|
'S bha
'n ciùrair air a dhòigh- Leslie, Alick Wood, agus càch - na bàtaichean
air a' chuan air toir a' sgadain, 's cho luath 's a gheibheadh a'
chlann-nighean caoiteas a' sgoil, a-mach a seo an ceann an cosnaidh.
Luchd deasachaidh an sgadain ag obair ann an Steòrnabhagh sna 1920n
|
 |
’S e ath-sgrìobhadh de agallamh a bh’air a
chlàradh air teip-claistinn th’anns na leanas agus tha sin follaiseach san
dòigh còmhraiteach agus no-fhoirmeil sa bheil e air a sgrìobhadh.
Peigi
Dholera:
"A' cheud trup a dh' fhalbh mise chun an iasgaich, 1925's mi ochddeug, b'e
sin a' cheud trup a bha mi ann a Steòrnabhagh. Air bus buidhe Dhòmhnaill
Thàididh a dh'fhalbh sinn, mi-fhìn 's gu leòir eile: Catriona Dhòmhnaill
Stuffain, 's Catriona na Sùisd; Seònaid Iain Bhig, Anna Mhurchaidh Phìobair
...
"Chaidh sinn
air steamar mhòr a bha ris a' chidhe, 's dh'fhalbh i leinn. A' St. Ninian
cha chreid mi an t-ainm a bh'oirre, agus dh'fhalbh sinn innt'.
"Chaidh sinn
dìreach a Lerwick 's thug sinn fad latha 's fad oidhch’ ’s greis dha
lairnemhàireach mas do ràinig sinn. Bha droch mhuir ann,agus geile,'s theib
sinn a bhi marbh le cur-na-mara. Tha cuimhn' a'm gu robh Iain Rochaidh air
a' chidhe nuair a ràinig i, 's thuirt e: 'Cha robh dùil a'm, a
chlann-nighean, gu ruigeadh sibh beò."
Chaill cuid
a misneachd, 's b'fheudar dhaibh tilleadh dhachaidh-taobh Obaireadhainn.
Bho'n uairsin b'ann taobh Obaireadhainn a dheidheadh iad gu iasgach
shamhraidh Shealtuinn.
Mairi
Mhoireach
- "Air a St. Magnus, a ghràidh - mi-fhìn 's Mairead a' Mhol'ian a 's an aon
'cubicle'. Agus fear eile, cùbair, 'na chadal gu h-ìosal. 'Bunks' againn 's
bha canastairean crochaicht’ ri ar taobh, nan tigeadh cur-na-mara ort. 'S
bha mi gu bhi marbh leis, an canastair làn gu bhus. Cha robh air ach mo làmh
a chuir sìos a dh'iarraidh canastair an fhir a bha fodham - dùil agam gu
robh e 'na chadal-'s rug e air caol mo dhùirn! A'sgriach a leig mi! Cubair à
Ceann-Phàdruig a bh'ann 's h'abair duine ciatach. Dh'èirich e, 's bha e
tighinn 's a' falbh le canastairean 's a' frithealadh oirnn gus na ràinig i.
Bhiodh sinn dha fhaicinn a-rithist 's sinn a' cutadh.
" 'When are
you going home, girls?' chanadh e."
"Just the
thought of it made them sick", thuirt tè à Nairn' s i bruidhinn air an
turus-cuain gu Sealtainn.
Ach a' dol
tarsuinn air an t-Sheila a' b'uamhasaich idir."
 |
A’
leigeil anail airson an dealbh seo tha feadhainn dhan fir agus
boireannaich a bha a’ leantainn iasgach a’ sgadain air fad na dùtcha,
bho Stronsay agus Lerwich anns na h-Eileanan a Tuath Alba gu Lowestoft
agus Yarmouth an Sasainn |
Oighrig
Ailein Smiot
- "'S e cuimhne chràiteach a bhios agam air an t-Sheila gu bràth. A-chula
duine 'na sìneadh air muin a-chèile - cha robh comhfurtachd anns an t-Sheila
idir."
|
Mairi
Mhoireach
- "'Na mo
chadal 's an 'case' donn fo mo cheann nuair a dhìbheir Mairead orm-'chops' a
dh'ith i an tigh Bellag Gilios mas do dh'fhalbh sinn. Thuirt Mairi Thormoid
rium nuair a ràinig i 'n Caol: 'Stad thusa, Mhairi. Tha 'n t-chop man a
dh'ith i e steigt' ri do dhruim!'
"Mo chòt Or
'navy blue' a bh'agam air 'approval' bho J. D. gus an coisninn aig an
iasgach na phàigheadh e!"
"Agus aon
uair's gum buaileadh i an Caol bha 'n trèana mhòr a feitheamh orra. A
dh'fhalbhadh aig naoi anns a' mhadainn-can madainn Di-Luain - 's nach
ruigeadh Yarmouth gu mu thimchioll air ceithir uairean feasgar Di-Màirt, an
t-slighe dorch, cadalach, ann an toiseach a gheamhraidh."
Anna 's Anges
Aonghasi Iain Ruaidh, Murdag Dh'll Magaidh, Cairstiona Aonghais Thormoid,
Mairi Iain Aonghais, Mor Fhionnlaigh
|

|
Oighrig
Aiilein Smiot
- "Cha robh
mi le cur-na-mara a-riamh. Ach an trèana ... Cha do dh’fhosgail mise mo
shùilean anns an trèana riamh bho dheidhinn innte gus an tiginn aist; s cha
do dh’ith mi càil innt. 'nan gluaisinn idir bha mi dheth. . .
Ann an
tionndadh cadail stadadh i - steisean a' Bhovir-eel 's docha, neo dealbh a'
moladh Oxo air taobh-a-muigh na h-uinneig, neo Mrs Rawlins leis a'
"starch"-Yarmouth agus Gorleston miltean air falbh."
Cairstiona
Alasdair Phiobair
- "Bha
snèapan suaineach aig clann-nighean an Taobh Siar. Peigi Cherry 's Mairead
Sheonaidh, bha iad ann -'s chaidh mi-fhìn 's Màiri dhan a' "chompartment"
aca. 'S chaidil sinn greis as deidh sin, 's dhan trup-sa dh'fhairich sinn an
trèana a' gluas'd 's chunna sinn aghaidh Pheigi, piuthair do mhathar, air an
uinneig, a' dol seachad. Chuir sinn a-mach ar cinn: 'We're for Gorleston!'
bha sinn ag eigheachd 's i falbh leinn, uair-a-thìde eile gu Lowestoft. Mar
nach robh sinn fada gu leòir innte.
Thug iad air ais sinn a rithist ann an 'truck' a bh'air cùl 'engine'.
"Uaireanan eile, eadar an cadal 's an duisg, chanadh tè: "Seallaibh
a-mach, a chlannnighean. Seo na muilinnean-gaoithe". 'S bha sin a'
ciallachadh gu robh iad mu dheireadh thall faisg air Yarmouth. Na
"Scotch Maggies" mar a bh'aig na Sasunnaich orra."
Nellie a’ Phoc à Suaineabost, Nis, ag obair aig gàradh sgadain sna
1920n. |
 |
Peigi
Dholera
- "Bhiodh 'holiday-makers' a'tighinn timchioll's a'togail dhealbh. Bhiodh
'ad a' gabhail 'fancy' dhinn. Tha cuimhn' agam aon uair ann an Scarborough,
agus na bucais làn thàinig dà leadaidh timchioll agus bha'd a’ foighneachd
dhuinn na rug sinn air na bha sin a' sgadan bho raoir. Dùil aca gur e
sinn-fhìn a bha'g iasgach a-muigh."
"Agus an t-iasgach
fhèin. Obair chruaidh chràiteach bho latha thogadh iad an "eàrlais" thall
anns a' bhaile. Deich tasdain, mar thasdan a' rìgh - sin a gheibheadh iad
bho'n "agent" - agent Slater, neo Buchan, neo an tè Ghàidhealach ud ris an
canadh iad A' Chailleach Ruiseanach.
"Bha triuir
anns a' "chrew" - dithis a' cutadh agus am pacair."
[Barrachd bho Peigi]
Mairead A’
Bhodaich
- "O bha'd as a' Bhruaich, Ceann-Phadruig, Wick, Embo. . . Port Knockie, cà
na dh'fhàg mi e. 'S iad cho snog, a' chlann-nighean sin."
Agnes Gilios
-
"Seall air na luideagan a bh'oirnn. Agus sin na balaich Eireannach - bha
iadsan a' cutadh cuideachd. Balaich bhàna Dhonegail."
Mairead A'
Bhodaich
- "Lionadh-tus baraillean, agus dà latha an dèidh sin bha 'n ath-lìonadh
ann,'s an uairsin an treas-lìonadh, agus ceann brèagha 'ga chur orra 's a'
cur 'stamp' air a' cheann. Na tubaichean a bha trom. Cha b'e obair
bhoireannach a bh'ann idir.
"'S leis a'
bheagan a gheibheadh iad bha pictoran ri 'n ceannach agus soithichean snog
le "Present from Yarmouth" -'s aig deireadh an t-sèasoin bha aoibhneas agus
fealla-dhà air an t-slighe dhachaidh, gàireachdainn agus abhrain gu leòir:
'S fhada
leam go'n toir i sraon
'S fhada
leam go'n toir an trèana
Brag air
rèilichean a' Chaoil.
Dolaidh
Shuathain
- "Tha
cuimhn' a'm orra a' tilleadh. Cairstiona mo phiuthar agus Màiri Alasdair
Dhuinn-air cairt Iain Mhòir. 'S bha Iseabail Alasdair Dhuinn còmhla riutha
's tha cuimhn' a'm gu robh ad oirre-se, 's bha sinn dha coimhead leis an ad
sin oirre - cho leadaidh, ri taobh nan dithis eile.
Air
mhuinntearas a bha Iseabal. Ach 's e sgeulachd eile tha sin."
|