|
Do dhuinne a bha
tighinn dhachaigh a ùpraid a’ bhaile mhòir a shireadh sàmhchair agus
saorsainn bha an ceum a bha eadar Lìonal agus Filiscleitir na b’ fhaide na
an ceum a bha eadar Lunnainn agus Lìonal.
Nuair
a ruigeadh e an àirigh cha b’ e mhàin an t-eallach a bha air a dhruim a bha
e a’ leigeil dheth ach an t-uallach a bha air inntinn.
Sin an cliù a bha riamh aig an àirigh – a h-uile latha sona ’s gun ghin idir
dona: cha robh guth air smùid uisge no plàigh mheanbh-chuileag. Bha
eadhon luchd na mòintich, an fheadhainn a bha dèanamh na h-obrach, gan
saoilsinn fhèin air làithean-saora an t-samhraidh, gun luaidh air càirdean a
bhiodh a’ tadhal orra. Bha iad uile mothachail air fallaineachd na
mòintich ’s bha cur-seachad aig seann is òg. Ma bha duine ro aosda
airson a bhith cruinneachadh churra-mhìagan le canastair còco, dh’ fhaodadh
e dhol an cuideachd nam balach ’s nan caileag bhon bhaile, a bhiodh a’
tighinn a chur seachad oidhcheannan air an àirigh, uaireannan gun mhòran
cadail. Bha fealla-dhà is cridhealas an sin nach robh an urra ris an
aimsir ’s nach do dhìochuimhnich duine dhiubh tha fhathast beò. Tha
dusan paidhir bhròg a’ tiormachadh mun teine a cheart cho ùr nam cuimhne ri
dealt na maidne air lìon an damhan-allaidh ann an fèith, no sealladh den
ghrèin ag èirigh as a’ chuan tuath air a’ Charbh. Chan eil duine an-diugh
an Nis fo dhà fichead bliadhna dh’ aois a chunnaic crodh air àirigh: tha na
snàithlean sin de ar dualchas fighte ann an clò ar n-eachdraidh.
‘S
e fìor sheann chleachdadh a tha ann a bhith dol le crodh gu àirigh, chan ann
a-mhàin anns na h-Eileanan an Iar agus air Gaidhealtachd na h-Alba ach ann
an dùthchannan eile cuideachd, mar tha Èirinn, Lochlann agus an Eilbheis;
agus b’ e an t-aon adhbhar a bha air cùl a’ chleachdadh anns gach ceàrnaidh
– cothrom fàis a thoirt do fhear a’ bhaile gus am biodh e ri fhaighinn na b’
fhaide air a’ bhliadhna.
Tha ainmean àitean ag innse dhuinn gu bheil àirighean air a bhith ann an
Nis, mar an àitean eile, co-dhiù bho àm nan Lochlannach. Bho uair a
bha gearraidhean Nis far a bheil na bailtean an-diugh, ach bha iad fhèin ‘s
na puill-mhònach a’ teicheadh a-mach chun na mòintich bho linn gu linn.
Tha àite eadar an Cnoc Àrd ‘s am Port ris an canar an Àirigh Ghlas.
Sin far an robh muinntir Eòropaidh a’ dol leis a’ chrodh mus robh taighean
idir air a’ Chnoc Àrd no anns a’ Phort. ‘S ann acasan cuideachd agus
aig muinntir nan Còig Peighinnean a bha na h-àirighean a b’ fhaisge air
baile gus bho chionn leth cheud bliadhna – air Heileastotar, air a’ Champar
agus air na Grùigean.
Aig an aon àm bha aig muinntir Thàboist ri dhol a-mach gu Bhata-leòis ’s gu
Dìobadal, còrr air seachd mile de choiseachd. ’S ann an cliabh a chaidh mo
phiuthar-chèile gu Bhata-leòis an toiseach, ’s nuair a chunnaic i an
aitreabh thoisich i rànail, ag èigheachd, “Chan e taigh tha sin ann ach
bruthach le ceò as!”
|
Iain
Macneacail (An Fiosach) a’ cuideachadh boireannach (bean Shantaigh) le a
cliabh tarsainn air abhainn Chuisiadair air mòinteach Nis.
An
gobhar – sealladh neo-àbhaisteach air a’ mhòinteach – ri fhaicinn air
taobh clì an dealbh |
Bha na h-àirighean sin na b’ fhaisge air Tolstadh na bha iad air Nis.
Nuair a thoisich balaich Tholstaidh a’ cluich ball-coise, ’s e ceanglaichean
a thug iad bho thaigh air an Loch Sgeireach a bha aca nam puist-bhàire. ’S
dòcha gu robh cuimhne aca air balaich Thàboist a bhith creachadh àirighean
Tholstaidh nuair a bhiodh na banachagan aig baile.
Bha an àirigh ceangailte ri crodh ‘s ri croit. Aig baile bha na
beathaichean a-staigh an latha ‘s a dh’ oidhche fad a’ gheamhraidh, ‘s iad
beò gu ìre mhòr air eòrna air a bhualadh anns nach robh beatha sam bith (ged
nach robh fios air sin aig an àm); ‘s mun tigeadh an t-earrach bha iad gus a
dhol air thogail le dìth bìdh. B’ e toiseach a’ Chèitean an t-àm
Àbhaisteach gu bhith dol leotha chun na h-àirigh, ach bhiodh bliadhnaichean
ann le dìth fodair a dh’fheumte falbh anns a’ Ghiblean. Aig an àm sin
den bhliadhna cha robh cus ri fhaighinn air a’ mhòintich fhèin ‘s bhiodhte
buain a’ mhorrain dhaibh le tàl ‘s a’ toirt feumainn thuca bhon bhaile no as
na dromannan aca ro dheireadh an t-samhraidh.
Chan eil eòlas sam bith agamsa air àirighean Dhail is Chrois (Gleann
Ghabhsainn, Gleann Dail, Beinn na Caorach is eile); ach tha mi creidsinn gur
e car mun aon seòrsa dòigh-beatha a bha air an àirigh anns gach àite.
Chan eil ceann shuas na sgìre a’ saoilsinn gur e mòinteach idir a tha
againne ris a’ chladach. Tha eadhon fear Thàboist a’ sealltainn sìos
air Cuidhsiadar ‘s air Àirigh a’ Bhealaich. ‘S fheàrr leis-san
breacach na creagach, ‘s tha diofar leis eadar bùrn donn Loch nan Claban ‘s
“uisge soilleir” Bhata-leòis. Ach ‘s caomh leinne an ceann shìos na
sgìre na creagan ‘s na cladaichean agus fàileadh na mara cho math ri
fàileadh an fhraoich (nach eil cho pailt air a’ mhòintich àird).
‘S
e bhith ruith ‘s a’ leum cas-rùisgte air na h-eileanan dubha rèisg am bòrd
Loch Bacabhat ro dheireadh a’ Chiad Chogaidh a’ chiad chuimhne tha agamsa
air àirigh. Bha teaghlaichean as a’ Chnoc Àrd ‘s a Tàbost an sin taobh
ri taobh. Ach bho thàinig mi gu aois ‘s ann air Àirigh a’ Bhealaich ‘s
air Cuidhsiadar, air Filiscleitir ‘s air Allt an t-Sùlair bu trice a chaidil
mi, agus ‘s ann air na gearraidhean sin as eòlaiche mi. Bha dùil
againne riamh gur e ainm Gàidhlig a bha ann, ach ‘s ann a tha e bho fhacal
Lochlannach ag ciallachadh
cnoc: nach sinn a dh’fheumas a bhith faiceallach le ainmean àitean!
Bha a’ chuid mhòr de na h-àirighean sgaoilte air lochan ‘s air aibhnichean
far an robh cothrom air bùrn, beannachd dha-rìreabh. Bha fuaran
cuideachd aig gach gearraidh; ‘s tha an t-uisge ann an tobair Àirigh a’
Bhealaich ‘s an tobair Chuidhsiadar fhathast cho glan fuar càilear ‘s a bha
e riamh. Bha Filiscleitir rudeigin eadar-dhealaichte, a’ ghearraidh
air thalamh àrd an urra ri aon fhuaran, ‘s na taighean nan cròileagain, cuid
dhiubh ceangailte ri chèile an diofar dhòighean.
Bha meadhan an linne mu dheireadh cha b’e bothain-àirigh mar a bha an
àiteachan eile a bha aig na Nisich ach taighean earraich. Bha an crodh
a-staigh air an oidhche dìreach mar a bha iad aig a’ bhaile, ‘s dh’fhaodadh
mart a bhith air stèill aig gach taobh de cheann shìos an taighe.
Bhathas a’ cartadh an taighe gach madainn agus a’ cur a-steach leapannan ùra
de sgrathan fraoich gach dàrna latha. Dh’ fhàg sin todhar-puill air
beulaibh gach taighe, ‘s tha iad sin an-diugh nan tulaich uaine làn de
dheanntagan.
Bhon bha na crodh a-staigh air an oidhche, bha na taighean air sliomas
dìreach mar a bha iad aig a’ bhaile; ‘s mar bu trice bha an aghaidhean air
an àird an ear air sgàth fasgadh (cha robh ach aon doras air an taigh
earraich). Bha taighean Fhiliscleitir bho cheithir troighean fichead
gu deich troighean fichead a dh’ fhad agus mu naoi troighean a leud.
Bha am bàlla-staigh daonnan de chloich ‘s am balla-muigh mar bu trice de
chip. Bha na ballachan grunnan throighean a thighead le tobhta orra a-muigh
mar a bha air taighean a’ bhaile.
Bha an teine am meadhan an làir ‘s an deathan ag èirigh suas tro mhullach an
taighe far nach robh na sgrathan dùinte air. An uachdair an taighe, mu
thrì troighean os cionn an làir, bha leabaidh chloiche bho bhalla anns an
robh còrr math air sia troighean a dh’ fhad ‘s i air a dhèanamh an àirde gu
dòigheil le connlaich, no le fianach ma bha fodar gann. Bha i mòr gu
leòr do thriùir, ach nam b’ fheudar chaidleadh còignear innte air an
tarsainn. Ris a’ bhalla (air gach taobh an cuid de thaighean) bha
suidheachan cloiche air a chòmhdach le sgrathan, chitheadh tu a’ bhò a’
cnàmh a cìre an ceann shìos an taighe. Bha soilleireachd gu leòr a-staigh
ri tìde mhath, oir bha uinneagan beaga am bàrr a’ bhalla ‘s bha an doras
faoin fosgailte fad an latha.
Bha na fàrdaichean glè lom bho chionn fhada le tuill anns a’ bhalla airson
nam miasan bainne, ach mu dheireadh bha preasan fiodha anns gach taigh. Mar
a bha na bliadhnaichean a’ dol seachad bha na taighean a’ fàs na bu
spaideile. Bha bhruis gheal a’ dol air aghaidh na caillich agus eadhon
còmhdach aodaich air a h-uachdair. Bha pàipear a’ dol air gach balla
mun teine ‘s mun leabaidh, ach cha b’e pàipear-naidheachd ach bolt na bùtha.
Ach cha b’ e fàsach toirt air fuireach na àite: bha feadhainn ga chrochadh
bho bàrr a’ bhalla le sìoman Theàrlaich. Bha lampa le glob crochte air
a’ bhalla ged nach robh mòr fheum oire fad ‘s a bha an latha fada. Mu
dheireadh cha b’ fhiach teine am meadhan an làir: ach chan fhaca mi riamh bò
ann an taigh le similear anns a’ bhalla.
A-nuas
tro na linntean bha an àirigh gu mòr an urra ri boireannaich ‘s ri cloinn.
Bha càch an sàs an rudan eile, cuid air falbh bhon taigh an ceann an
cosnaidh ‘s na bha aig baile a’ strì ri fearann ‘s ri eathraichean ‘s ri
mòine. Bho thàinig Achd an Fhoghlaim chan fhaigheadh clann-sgoile chun
na mòintich ach dà oidhche san t-seachdain gus an dùineadh an sgoil toiseach
an Iuchair. Le sin cha robh na bha air an àirigh nan tàmh. A
bharrachd air a bhith bleoghan nam beathaichean moch is anmoch, bha aca ri
sùil a chumail orra fad an latha agus leapannan ùra a chur fòpa. Bha
iad an sàs ann am mòine, ann am fuine ‘s ann am measradh, agus dh’fheumadh
iad mìltean mòra a choiseachd chun a’ bhaile gach dàrna latha. Cha b’e
an òigridh a-mhàin a bhiodh a’ dèanamh an turais ach mnathan aosda cuideachd,
ged a bha feadhainn dhiubh sin nach robh a’ fàgail na gearraidh fad an t-samhraidh.
Bha eallach ri ghiùlan air ais ‘s air adhart, toradh na bà a’ dol dhachaigh
‘s toradh na bùtha a’ tilleadh. Bha biadh do dhuine ‘s do dh’ ainmhidh
ri thoirt chun na mòintich, oir cha leagadh an crodh am bainne mur biodh
rudeigin aca ga ithe.
Bha am Bìoball teaghlaich a’ dol chun na h-àirigh
còmhla ris gach nì feumail eile, ‘s bhathas a’ cuartachadh an adhraidh moch
is anmoch. Bhiodh piuthar m’ athar a’ gabhail an leabhair cho luath ‘s
a gheibheadh i a’ chiad chupan teatha anns a’ mhadainn, mus bleòghnadh i a’
bhò ‘s mus tigeadh duine a-steach. Ach cha bhiodh cunntas air
àirighean nis coileanta gun iomradh a thoirt air Iain MacNeacail (Iain
Fhiosaich), a bha searmonachadh an t-soisgeil air Filiscleitir ann an
eaglais a thog e os chionn Chuile. Tha i an-diugh gun doras gun cheann
‘s na chaidh fhàgail innte de Bhìobaill ‘s de laoidheadairean air falbh leis
a’ ghaoith; ach bha uair a bha i làn
gach feasgar Sàbaid. Cha b’ e mhàin gu robh muinntir nan gearraidhean
ga frithealadh ach bha bus beag Ròigean a’ dol a-mach gu ceann an rathaid le
òigridh bhon bhaile.
Bho thigeadh dorch anns an oidhche bha a’ mhòinteach a’ fàs car uamhalta; ‘s
bha an crodh a’ dol dhachaigh air a’ chiad Diardaoin den Lùnasdal. ‘S
e latha mòr a bha ann an latha na h-imrich. Bha sùil ghèir ri chumail
air na beathaichean, oir bha iad a’ dèanamh as dhachaigh cho luath ‘s a
chitheadh iad leitir na leapannan ga losgadh ‘s fadachd orra gus am
faigheadh iad gu feur na machrach. Chan fhaodadh duine teine chur ris
an fhraoch ro làimh. Bha gach soitheach is eile a thàinig a-mach an
toiseach an t-samhraidh ri thoirt air ais dhachaigh. Bhon ‘s e
sgrathan a bha air gach taigh, chan fhaodte doras fhàgail dùinte tron
gheamhradh air eagal ‘s gun tuiteadh caora a-steach tron mhullach. Bha
a’ chòmhla air a thoirt bho na lùdagan ‘s air a càradh ri cùl na leapa no fo
na sgrathan ri bun-bac, ‘s bha am bara (ma bha fear ann) air a thìodhlacadh
anns a’ chruaich mhònach gu earrach. Bha na taighean fosgailte aig na
caoraich fad a’ gheamhraidh, ‘s dh’fheumte an glanadh ‘s an cur air dòigh
mud deidheadh an crodh a-mach a-rithist an ath shamhradh.
Tha an àirigh fhathast a’ tàladh dhaoine gu bhith cur seachad greisean oirre;
‘s tha Cuidhsiadar gu h-àraidh freagarrach, le dà fhuaran ‘s rathad gu gach
ceann den ghearraidh. Tha teàrr air pàirt de rathad a’ Champair ‘s tha
morghan air rathad Sgiogarstaigh a-mach seachad air an abhainn, le drochaid
aig Clach na Mònach far na chleachdas a bhith dol tarsainn. Ach bho
dh’fhalbh an crodh saoilidh mi nach e an t-aon àite a tha ann. Ged tha
còrr math air fichead fàrdach air an abhainn am bliadhna – seann taighean le
similearan, carabhanaichean, closaichean bhusaichean ‘s seadaichean de gach
seòrsa – ‘s ann tha an sealladh na sheòrsa de bhriseadh-cridhe dhomhsa ‘s
dham leithid a chunnaic a chaochladh ‘s aig a bheil cuimhne chùbhraidh air
làithean a dh’fhalbh ‘s nach till. Ged a bha camera mum amhaich, cha
do chuir mi rim shùil e mus biodh a’ ghearraidh air a nàrachadh. Co
dha shealltainn-sa taigh-mòintich le seann reothadair mòr geal na thiùrr air
an todhar-puill – rud nach bu dùirig dhomh fhèin sealltainn ris?
Ach tha a h-uile coltas gum bi daoine a’ dol chun na mòintich gach samhradh
anns na bliadhnachan a tha romhainn mar a bha bho chian; agus cò ‘s urrainn
a ràdh nach e rud math tha sin? Chan fhaic iad tuilleadh bainne air
suidheachadh no banaraich le buaraich, ‘s cha mhotha chluinneas iad glug ann
an cliabh à soitheach le imideal ma cheann; ach cha do dh’atharraich dath an
fhraoich no fionnarachd na gaoithe, ‘s tha na feadain fo thalamh a’ seinn
dhaibhsan a dh’èisteas. |