| "Bha
sinn a' bruidhinn ann an sin - mo bhràthair a chaidh air chall innte (bha
esan 'na "first class Petty Officer") - air an dùil an deidheadh a
dh'iarraidh "drifter" - cha robh càraichean ann an uair ud a' ruith eadar
Nis, ach càr a' phost - no tè dha na "patrol boats" airson a dhol a nall
dhan a' Phort - mi fhèin 's Iain Mhurdo 's Mac 'an Dholaigean à
Sgiogarstaidh 's feadhainn eile.
"Cha chreid mi nach do dh'aontaich e
gu feuchadh e dhol ann co dhiubh gun deidheadh e ann, 's dh'fhalbh e bhuamsa
's thuirt e rium nuair a bha e falbh gu robh e dol a dh'iarraidh parsail
sìos dhan an deireadh agus nam bithinn roimh 's na "lodgings", leabaidh a
ghleidheadh dha. Thuirt mi ris gun gleidheadh mur biodh duine tuilleadh ann
- cha robh e air ruighinn sìos an deireadh nuair a chuala mi fuaim uamhasach. 'S ann a bha dùil agams' gur e "mine" a bhuail i. Dh'fhalbh i 's chaidh i
"solid" air a cliathaich - man gun deidheadh i suas air leac - thuit i air
"starboard side" agus leum tòrr dhan na bha timcheall ormsa mach aiste -
eagal gun deidheadh i thairis, tha mi creids'.
|
RIGHT: Iolaire survivors, John F MacLeod,
Port of Ness, and John (‘Iain Help’) Murray, 6 South Dell, share a
contemplative moment beside the memorial at Holm that was erected in
honour of the men who perished during the disaster |
|
"Fhuair mise air streap suas
an taobh eile agus chaidh mi suas air na "casings" aic' agus chaidh mi chun
a "bhoat deck" - bha na h-eathraichean ann an sin. Bha dha air an leigeil
sìos mus do ràinig mi. Bha 'n darna tè làn dhaoine agus 's e dithis a
bh'anns an t-eile. Chuir am muir car dhith - bha ghaoth fàs mòr, chuir i
deireadh a steach 's chaidh i na bu chòmhnard. Thoisich i dol a steach
chomhair a deiridh - nuair a thàinig a' ghaoth timcheall, chuir e muir mòr
timcheall an toiseach aic'. Chuir e fodha na dha.
 |
"Bha Murchadh Iain Bhig à
Sgiogarstaidh - bha e 'san darna tè - bha e ag innse dhomh uair - shad mi
sìos ròp' innt', dhan tè a b' fhaisg - sìos fodham fhèin - mi fhèin 's
balach eile. Cheangail sinn ann an sin na "stanchions," Murchadh Iain Bhig
ag ràdh gur ann air sin a fhuair e fhèin an àrda - leum "crowd" mòr eile 's
cha b'urrainn dhuinne an tarraing co dhiubh.
Domhnall 'Am Patch'
Morisdean agus Iain Mhurdo MacLeoid |
"Suidheachadh uamhasach a bha
sud - oidhche dubh dorch 's mu dheireadh chan fhaiceadh tu càil ach muir
geal - chluinneadh tu gu leòr ach chan fhaiceadh tu càil ach gu faca mise
Iain Mhurdo dol leis an ròp ach cha robh fios agam gur e a bh'ann. Chunna mi
an duine bh'ann "alright" - bha e leitheach slighe steach, thàinig muir mòr,
chaidh e suas air a' chreig - chaidh am muir suas air a' chreig 's esan 'na
chùl - 's chunna mi e an uairsin dol a mach bho an deireadh aic' - cha robh
e "slack" an duine ud. An ath trup a thàinig e steach, bha e math air an
snàmh, chaidh e am bàrr na suaile 's fhuair e greim air a' chreig co dhiubh
's chum e e 's chum e ròp innt' cuideachd.
"Cha b' fhiach an àite 'san robh
ròp - bhu e mach air an deireadh aic' 's bha fairge eagalach a' tighinn man
deireadh aic' - dheigheadh e an darna uair "slack" 's dheigheadh a h-uile
duine a bh'air dhan a' mhuir 's an uair a dh'èireadh e 's mathaid nach biodh
duine air - feadhainn a' faighinn air tìr 's feadhainn eile nach robh.
Chaidh mu dheireadh thoirt a nuas "amidships" 's chaidh a cheangail far an
robh mise. Bha sinn ag èigheach 'son a thoirt a nuas. Bha i fhèin dèanamh
nàdar "breakwater" mu meadhan. Ghlèidh mi am parsail a bh' agam chun a sud -
chunna mi an fhairge an dèidh thighinn an àrda air an deac aic' - shad mi as
e 's dh'fhalbh mi chun an ròp.
"Thàinig dà fhairge uamhasach seachad oirr' -
chan eil cuimhn' agams air a' chòrr ach nuair a thàinig mi air uachdar bha i
an dèidh liostadh a mach an dèidh dhol sìos. Thurchair dhomh greim fhaighinn
air fear dha na ròpan dol chun chrann deiridh aic' - tharraing mi mi fhèin
's fhuair mi air na "riggings" - 's chaidh mi suas cho fad 's a gheibhinn
ann. Bha balach eile tighinn a nuas as mo dhèidh. Thàinig muir mòr - ghreas
mise suas co dhiubh - nuair sheall mi rithist bha esan an dèidh falbh
cuideachd.
|
The Amalthaea photographed in 1908. Later, the vessel
would be renamed HMY Iolaire |
 |
"An ceann greis mhòr as dèidh sin, chuala mi èigheachd - dùil agam
gu robh an èigheachd air sgur. Chunna mi dithis as a' chrann toisich aic' -
man a bha mi fhèin shuas cho fada 's a b'urrainn dhaibh anns na "riggings"
aic'. Bha iad ann an sin "spell" mhath ach thàinig muir mòr - ged a bha i an
dèidh dhol chun a' ghrunnd - bha na cruinn aic' an àrda - dh'fhalbh an
drochaid bho 'n uairsin 's dh'fhalbh a "funnel" bho 'n chrann aic' - seach
gu robh na cruinn an àrda nuair a dheigheadh am muir a mach - bha e na
sadadh suas air a druim. Bha sin 'na dhèanamh eagallach duilich fuireach
air. Well, thàinig muir uamhasach 's bhris e na h-"aerials" a bh' oirr' -
thàinig na uèirichean a nuas - chuala mi brag eagallach. Cha robh fios agam
de bh'ann. An uair a fhuair mi mi fhèin air a chliathaich, sheall mi suas a
rithist - bha 'n crann toisich an dèidh falbh 's cha robh duine ann
tuilleadh ach mi fhèin gu latha.
"Tha cuimhn' agam 's bidh air a bhith ann gu latha - cha robh mi
smaoineachadh gu faighinn as beò an dèidh sin ged a bha mi ann - ach bho
thàinig an latha 's a chunna mi tìr - bha muir tòrr na b'fheàrr - fhuair mi
beagan de chomhfhurtachd bho 'n uairsin. Chunna mi "trawler" 's soitheach
beag a' tighinn le dà eathair, tè slaodadh ris gach tè. Smaoinich mi gur ann
a' coimhead air mo shon, gu robh 's an dèidh fios chur gu robh mi ann co
dhiubh, ach bha muir cho dona an uairsin 's gu robh mi cantainn rium fhèin
gu robh e cunnartach gun deigheadh iad as an rathad. Bha muir a' briseadh
air na sgeirean agus bha e briseadh dona an uairsin - beul an latha - ach
timcheall eadar sin agus deich uairean, thoisich e dol sìos - chiad eathair
a thàinig, thill e mas do ràinig e mis'.
"Bha mise ag ràdh rium fhèin gu robh
mi na bi shàbhailte far an robh mi ged a thigeadh i. Thàinig fear eile a
steach air mo làimh cheàrr - chun taobh deas dhìom - dh'èigh e rium am
b'urrainn dhomh thighinn a nuas - bha "stay" os mo chionn 's sìos air mo
bheulaibh - cha b' ann sin bha greim agams' idir. Thuirt mi ris nan tugadh e
an t-eathair eadar a "stay" 's an crann gun tiginn a nuas. Thàinig iad a
null leatha 's thug iad timcheall i 's bhacaig iad a steach i 's nuair a
chunna mi i feir tighinn fodham, leum mi air an "stay" 's ann am broinn
mionaid, bha mise 'na bhroinn 's chuir e làmh timcheall orm.
"Fhuair sinn
fàth mhath dha-rìreabh - chaidh mo thoirt dhan t-soitheach a thàinig a mach
leis an eathair - Lieutenant Willock. Thug iad dhìom m' aodach - chuir iad
orm aodach tioram 's fhuair mi tea. Cha b'urrainn dhomh dìreadh dhan t-soithich
idir - chaidh mo tharraing suas innt'. Nuair a ràinig sinn Steòrnabhagh,
dhìrich mi suas chun a' chidhe le beagan de chuideachadh. 'S mi an aon duine
thàinig air tìr chun a' chidhe dha na bh' innt' de thrì cheud." |