Sign our Guestbook


Ness Historical Society


 
Duilleag Bheachdan
 

 

Do Bheachdan Fhein

 
To reduce unsolicited ‘junk’ entries, we scrutinise Guestbook comments to ensure they are genuine before publication on the website.  We apologise for any inconvenience caused.
<Air Ais
Le Murchadh An Dhomhnaill, nach maireann,  a Tabost agust Montreal
 
"Chi thu iad anns a h-uile aite.  Ri taobh lochan beaga agus mora, feadanan, gilean, slagannan, glaicean bho dh’fhagas tu an Garradh Dubh air do chul.  Tha iad furasda am faicinn - tomanan uaine far an robh todhar a’ chruidh air a chur a-mach a h-uile madainn, ballachan cloiche agus abair gu robh spairn ann an sin gan cruinneachadh, agus cuid aca gu math trom agus cugalach.

"Cha robh airighean ann an Nis idir, ach taighean mointich far an robh an crodh a’ cadal a-staigh a h-uile oidhche oir bha na botannan ‘s na creagan cho cunnartach.  Bha iad fada, blath agus comhartail le teine mor a-meadhan an lair; bhitheadh sinn a’ deanamh cruach mhath mhonach mus deidheadh sinn dhachaigh anns an Lunasdal/ ‘S e leapannan chlach a bh’againn le fianach agus ranach ‘s mar sin innt’.  Bha I gu math cruaidh, ach co aige bha dragh nuair bha thu cho sgith ri asal a’ cheaird a h-uile oidhche leis na bh’agad ri dheanamh fad an latha.

"Thoisicheadh seo a h-uile bliadhna air Latha Buidhe Bealltainn - Latha na h-Imrich.  Abair upraid, onaghailagus fuaim aig gach creutair aig sia uairean sa mhadainn air an latha seo.  Bodaich Nis ag eirigh aig  briseadh an latha - b’e siud sealladh dha rireabh.  Bha iad a’ cur seachad an corr dhen bhliadhna a’ gearain airson gun dhuisg feadag a’ phuist iad aig deich uairean.  Co-dhiu, an latha seo eadar-dhealaichte.  Bha ‘n crodh a’ buireil (cha chreid mi nach robh rios ac), na h-eich a’ stampadh anns an t-sabhal, na cearcan a’ sgriachail agus a’ chearc ghuire a’ toirt phiosan as druim a’ chait bhochd nach robh ag iarraidh cail ach isean beag airson a bhracaist.

"Tha mi a’ bruidhinn a-nis air na seann taighean dubha mar a bha iad airson miltean de bhliadhnachan, aon dhoras (agus doras an t-sabhail), gun uinneagan ach toll beag dha na cearcan shios air an todhar.  Nuair a dh’fhosgladh an doras, bha sgoth mhor dhubh a’ tighinn a-mach, agus tha cuimhne agam fhathast a bhith a’ cluinntinn sgriach aig inean a’ chait air an lar chruaidh-chreadha ‘s e deanamh “sharp left” a-mach air an dorus.  Nuair a thigeadh fear an taighe a-mach a sholas an latha, chitheadh tu gu robh e cho donn ri Eskimo, le ceo na monach. Tha sin furasda a chreids’.  Bha an geamhradh fada, fuar agus stoirmeil ann an rud beag de thaigh gun uinneag, agus is beag an iongnadh gu robh iad toilichte nuair a thigeadh an t-earrach."

Seonaid Guinne (Jessie Morrison), 7 Cnoc Ard, màthair a’ Phatch, a’ fàgail chuidhseadair leis a’ chrodh Lùnasdal 1947.  Bha I dol chun na h-àirigh gach samhradh gus an robh I aois 97.

"Mu dheireadh thall, a h-uile fear agus te le mailead mhath air an druim, ghluaiseadh sinn cho slaodach ri tiodhlacadh suas an rathad ‘s a-mach straid a’ chuil.  Bha an crodh bochd uamhasach lag agus caol an deidh bhith fad a- gheamhraidh gun chail a dheanamh ach seasamh no laighe shios air an todhar.

"Bhitheadh sinn a’ leigeil a’ chiad anail timcheall air a’ Gharradh Dhubh , mile bhon taigh, agus an uair sin a’ dol seachad air a’ Champar, far an robh muinntir Eoropaidh a’ caitheamh an t-samhraidh.  Air do laimh chearr chitheadh tu Airigh nan Gruigean agus Seileastotar eadar thu ‘s an cladach.  Seo airighean muinntir nan Coig Peighinnean ‘s a’ Chnuic Aird.  Anail bheag eile aig a’ Bheithir, da mhile air do shlighe, agus mu cheireadh ruigeadh sinn Sorachan a’ Bhodaich, faisg air Airigh a’ Bhealaich, leitheach slighe gu Diobadal.  Bhithead sinn a gabhail biadh ann an sin, agus an crodh gu math sona ag obair air an fheur ur.

"‘S e muinntir Lionail a bhitheadh air Airigh a’ Bhealaich agus shios tarsainn air gleann Chuidhseadair bha Airigh Bhiliscleitir far am bitheadh muinntir ceann shios na sgire.  Bha eaglais bheag ann an sin air fior bharr creig uamhasach, air a’ togail le ‘An Fiosaich, Baisteach a thainig dhachaigh a Aimearaga.  Bhitheadh torr dhe na daoine  a bh’air a’ mhointich a’ dol innte air Latha na Sabaid.  Pios a-mach air Gil Sgioba Gearraidh bha Airigh na Maoim agus bha fuaran ann as am bitheadh daoine ag ol, ‘s iad den bheachd gu robh e math airson siud ‘s an seo.  Bha e lan iarainn.

"Bha sinn an uairsinn a’ dealachadh ri cuid a bha a’ dol domhainn suas dhan mhointeach gu Loch Bacabhat Chrois, a-measg muinntir Shuaineaboist, agus pios beag eile bha airighean Ghleann Dail agus Airighean Beinn nan Caorach, far am bitheadh muinntir Dhail a’ dol.

"Thoisicheadh sinn an uairsin air dara leth an turais, agus am pairt bu dhuilich, tarsainn air monteach a bha uamhasach bog agus gle chunnartach dhan chrodh.  Bhitheadh feadhainn a’ tionndadh ann an seo suas gu Loch nan Atrabhatan agus Loch Neill Bhain, mile no dha shuas, agus Loch Mor na h-Aoighe a bha gu math ao-domhainn mar a tha an t-ainm ag innse dhuibh.  Bhitheadh feadhainn eile a’ dol a-mach direach bho Shuaineabost agus Chros gu Loch Bha-a-Leois agus Loch Sgeireach Bhat -a-Leois, Loch Sanndabhat, ‘na h-Airighean Fad As’ agus ddha na tri de dh’aiteachan eile mar Loch Tana nan Leac, Loch Fada nam Faoileag, Loch Chruinn agus Loch Plumadaich an Amadain.  Tha mi cinnteach gu bheil sgeul neo-chumanta air an te mu dheireadh. Tha Loch Chruinn uamhasach neonach - cho cruinn ri cearcall agus gainmheach timbheall oirre, shuas ann an siud a-meadhan na mointich agus fichead troigh de riasg as a h-uile aite airson miltean air gach taobh.

"Ach do rainig sinn Diobadal fhathast:  Mu dheireadh thall, dhirich sinn uachdar beag, leis an ainm Druim Ghrinnbhal, agus bha sinn a’ sealltainn sios air Gearraidh Dhiobadail.  Bha ceo as dha na tri de na h-ochd taighean oir bha cuid uair a thide no dha na bu traithe na sinne.  Abair thusa aoibhneas an deidh latha cruaidh fada.  Bha na balaich oga a; ruith ann am buaileagan ‘s gun cail a chuimhne aca air cho sgith ‘s a bha iad.  “Tha ceo as an taigh againn.  Tha sinne a’ dol a dh’fhaighinn tea agus buntat’ is sgadan”, bhitheadh iad a’ sgriachail! Cha robh duine na beathach nach robh toilicht’ gu robh an latha duilich seo air ar cul.

"Bha sinn an uairsin gar suidheachadh fhein agus torr de rudan beaga againn ri dheanamh mar a bhith a feannadh sgrathan airson mullach an taighe - obair chruaidh.  Airson solas a leigeadh a-steach, bha troigh no dha air fhagail fosgailte shuas aig a’ ghath-droma.  Bhitheadh sinn cuideachd a’ fosgladh na cruaich oir bha an doras na broinn, agus na soithichean ‘s na praisean ‘s mar sin.  Nuair a bha sinn deiseil cha robh an airigh math gu leor airson ban-righ Shasainn ach bha i math gu leor  do bhodaich agus chailleachan Thaboist.  Bha facal aca ann an Leodhas aig an am ud, “Cho sona ri crodh an Taobh Siar”.  Ann an Nis, bhitheadh sinn ag radh 'Cho sona ri fear a-meadhan Thaboist'.

Iain ‘An Fiosach’ Macneacail (an dàrna fear bhon taobh clì) a’ tadhail air na h-àirighean le caraidean uaireigin eadar 1925 agus 1930

"Bhitheadh na mnathan ag eirigh trath anns a’ mhadainn airson a dhol dhan chladach. Bha an crodh gu math deidheil air feamainn aig tide bleoghain.  ‘S e obair chruaidh agus fhliuch a bh’ann, a’ direadh nan leoidean eader Mol Dhiobadail agus na taighean.  Chitheadh tu bo far an latha le stamh aice na beul agus shaoileadh tu gur e cigar a bha thu a’ coimhead."

"Bha gearraidh bheag eile rud beag shuas anns a’ mhointich, Loch Dubh  Dhiobadail, anns an robh teaghlaichean eile a Tabost, agus eader an da aite, bha torr de bhalaich agus chlann-nighean oga timcheall air an aon aois, agus bha tideachan gle mhath againn.  Bha mi fhin agus Murchadh Mhurchaidh Chaluim mar da bhrathair, ach gu bochd bhasaich e og muair a bha mise air falbh bhon taigh.

"Bhitheadh sinn a’ streap nan creagan, a’ creagachd am beul na h-oidhche, a’ dol air “expeditions” gu mullach Muirneig no a-mach gu Abhainn na Cloich agus a’ coimhead as deidh nam beathaichean nuair bhitheadh iad faisg air na creagan.  Cha robh mionaid agad dhut fhein.  Cha robh an latha fada gu leor.

"Bha an crodh gu math fada nan ceann fhein mu dheidhinn cait an cuireadh iad seachad an latha.  Bha iad gu math doigheil air an Teanga, pios breagha de “chluainibh” glas’ far a bheil Gil an Tairbh agus Gil Dhuobadail a’ coinneachadh.  Dh’fheumadh tu do shuil a chumail orra oir bha creagan mora a’ dol fada suas dhan mhointich.  B’e aite eile, Slagan Thurtail, a-mach taobh Tholastaidh, seachad air Loch Sgeireach, seachad air Tom a’ Mheurain (tom beag neonach le toll mar meuran na mhullach).  Bha an t-aite seo, le timcheall air acair na dha de dh’fheur breagha uaine, eadardhealaichte ris na bha timcheall.  ‘S iongantach leamsa  mur an do dh’eirich rudeigin ann an siud uaireigin.

"Sin mar a bha a’ chuis mata.  ‘S e saoghal eile a th’ann an-diugh.  Theid thu a Steornabhagh ann an uair a thide gun boinne-taige de fhallas a chall.  Tha mi fhin a’ smaoineachadh gu bheil fallas gu math dhut.  Ach an deidh sin, ‘s fhearr “bingo” na cliabh de mhoine dhubh.

"Bha na seann laithean gu h-araid cruaidh air na boireannaich oir bha na fir gu tric air falbh bhon taigh aig tide na h-obair throm.  Ach an-diugh chan eil each ann an Nis agus ‘s gle bheag de chrodh a th’ann ‘s tha a’ chroitearachd marbh.  Tha na taighean cho math ‘s a chi thu ann am baile mor, burn teth agus fuar, an dealan ri do laimh, agus carbaid ola na sheasamh air iomadach staran.

"Ach an deidh sin, tha feadhainn beo fhathast a tha a’ coimhead air ais le ionndrainn agus cianalas gu na samhraidhean a chuir iad seachad ann an aidhear  na mointich.  Cha robh cail na bu taitnich do Leodhasach na dusgadh aig briseadh an latha, ‘ s an adhar gorm ri fhaicinn tro na tuill anns na sgrathan, na h-eoin a’ bruidhinn ri cheile - cearcan fraoich, feadagan, smeoraich  - ceo na maidne anns na slagannan beaga agus bannda de cheo tarsainn air meadhan an aon bheinn a bh’againn, Muirneag.

"A’ sealltainn air ais, ‘s e na laithean fada grianach a bhitheas sinn a’ cuimhneachadh, ach bha gu leor de laithean fliuch agus fuar ann cuideachd.  Ri co-dhunadh, tha aon rann aig Domhnall Chraisgean, Bard Bharabhais, a’ moladh na mointich, a tha cho alainn ri rann a chaidh a riamh a chur ri cheile ann an canan sam bith.

"Aon rann de dh’oran gaoil a dhoirt e a-mach as a chridhe mu Eilean Leodhais:

"Tha uisgeachan min a’ cireadh fuiltean nan gleann
Fo bhilich an fhraoich tha gaoir is faram nan allt
Tha osag na gaoith gu coibhneil thairis gach la
Air eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghraidh."