Sign our Guestbook


Ness Historical Society


View My Guestbook
Sign My Guestbook

 
To reduce unsolicited ‘junk’ entries, we scrutinise Guestbook comments to ensure they are genuine before publication on the website.  We apologise for any inconvenience caused.
 

Duilleigan
Croitearachd

Airigh

Airigh (2)

Airigh (3)

Moine

 

 
’S e ath-sgrìobhadh de agallamh a bh’air a chlàradh air teip-claistinn th’anns na leanas agus tha sin follaiseach san dòigh còmhraiteach agus no-fhoirmeil sa bheil e air a sgrìobhadh.
 
Croitearachd le Fionnladh MacChoinnich (A' Chaib)

"Bhiodh iad ri roinn a chladach an Suaineabost airson an fheamainn, ach an aiteachan eile ‘sann ri toirt an fheamainn a chuireadh am muir a steach chun a bhaile bhiodh iad.  Bhiodh iad na cuir far an ruigeadh na h-eich orra – mach troimh’n gheamhradh gu toiseach an earraich.

Cuir buntata aig 27 Dail bho Dheas

"Chuir muinntir Eoropaidh uidhir air an talamh agus mu dheireadh gun robh uidhear de shalluinn ‘san talamh ‘s nach fhasadh buntata.  Cha robh buntata ann an Eoropaidh gus an d’fhuair Murchadh Paw feadhhainn a fhreagradh an talamh ac.

"Tha cuimhne agam fhein a dhol a steach a dh’fhaighinn làn cairt de fheamain a chuir mi an cliathaich drillichean nan sneap, talamh eile air muin sin, ‘s bha sneipean again nach fhaca sinn an leithid a riamh.

"Bhiodh muinntir Chrois ri cuir latha air leth, ‘nuair bhiodh a h-uile duine cruinneachadh ‘sa chladach airson feamainn a bhaile a thoirt dhachaidh.  ‘Se na boireannaich a bhiodh ga cuir gu bàrr a chladaich le na cleibh.  Bha a h-uile duine deanamh air a shon fhein an Tàbost.

Faing ann an Gabhsainn

"Bha iad ceithir bliadhna deug nuair dheidheadh iad f’on chliabh – nuair bhiodh iad a fagail an sgoil.  Bhiodh iad ri faighinn cota strionach an uairsin.  Bhiodh a h-uile duine ri deanamh a chleibh fhein, ach bha feadhainn ann a bha sonnraichte; mar ‘am Molian’.

"Bhiodh iad a gearradh cuiseanan caola, deanamh ‘bundles’ dhiubh, dhan tiormachadh agus ri deanamh staingean fiodh.  Bhiodh iad an uairsinn ri faighinn ceap as am biodh iad ri steigeadh nan staingean agus an uairsin toiseachadh ri fighe nan cuiseagan eatorra.  Bhiodh na cuiseagan air tiormachadh agus air a dhol ruighinn – cha bhriseadh iad.

"Bha’s ri ceannach cearcaill fhiodh dhan lubadh agus ri steigeadh nan goban aca sios don a phios a bhitheadh iad air fighe.  Bha’d an uairsin ri cumail oir’ ri fighe nan cuiseagan.  Bha’s ri fagail dà oirleach mu mheadhon a chleibh.  Bha’s ri cuir sreang gu h-ard agus sreang gu h-iosal – se na brèugan a theireadh iad ri seo.  ‘sann troimh’n seo a bhitheadh an t-ochdach a bhiodh dol mu do bhroilleach ri dol.

Taigh dubh ann an Lional leis am Port air a' chùl

"Bhiodh ‘dronnag’, còta tana a bhiodh iad ri rollaigeadh suas gu meadhon an droma – ‘san iar an seo a bhiodh an cliabh ri laighe ‘s bhiodh na staingean ri goirteachadh an druim.  Ghabhadh an cliabh faisg air poca buntata.  Bhiodh gu leor fhireannaich ri toirt dhachaidh nam mònach leis a chliabh, an Adabroc co-dhiubh. 

An Todalan (Iain Ruairidh Dh'll 'ic Dhòmhnaill agus Dollag, Gabhsunn, a' cur a-mach an todhair.
Donald Morrison and daughter Doli

"Oir cha robh se bhaile ach dà each – fear an taigh a’ Bhodaich agus fear aig Aonghas ‘an ‘ic Aonghais Choinnich.  Bha mhòine mu dha mhile air falbh."