Sign our Guestbook


Ness Historical Society


 
Duilleag Bheachdan
 

 

Do Bheachdan Fhein

 
To reduce unsolicited ‘junk’ entries, we scrutinise Guestbook comments to ensure they are genuine before publication on the website.  We apologise for any inconvenience caused.
<Air Ais
’S e ath-sgrìobhadh de agallamh a bh’air a chlàradh air teip-claistinn th’anns na leanas agus tha sin follaiseach san dòigh còmhraiteach agus no-fhoirmeil sa bheil e air a sgrìobhadh.
 
Duncan Macritchie (Donnchadh Shake) a Suaineabost – A’ Fuireach Anns A Rudha A-Nis

(a chlàradh ann 12:9:80)

 

Chaidh mise thogail dhan dàrna cogadh ann an 1939.  Bha mi 32 aig an àm agus chaidh mo chalaigeadh ann an Kinlochleven.  “Jhoinig” mi na Territorials ann an sin agus chaidh mi a Kinlochleven gu Stirling - Stirling Castle.  Bha sinn ceithir mìosan ann a Stirling Castle agus chaidh am battalion a splutadh.  Chaidh an dàrna leth dhan a Ghearmailt agus an leth eile dhan a Far East.  Chaidh mise null gu Singapore.  Cha robh na Japs an dèidh “startadh” an uairsin.  Thug sinn deich mìosan ann mas do “start” na Japs.  Bha iad gar “sheftadh” bho champ gu camp – “landaig” sinn bho dheireadh shuas faisg air an “railway” – No. 5 camp.

Bha sinn a’ gearradh bamboo ‘s craobhan.  Bha tòrr “swampaichean” ann.  ‘Se craobhan a bh’ aca nan “sleepers” airson an “railway” - Bha seo fhads a bha sinn nar prìosanaich.

‘Sann anns an “jungle” a chaidh grèim fhaighinn oirnn - thug sinn tòrr mhìosan an sin.  Cha robh iad a’ toirt prìosanaich an toiseach ann.  “Splut” sinn an àrda – bhiodh sinn ag iarraidh “rice” air na Chinese.  Thug sinn greis mhòr a’ falbh as an “jungle” leis an acras.  Bha leithid ri dol a steach dhan “jungle” ‘s cha b’ urrainn dha na Chinese biadh a thoirt dhan a h-uile duine.

Co dhiù, ‘se Chinese le Beurla aige a dh’innis dhuinn gu robh iad a’ toirt a steach prìosanaich agus thug sinn sinn-fhèin an àrda an uairsin.

Donnchadh Shake


Bha tòrr a’ tachairt rinn as an “jungle” - bha e cho dùmhail agus bha na “shorts” againn a’ reubadh.  Chaidh ar toirt air ais gu Singapore dhan a’ phrìosan agus thug sinn greis ann an sin.  Bha sinn a’ faighinn beagan “rice”.  Chaidh an uairsin ar cuir gu camp eile.  Bha “working parties” aca.  Bha tòrr le “ulcers” agus cha robh “treatment” ac’ ann.  Tha feadhainn ann an sin air mo chasan fhèin, ach cha robh ormsa ach feadhainn bheaga an taca ri feadhainn eile.  Nise cha robh “treatment” aca ann.  Cha robh an fheadhainn ann an Singapore a’ gabhail rinn dona idir, ach bha campaichean eile a bha uamhasach dona.  Bha aon champ aig an robh sinn a bha garbh fhèin, dìreach uamhasach.  Bha aon duine aca co dhiù ‘s bha bloighean beurla aige agus bhiodh e bruidhinn rinn agus dh’innseadh e dhuinn nan deigheadh breith air gu faigheadh e mhì-shealbh.  Cha robh diofar leotha - bha iad a’ marbhadh nan daoine man ----- gu h-àraidh feadhainn a bha feuchainn ri “escapadh”.  Bhiodh iad a dèanamh “torture” orra.  Bha còignear ann a fhuair as co dhiù ‘s rug iad orr’.  Chaidh an ceangal ri craobh - 0, bha iad garbh - chan fhaca sinne tuilleadh iad, thug iad air falbh ann an làraidh iad.  Bhiodh iad a’ gabhail dhaibh.  Bha aon rud a bha iad ag iarraidh co dhiù, as bith de dhèanadh tu gun a dhol faisg air a “weir” (wire) - bhiodh iad a’ smaoineachadh gur ann a’ feuchainn ri faighinn a mach a bha sinn.

Tha tòrr ann air nach eil cuimhne agam ach tha cuimhne agam air an “death railway” - bha mi ann.  Bha leithid do champaichean aca - a h-uile seòrsa ann, Indians, Chinese, Yanks ‘s tòrr Astràilianaich cuideachd.  Falbh le na craobhan an obair a bh’ oirnn - gan sàbhaigeach ‘s a’ falbh leotha air do ghualainn, ‘s sinn gu bhith dìreach, is dh’fheumadh sinn cumail oirnn.  ‘Se daoine tapaidh a bh’anns na Astràilianaich - nise dhèanadh iad tòrr a bharrachd de dh’obair na dhèanadh sinne.  Thug mise aon mhìos deug, neo deich mìosan ann co dhiù, air a railway ud.  ‘Se railway bu mhios idir.  Bhiodh iad a’ tighinn a steach dhan a’ phrìosan, cha robh thu faighinn cadal co dhiù.  Bha leithid ann agus bhris “cholera” a mach, feadhainn eile le beriberi, malaria ‘s dysentery.  Bhris sin a mach, agus a “rice,” cha robh e gu mòran feum ann.  ‘Sann a bha e dha do bhòchdadh - cha robh e dèanamh mòran feum.  Bha thu call tòrr cuideam.

Co dhiù, mas d’fhuair sinn as – ‘se na Yanks a leig sìos “pamphlets” - sguir an obair agus dh’aithnich sinn gu robh an obair gus a thighinn gu ceann.                        Bha iad a’ faighinn tòrr Red Cross ‘s cha robh iad ga thoirt seachad ann ‘s thug iad an uairsin seachad a Red Cross sin - tòrr de thinichean ‘s rudan mar sin.  Cha robh sinn a’ faighinn tòrr biadh as an t-soitheach a bha gar toirt dhachaidh - bha sinn cho lag ‘s chan fhulangadh an stamag e ann.

Bha tòrr a’ bàsachadh anns a phrìosan - gu h-àraidh leis a’ cholera, agus bho dheireadh cha robh dragh againn dhuinn fhèin ann.  Bha allt pìos air falbh ‘s bha falt mòr fada orm.  ‘Se “suspect cholera” a fhuair mise agus cha b’urrainn dhomh “rice” a ghabhail - bha mi ga chuir tromham mar a dh’ ithinn e.  Cha robh càil a dh’fheum ann idir.  Cha robh duine gun eagal air – ‘se droch dhaoine th’anns na Japs.  Bha na Mongolians tòrr na bu mhiosa nan fheadhainn eile.

Tha cuimhne agam coinneachadh ri Calum an Ùigich ann an sud.  Chan eil cuimhne agam an dràsta dè an camp a bh’ann.

Bhithinn a’ dol air na marchaichean mòra agus gu leòr a’ tuiteam.  Thàinig mi troimhe co dhiù.  Thug mi greis ann an ospadal, bho thill mi, ann an Southampton ‘s thug iad a nuas mi an uairsin gu Fort George.  Thug mi greis ann an sin ‘s fhuair mi dachaidh.  ‘Se an railway bu mhios idir - bha duine bàsachadh mu choinneamh a h-uile “sleeper.”

Cha robh sinne fada cogadh riutha ann - bha leithid ac’ ann.  Bhiodh na “planes” ac’ tighinn cho ìosal - cha robh sinne “prepared” co dhiù.- cha robh mòran “British planes” ann.

Bhitheadh sinn a’ cur na duilleagan a bha tuiteam bho na craobhan, bha iad cho tioram, gan cuir ann am pàipear donn, nam faigheadh sinn pàipear donn, ‘s a’ dèanamh “smoc” leotha - ach nam beireadh iad ort dheigheadh do chèinigeadh.

‘Se “fags” a bhiodh iad fhèin a smocaigeadh ‘s tha cuimhne agam gun d’fhuair sinn “chance” air a “sentry” - dithis neo thriùir againn fo na “bungalows”, bhiodh tòrr a’ tuiteam sìos troimh ‘n làr do stumpaichean ‘s fhuair sinn tòrr.  Ghabh sinn “risk” mhòr oirnn, cha robh an “guard house” fada bhon a weir - bha sinn a’ watchaigeadh an “guard” a’ coiseachd sìos ‘s suas.  Ach bha fear againn le bhròg ro fhada mach fon bhungalow ‘s rug iad oirnn, ‘s thug iad a steach sinn.  Bha iad a’ smaoineachadh gur ann a feuchainn ri “escapaigeadh” a bha sinn – ‘s O, fhuair sinne.  Bha peilichean làn gainmheach, “fire buckets”, again, ‘s seasamh leotha ann an sin airson ùine.  Chaidh cuir air tòir “interpreter”, ach cha robh iad gar bualadh an uair ud idir.

Bha Mac Choinnich a’ Phost à Suaineabost aca cuideachd, ‘sann as an Air Force a bha esan.  Bhiodh iad a’ bualadh leis a “chèin” gu h-àraidh aig a railway mur a biodh tu ‘g obair cruaidh gu leòr.  Bha mise bho dheireadh a làn smaoineachadh nach tiginn as beò.

Staigh anns a’ champ fhèin, cha b’urrainn dhut càil a dhèanamh.  Co dhiù dh’fheumadh

tu bhith ‘g obair na seasadh tu idir.  Nam biodh tu tinn cha robh chòir air do shon.  Bha ‘n t-àite gun rum suidhe – ‘s ann air seorsa de “phlatform” bamboo bhiodh tu dol nad’ shìneadh.  Bha ‘n aimsir uamhasach teth ann ‘s nuair a thigeadh an t-uisge bhiodh e “fair” tighinn a nuas.

Bho thill mi dhachaidh bhithinn ùine mhòr gan coimhead as mo chadal.  Iongantas mòr gun d’fhuair mi as idir.  Bha gu leòr as na Argylls fhèin a chaill am beatha ann.

‘Se Indians a rug ormsa gus an tàinig na Japs.  Bha Japs anns a h-uile “village” - bhiodh na h-Indians a’ cumail sùil anns an jungle dha na Japs gus am beireadh iad oirnn.