook
Sign My Guestbook

 
To reduce unsolicited ‘junk’ entries, we scrutinise Guestbook comments to ensure they are genuine before publication on the website.  We apologise for any inconvenience caused.
 
 
 
 
Tha sinn an dòchas gun toir e toileachas dhuibh a bhith ruith air ar làrach-lìn, a tha tairgse blas air beagan den mhìltean do bhileagan, ath-sgrìobhaidhean, deilbh agus clàran lèir-chlaisneach a tha againn anns ar tasglann.
 
Bho chaidh an comann a stèidheachadh ann 1977 tha e air rannsachadh agus clàradh stòras luachmhor de stuth – a bha gu mòr stèidhichte am beul-aithris nan eilean – a tha dealbh eachdraidh sòisealta sònraichte na coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Nis agus ceann-a-tuath Leòdhais. Thairis air an àm sin tha ceudan de uairean teip-claistinn agus teip-lèirsinn air an clàradh agus air an ath-sgrìobhadh, còmhla ris na mìltean de dheilbh tha air an cruinneachadh,  a’ cruthachadh aon de na tasglainn as fheàrr agus as cudromaich ann an Alba mu bheatha air tuath Leòdhais troimh na 19mh agus 20mh linn.
 
Tha na duilleagan a leanas a toirt boillsgeadh taitneach air eachdraidh na coimhearsnachdan Gàidhlig ann an ceann-a-tuath Leòdhais thairis air na linntean a chaidh seachad, a suathadh air an arc-eòlais a tha aig bunait an gnè shòisealta agus sealladh-tìr an latha ‘n-diugh, còmhla ri bhi tarraing bho beul-aithris agus teisteanais sgrìobhte a tha a toirt fios agus soilleireachd dhuinn air na cùisean cudromach a tha air dealbh Innse Gall na h-Alba anns an àm tha an làthair.
  
Google
WWW http://www.c-e-n.org