Sign our Guestbook


Ness Historical Society


 
Duilleag Bheachdan
 

 

Do Bheachdan Fhein

 
To reduce unsolicited ‘junk’ entries, we scrutinise Guestbook comments to ensure they are genuine before publication on the website.  We apologise for any inconvenience caused.
<Air Ais
’S e ath-sgrìobhadh de agallamh a bh’air a chlàradh air teip-claistinn th’anns na leanas agus tha sin follaiseach san dòigh còmhraiteach agus no-fhoirmeil sa bheil e air a sgrìobhadh.
 
Bha Aonghas Greum ainmeil airson cho laidir ‘s a bha e.  Seo sgeulachd bheag mu Aonghas Greum a lorg sinn feir man a dh’innis Domhnall a’ Ghiagain nach maireann i:

Bha Aonghas Greum man cuala sinn iomradh.  Bha e ann an America, agus ged  ‘s e duine laidir a bh’ann, ‘s e duine solta a bh’ann.  Agus nuair a bhiodh e tighinn bho obair uairean feasgar bha e dol a steach do thigh-seinnse a ghabhail da phinnt leann ‘s bha e falbh dhachaidh.

‘S ann a bha sergeant nam polis.  ‘Se duine tapaidh a bh’ann, agus bhiodh e “wrestligeadh” ann an duine sam bith a chluinneadh a bha laidir.  ‘S ann a thuirt fear a bha ‘g obair comhla ri Aonghas, “Tha,” ars esain, “duine ‘g obair comhla riumsa nach deanadh sibh cail ris”.

“An inns’ thu dhomh cait am beil e ruieach?”

“Well”, ars esain, “chan urrainn dhomh sin innse, ach bi e gabhail leann anns an leithid seo a’ bhar a h-uile feasgar agus ‘se duine solt’ modhail a th’ann”.

Chaidh sergeant nam polis ‘s thuirt a ris a’ “bharman” an uair a thigeadh an duine solt’ ud a steach e eigheachd a steach air agus cantainn ris gu robh e deanamh buaireadh.


Aonghas Greumach (an duine làidir) na suidhe.  Bhàsaich e aig 7 Tabost, Nis, dachaidh na h-ìghne aige.  Chithear Clach Aonghais Greum ri taobh an rathad air mòinteach Bharabhais chun an latha an-diugh.


O, thuirt am barman, nach gealladh e sin idir - gur e sin “customer” cho math ‘s bh’aige.  O, thuirt e fhein gu  “squairaigeadh” e fhein a h-uile cail as deich laimh.  ‘S ann mar sin a bha.

Thainig Aonghas a steach dhan a’ bhar. Dh’eibh am ‘barman’ an ceann greis air na poilis a steach agus bha sergeant ann an sin a gabhail seachad agus thainig e.  

“Co,” ars esain, “tha deanamh a’ bhuairidh?”  Thuirt e gu robh an duine sin thall, nach do sguir e tharruing a’ bhuairidh bho thainig e steach a nochd.  Fhuair Aonghas “disa” dha rirbeabh man a thionndaidh iad ‘na aghaidh gun aobhar.  ‘S thainig am polis ‘s dh’fhalbh e le Aonghas. 

Ach nuair a dh’aithnich Aonghas gur ann a deanamh air Oifis a Phoilis a bha e, chuir e bhrogan an tac ‘s thuirt e nach robh e dol seach seo.   Greimich an sergeant air ‘s dh’fheuch Aonghas Greum air a dhruim a chun a lar.

“Thoir,” ars esain, ‘chance’ dhomh.  Cha d’dhuair mi ‘chance’ - ‘shlipig’ mi”.  Sheas e rithist ‘s dh’fheuch iad ‘s chuir Aonghas Greum sios e. 

“Thoir ‘chance’ dhomh aon uair eile”.

“Gheibh thus sin,” ars Aonghas Greum.

‘S thug e dha brod an trosd mun lar an uairsin agus chaidh e air a mhuin le ghluin.

“Leig a nise an arda mi,” ars esain. “Cha robh agam gu robh duine air an cuala mi iomradh a dheanadh sud ach Aonghas, brathair mo mhathair ann an Leodhas”.

“Ille,” ars esain, “tha e air do mhuin le dha ghluin”. 

‘Se mac piuthair Aonghas Greum a bh’ann an sin. 

Sin agad seanchas Aonghas Greum